Rugadh Seònaid NicGriogair ann an 1946. Bha a màthair, Catrìona NicDhonnchaidh à Ealaghol as an Eilean Sgitheanach, air tighinn a theagasg dha na Hearadh, far na phòs i Ruaraidh Choinnich Chaimbeil, no Roddy Beag mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Rinn iad an dachaigh ann an Roghadal. Tha Seònaid nas sine na a piuthar, Mairead, agus a bràthair, Coinneach nach maireann.
Chaidh Seònaid do Sgoil an t-Òib agus an uair sin do Sgoil an Tairbeairt airson dà bhliadhna. Thug i an uair sin ceithir bliadhna ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis mus deach i do dh'Oilthigh Ghlaschu a dhèanamh Gàidhlig agus Eachdraidh.
An dèidh ceumnachadh chaidh i do Colaiste Chnoc Iòrdain agus à sin a theagasg Gàidhlig agus Eachdraidh ann an Sgoil Allt a' Mhuilinn an Inbhir Nis. 'S i bha os cionn Roinn an Gàidhlig san sgoil gus an do leig i dhith a dreuchd ann an 2006.
Tha cuimhne aig Seònaid a bhith seinn leatha fhèin air aon de na consairtean ainmeil a bhiodh aig Sgoil an t-Òib mu àm na Nollaig, 's gun i ach air Clas 4. Bhiodh an teaghlach a' dol don t-Eilean Sgitheanach airson saor-làithean an t-samhraidh gach bliadhna agus bha am fonn a chuala i fear à Sleite a' cluich air a' bhogsa air a h-aire an ghlacadh. Dh'ionnsaich i na facail aig Teann A-nall agus ghabh i e aig cuirm na Nollaig a' bhliadhna sin.
Bha Seònaid air a bhith aig mòdan ionadail ann a' Steòrnabhagh nuair a bha i san sgoil as na Hearadh ach b' ann an 1969 a chaidh i chun a' chiad Mhòd Nàiseanta, dhan Aghaidh Mhòir. Choisinn i am Bonn Òr ann an Obar Dheathain ann an 1976.
Bha làmh mhòr aig Seònaid, còmhla ri Mairead Laing, ann a bhith ag ath-nuadhachadh Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis agus nochd a' chòisir ùr airson a' chiad turas aig Mòd Bhaile Ghobhainn ann an 1990. A bharrachd air a bhith a' seinn còmhla riutha tha Seònaid air a bhith an urra ris a' Ghàidhlig aca bhon uair sin.
Tha i pòsta aig Uilleam "Billy" MacGriogair à Inbhir Nis agus tha dithis chloinne aca, Catrìona agus Jamie a bha, gus o chionn ghoirid, a' stiùireadh Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.