B' i Seasaidh Niven NicLachlainn a' chiad ghuth Gàidhlig a chaidh riamh air clàr gramafon. Chuir i trì òrain air clàr ann an Glaschu air 5 Sultain, 1899, do chompanaidh air an robh an t-ainm Berliner agus rinn i clàir cuideachd, Mo Dhachaigh nam measg, do chompanaidh Frangach air an robh Pathe.
Bhuineadh i do dh'Earra-Ghàidheal agus rugadh i ann an 1866, beagan mhìltean a-mach às an Òban, am baile dom buineadh a màthair. Bha a h-athair à Tobar Mhoire am Muile.
Cha robh i ach glè òg nuair a thòisich i a' cosnadh cliù dhi fhèin mar sheinneadair agus fhuair i cuireadh seinn air beulaibh Banrigh Bhictoria ann am Baile Mhoireil toiseach an Dàmhair, 1892, 's i dìreach 26 bliadhna a dh'aois. Fhuair i mar phàigheadh bann-làimhe òr le aona seud deug ann, rùbaidh, gorm-leugan agus jargoon bhon Bhanrigh. An dèidh seinn aig Baile Mhoireil bha fèill oirre air feadh na dùthcha agus nas fhaide air falbh.
Mun àm a sheinn i aig Baile Mhoireil phòs Seasaidh Raibeart Bochanan, à Glaschu. Bha Raibeart e fhèin glè ainmeil mar fhear-teagaisg ciùil agus b' e a bhiodh daonnan a' cumail taic ri Seasaidh air a' phiàna.
Còmhla rinn iad cuairtean cho fada air falbh ri Canada, Astràilia agus New Zealand, ach a dh'aindeoin a cliù, bha Seasaidh daonnan a' toirt taic don Ghàidhlig le seinn aig cuirmean agus mòdan an Glaschu, Dùn Èideann, Lunnainn agus iomadh àite eile.
Chunnaic Sìne Nic Labhrainn Seasaidh a' seinn aig Mòd Dhùn Dèagh ann an 1913, mar a dh'innis i air prògram Gàidhlig a' BhBC air 3/10/1985:
"Bha mise san sgoil, agus thàinig mo mhàthair agus dh'iarr i cead mo phiuthar agus mise leigeil leatha, gu Dundee, chun a' Mhòd. Bha sinn ann a' shin agus bha Seasaidh NicLachlainn agus an duine aice ann, agus bha i eireachdail.
Bha i àrd agus uabhasach snasail, agus mun àm sin nuair a chunnaic sinn i, bha i glè mhath air a sgeadachadh. 'S e gùn uaine a bh' oirre agus trèana air, agus thàinig i dìreach mar gum biodh fìor bhan-righinn, fada nas coltaiche ri banrigh na bha Bhictoria. Chan eil cothrom sam bith aig duine mar a choimheadas iad ach bha ise, dìreach sin a' seòrsa a bh' innte.
Agus bha an duine aice leatha an oidhche sin. Thug e staigh i chun a' phlatform, agus dh'fhàg e i, agus thàinig esan a shuidhe leis a' chuideachd. O, bha i sònraichte.
Agus a' chiad òran a chuala mi i a' gabhail an oidhche sin, 's e Mo Dhachaigh. Bha i sònraichte dìreach. Chan eil cuimhne agam dè na h-òrain eile a ghabh i ach tha cuimhne agam gu bràth air a cluinntinn a' gabhail 'Mo Dhachaigh'."
Chaochail Seasaidh ann an taigh air an robh Thorncliffe air Woodend Avenue ann an Clarkston sa Chèitean 1916, 's gun i ach 50 bliadhna a dh'aois. Tha e coltach gu robh na ceudan air an tòrradh aice agus na ceudan eile air gach taobh dhen rathad gu Cladh Cathcart. Bha a h-uile Comann Gàidhlig a bh' anns an dùthaich air an riochdachadh ann agus bha dà phìobaire a' coiseachd air thoiseach air a' ghiùlain.
Bha Fred MacAmhlaigh a bha os cionn Roinn Gàidhlig a' BhBC fad iomadh bliadhna dhen bheachd gur h-i, "a' chiad neach riamh a thug urram is cliù do na h-òrain Ghàidhlig air an àrd ùrlar, fada a-mach far crìochan na Gàidhlig, agus a dh'fhosgail inntinn dhaoine nach buineadh gu tuigse air luach a dualchais."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.