B' iad Seonag NicChoinnich, Evelyn Chaimbeul, Iona NicDhòmhnaill, agus Màiri Sandeman Seinneadairean Dhùn Èideann.
Mu mheadhan nan trì ficheadan bha am BBC a' sireadh còmhlan eile airson nam prògraman aca, oir bha an luchd-amharc air suim mhòr a ghabhail anns Na Peathraichean Dòmhnallach air prògraman mar 'S e Ur Beatha. Chaidh faighneachd do Sheonag NicChoinnich am biodh ise deònach buidheann a thoirt còmhla.
B' i Seonag a bha a' taghadh agus a' rèiteach nan òran a bha iad a' seinn, le cuideachadh bho Fred MacAmhlaigh, ceannard Roinn Gàidhlig a' BhBC aig an àm. Chaidh a' chiad phrògram telebhisean a rinn Seinneadairean Dhùn Èideann a chraobh-sgaoileadh aig deireadh 1966. Bha iad air a' chiad phrògram iomadh-dhathach a chaidh a-mach à studio telebhisean a' BhBC ann an Glaschu.
B' e prògraman telebhisean leithid 'S e Ur Beatha agus prògraman rèidio bu mhotha anns an robh iad a' sàs. Nam measg bha ceithir prògraman rèidio, ann an 1968, le Alasdair Dòmhnallach a' toirt taic dhaibh air a' ghiotàr.
Bhiodh Seinneadairean Dhùn Èideann cuideachd a' seinn aig leithid Fèis Dhùn Èideann agus nochd iad aon uair mu choinneamh na Banrigh aig Lùchchairt Holyrood. Tha cuimhne aig Màiri Sandeman gun d' fhuair i iasad de chàr a màthair agus a-mach leotha, gùn brèagha air gach tè. Air an rathad fhuair iad puncture agus thàinig orra a dhol gu garaids airson sin a chàradh. Abair sealladh is iad nan seasamh mun cuairt na garaids nan gùintean eireachdail. Gu fortanach cha deach cus dàil a chuir orra agus nochd iad aig Holyrood mun àm a gheall iad.
Chùm am buidheann a' dol airson sia bliadhna ach mu dheireadh 1972 bha Màiri Sandeman air a dhol a-null a Chanada agus bha Iona NicDhòmhnaill trang a' coimhead às dèidh teaghlaich. Le sin chaidh Seinneadairean Dhùn Èideann ma sgaoil.
Seonag NicChoinnich
Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray mar a dh'fheumadh a' chlann a ràdh, a' chiad tidsear a thug Seonag gu Mòd ionadail, far nach do chuir e iongnadh air duine sam bith, ach 's dòcha air Seonag fhèin, nuair a fhuair i a' chiad duais. Mar a thuirt i air BBC Radio nan Gàidheal air 31/12/2002:
"Cha thuig thu gu bheil guth math seinn agad fhèin ann. 'S e daoine eile a bhios ag innse dhut gu bheil guth math seinn agad. 'S mathaid nach can iad sin riut ach iarraidh iad ort gabhail amhran. Agus tha fìor chuimhne agam, nuair a thigeadh na balaich dhachaigh air leave no càil mar sin, bhithinn-sa an còmhnaidh a' suidhe air uchd chuideigin, a' seinn."
Chaidh Seonag do Sgoil 'icNeacail agus do Cholaiste Chnoc Iòrdain far an do dh'ionnsaich i a bhith na tidsear agus far an do chuir i seachad iomadh oidhche dhòigheil aig dannsaichean Overnewton. Thill i a Leòdhas a theagasg agus sin far an d' fhuair i cur-seachad ùr, a' seinn ann an Còisir Gàidhlig Steòrnabhaigh. Chaidh i còmhla riutha gu Mòd Dhùn Èideann ann an 1951 agus an ath-bhliadhna thug stiùiriche a' chòisir, Iain MacSuain à Scalpaigh, oirre seinn leatha fhèin.
Nuair a fhuair Seonag am Bonn Òr, ann an Obar Dheathain ann an 1955, bho Ealasaid, Màthair na Bànrigh, bha i gu math toilichte:
"Bha fhios agam nach robh agam ri feuchainn tuilleadh! Cha robh na farpaisean a' còrdadh rium. Bhiodh crith as na glùinean agam a bha dìreach uabhasach, 's chan fhaighinn cadal. 'S ann a bha thu a' smaoineachadh ciamar a bha thu ga sheinn, an àite a bhith a' smaoineachadh air an amhran fhèin. An àite smaoineachadh air ciall an amhrain, 's ann a bha thu a' smaoineachadh air ciamar a bha thu ga sheinn, 's ge b' oil leat fhèin, bhiodh sin a' tachairt. 'S ann a bha thu mar gum biodh tu a' seinn le d' eanchainn."
Carson ma tha rinn i e?
"Chaidh mi steach airson a' Bhonn Òr seach gu robh mi as a' chòisir agus gur e sin a' rud a bhathas a' dèanamh, dìreach a' fasan. Ach bha tòrr a bharrachd ùidh agamsa riamh ann an dìreach na h-amhrain a bha mi air ionnsachadh bho dhaoine no ann an àiteachan eile."
Chuir Seonag seachad a' mhòr-chuid de beatha ann an Dun Èideann far an robh bùth as an robh iad a' reic fìon aice fhèin agus aig a cèile Ruaraidh. Bha Seonag na h-eòlaiche fìon aig àrd ìre.
Thairis air na bliadhnaichean rinn i mòran obair còmhla ri Seumas Ros a bha ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba ach a bhiodh cuideachd a' dèanamh mòran phrògraman Gàidhlig don BhBC. Bhiodh Seumas a' toirt dhith clàraidhean de dh'òrain a rinn e gus an ionnsaicheadh i iad airson an gabhail air prògraman. Cha robh e ceadaichte dha na clàraidhean fhèin a chleachdadh.
Mar a mhìnich Seonag, "Aig an àm sin cha robh iad a' smaoineachadh gu robh iad "freagarrach" airson an cuir a-mach air a' BhBC. 'S bha mi fhìn, 's tha mi cinnteach gu leòr eile, ag ionnsachadh nan amhran sin, seach gu robh an guth 's dòcha nas òige is na bu fhreagarraiche. Tha mi toilichte cantainn gu bheil mi gan cluinntinn an-diugh, na bodaich 's na caillich."
Air los seo, dh'ionnsaich Seonag, mar eisimpleir, mòran de na h-òrain a bha Seumas Ros air a chlàradh bho Nan NicFhionghain (Nan Eachainn Fhionnlaigh) à Bhatarsaigh, agus bha i anabarrach toilichte gun d' fhuair i cothrom Nan a choinneachadh agus beagan aoigheachd a thoirt dhith. "Thug Seumas a-null a Dhùn Èideann i, 's bha sinn ga toirt timcheall dhan a h-uile àite 's cha chreid mi nach do chòrd e rithe."
Bha Seonag cuideachd eòlach air an t-seinneadair Barrach, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain agus dh'ionnsaich i òrain bhuaidhe-san. Bha e a' còrdadh rithe a bhith a' dol a dh'Uibhist, a Bheinn na Fadhla agus a Bharraigh.
Am measg an iomadh duine bhon d' fhuair Seonag òrain, bha An t-Urr. Uilleam MacMhathain sònraichte ach, aig amannan, doirbh dhith.
"Bhiodh sinn a' coinneachadh uair sa chola-deug, 's bhiodh e a' tighinn aig leth-uair an dèidh naoi. Bhiodh e a' gabhail a shuipeir. O bha e uabhasach duilich biadh a thoirt dha. Cha robh e furasta a riarachadh idir! Ach bhiodh e a' tighinn mu leth-uair an dèidh naoi, 's bhiodh e sin uaireannan gu leth uair an dèidh sia sa mhadainn."
Le cuideachadh a mic, bhiodh i a' clàradh òrain bho Uilleam, agus ag ionnsachadh mun eachdraidh aca agus mun chànan a bha annta. Mar thuirt e fhèin rithe uair is uair, "Bidh tu a' suidhe, 's bidh tu ag èisteachd, 's bidh tu a' faighneachd nan ceist."
'S iomadh uair a bha Seonag cuideachd a' craoladh beò dhan BhBC, ri linn Eòghainn Mhic a' Phì.
"Nuair a shaoileadh e gu robh mi a' dol ro shlaodach chuireadh e a ghàirdean chun an taobh cheart. 'S nuair a bha e a' smaoineachadh gu robh mi a' dol ro luath, thionndaidheadh e a ghàirdean chun an taobh cheàrr. 'S bha e ag obrachadh a cheart cho math ri càil sam bith eile. 'S bha mi a' crìochnachadh aig an àm cheart!"
Bha Seonag làn spòrs is fealla-dhà agus cha do rinn duine barrachd gaireachdainn na i fhèin nuair a fhuair i cuireadh bho Fred MacAmhlaigh sreath phrògraman telebhisean a dhèanamh. "Caill cuideam", arsa Fred ri Seonag, "agus cuir cruinn bannal!"
Chaochail Seonag NicChoinnich air 13 Cèitean, 2007.
Evelyn Chaimbeul
Rugadh Evelyn Chaimbeul (Jeffrey) ann an Glaschu nuair a bha a h-athair, Dòmhnall Caimbeul à Nis, na dhotair ann an Denny, ann a Siorramachd Shruighlea. B' i Màiri NicRath às an Rubha a màthair. Nuair a bha i trì mìosan a dh'aois ghluais an teaghlach a Leòdhas far an robh a h-athair na dhotair air na Lochan.
Nuair a bha Evelyn ceithir bliadhna deug chaidh i do Sgoil St Dennis ann an Dùn Èideann. B' ann san sgoil seo a dh'fhàs e soilleir gun robh guth seinn sònraichte aice agus chaidh a gabhail os làimh le Joyce Fleming agus Rut D' Arcy Thomson. Thug iadsan air adhart a comas seinn gu mòr, a' toirt misneachd dhith a bhith na prìomh sheinneadair 's gun i ach beagan is fichead bliadhna a dh'aois.
Bhàsaich a h-athair nuair a bha i òg agus thàinig air Evelyn, an tè bu shine san teaghlach, làmh cuideachaidh a thoirt far an robh feum agus i fhèin a chumail a' dol aig an aon àm.
Beag air bheag, sgaoil a cliù fad is farsaing, chan ann a-mhàin a' seinn ann an Gàidhlig, ach ann am Beurla, Gearmailtis agus Frangais cuideachd.
Ann an 1948 chaidh i a Lunnainn airson dà bhliadhna trèanaidh agus, an dèidh dhith tilleadh, bha fèill mhòr oirre air feadh na dùthcha.
Ann an 1951 phòs i Anndra Jeffrey à Dùn Èideann agus goirid an dèidh sin chaidh iad do Chalcutta airson greis.
Iona NicDhòmhnaill
Rugadh Iona NicDhòmhnaill (Rodgers) ann am Baile Ghobhainn, Glaschu, ann an 1936, ach b' ann às na Hearadh a bha a pàrantan, Ruairidh Chaluim a' Chaolais às an Òb, agus Ceit Ruadh, nighean Dhòmhnaill a' Ghreusaiche às a' Ghleann, anns an Òb.
Chaidh i do Sgoil Bhail' Ùisdein, far an robh Jake Dòmhnallach a' teagasg Gàidhlig. An dèidh dhan teaghlach gluasad gu Farrais ann an 1956, chaidh i do dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, chionns gum biodh cothrom aice Gàidhlig, am measg chuspairean eile, a ghabhail.
An dèidh teisteanas neach-teagaisg fhaighinn ann à Colaiste Choc Iòrdan, chaidh Iona air ais gu Farrais a theagasg airson ceithir bliadhna. Chaidh i an uair sin a dh'obair a dh'Inbhir Pheofharain, far an robh i na ball den Chòisir Ghàidhlig.
Bhiodh i a' seinn aig Mòdan agus cèilidhean agus nochd i air prògram a bha aig Calum Ceanadach air Telebhisean Grampian. B' i cuideachd rùnaire meur ionadail A' Chomuinn Ghàidhealaich.
Ann an 1965, an dèidh dhith pòsadh, ghuais i a Dhùn Èideann. B' e Fred MacAmhlaigh a dh'fhòn thuice a dh'fhaighneachd am bu toil leatha a bhith na ball de Sheinneadairean Dhùn Èideann. Aig an àm sin cha b' aithne dhith na seinneadairean eile.
Dh'fhàg Iona Dùn Èideann an dèidh naoi bliadhna. B' e bancair a bha na cèile agus bha obair-san a' ciallachadh gu robh aca ri gluasad bho àite gu àite air feadh na dùthcha. Tha iad a' fuireach ann an Obar Dheathain aig an àm seo.
Màiri Sandeman
Rugadh agus thogadh Màiri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a màthair, Màiri Trump, agus thàinig cuideachd a h-athar, Pat Sandeman, às an Danmhairg anns a' chòigeamh linn deug. Rinn iad an dachaigh ann an Siorrachd Pheairt. Ghluais cuid dhan teaghlach a Dhùn Èideann agus chuir iad air chois companaidh uisge-beatha, Sandemans, ann an 1780.
Nuair a dh'fhàg i an sgoil chaidh Màiri dhan Colaiste ann an Dùn Èideann agus, an dèidh crìochnachadh an sin, bha i ag obair ann an Roinn Telebhisean Oilthigh Herriot-Watt.
Mun àm seo bha seinn a' fàs cudromach na beatha agus bha i a' faighinn cuideachadh agus stiùireadh air leth bho Sheonag NicChoinnich.
Bha a h-athair dèidheil air gach nì Gàidhealach - ceòl, cànan agus daoine - agus bha e ga brosnachadh gu mòr. Ghabh i pàirt ann am Mòd Ionadail Obar Pheallaidh nuair nach robh i ach mu ochd bliadhna a dh'aois.
Chuir Màiri seachad dà shamhradh ann an Uibhist a Deas ann an 1964/65, còmhla ri Eardsaidh Raghnaill agus a bhean, Ceit, a bha na seinneadair ainmeil, airson a cuid Gàidhlig a thoirt air adhart. Chòrd iadsan agus an t-àite sònraichte math rithe agus chan eil teagamh nach d' fhuair i buannachd mhòr às.
Aig a' Mhòd Nàiseanta, ann an 1965, choisinn i an t-Aigeallan Airgid (airson luchd-ionnsachaidh) agus a' bhliadhna an dèidh sin fhuair i am Bonn Òr (airson fileantaich) aig Mòd Inbhir Nis, rud nach robh air tachairt ach aon uair roimhe. Bha i na ball de Sheinneadairean Dhùn Èideann greis mus do choisinn i am Bonn Òr.
An dèidh pòsadh, fad dà bhliadhna gu 1971, bha Màiri a' fuireach anns Na Hearadh far an robh an duine aice na dhotair. An dèidh sin bha iad greis an Glaschu mus deach iad gu St Catherine's, deas air Toronto ann an Canada, airson dà bhliadhna. Fhad 's a bha i ann an Canada, bha Màiri a' seinn air corra phrògram a bha Alasdair MacGillìosa a' dèanamh air telebhisean ann an Ceap Breatainn.
An dèidh tilleadh à Canada bha Màiri dha-rìribh trang. Rinn i mòran airson prògraman chloinne air rèidio agus bha sreath telebhisean Beurla aice dhith fhèin, Handful of Songs. Bha seo gu h-àraidh taitneach dhith oir bha i a' seinn le taic orcastra. Rinn i sreath phrògraman telebhisean ann an Gàidhlig, Màiri, agus, a' cleachdadh an ainm Aneka, chlàr i an t-òran 'Japanese Boy, a ràinig a' chiad àite anns na clàir airson ceòl pop.
Choisinn Màiri a' chiad duais do dh'Alba aig Fèis Pan-Ceilteach Chill Àirne ann an 1976, agus nochd i air prògraman telebhisean na Bliadhn' Ùir ann an 1981 agus 1985.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.