
Rugadh Seasaidh Anna NicAoidh NicChoinnich air 24 Samhain, 1918. B' i a b' òige den cheathrar theaghlach a bha aig Murchadh Choinnich Mhurchaidh agus a bhean, Dolag Sheòrais, an dithis aca à Seisiadar anns a' Rubha an Leòdhas. Chaidh NicAoidh a chur na h-ainm mar chuimhneachan air a seanmhair a thàinig à Dùthaich MhicAoidh.
B' e a piuthar, Nancy, a bu shine san teaghlach. Chaill iad nighean bheag air an robh Màiri 's gun i ach òg, agus b' e Murchadh a bh' air a bràthair. Chaidh Murchadh, athair Sheasaidh, a chall nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn Là na Bliadhn' Ùire, 1919.
Dh'fhàs Seasaidh suas ann a' Seisiadar agus chaidh i do Sgoil na h-Àirde ann an 1924, mar a dh'innis a deagh bhana-charaid, Nora Osborne, air BBC Radio nan Gàidheal air 16/11/1993:
"Fliuch no fuar, no sneachd no grian, bhiodh sinn a' coiseachd suas tron bhaile 's a-null Tobht a' Bhreac 's sìos Allt Dìobadal 's rathad beag na sgoile dhan sgoil. Cha mhòr nach robh e dà mhìle air falbh bhuainn.
Nuair a bhiodh leth uair a thìde aca nach biodh càil againn ri ionnsachadh san sgoil, rud ris an can iad free activity an-diugh, bhiodh iad ag iarraidh air feadhainn amhrain a ghabhail, no sgeulachd innse, no rudeigin, 's bhiodh Seasaidh an còmhnaidh ann. Bha guth math aice bho bha i beag 's bhiodh ise a' gabhail amhrain."
Chaidh Seasaidh do Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh far an do roghnaich i Gàidhlig a dhèanamh gu ìre Higher. Ged a bhiodh i a' seinn aig mòdan cha deach a misneachadh le na tidsearan gu ìre mhòr sam bith a thaobh seinn.
Thug Seasaidh bliadhnaichean a' chogaidh ag obair ann am factaraidh armachd an Dùn Èideann ach, aon uair 's gun tàinig sìth, chaidh i gu Moray House a thrèanadh a bhith na tidsear.
Bha i a' teagasg ann am Bun-sgoil Shiaboist mus d' fhuair i obair ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh, far an robh i gus an do leig i dhith a dreuchd.
Seo far an do chuir seinneadair eile, Màiri Nic a' Ghobhainn, eòlas oirre agus cha b' fhada gus na thuig i cho làn spòrs 's a bha Seasaidh:
"Nam biodh cuirm no duine a leigeil dheth a dhreuchd, bhiodh i a' dèanamh cinnteach gum biodh luadh againn. 'S bhiodh i fhèin a' dèanamh tòrr de na h-amhrain a bhiodh freagarrach airson an àm a bha sin. Agus abair gum biodh spòrs againn.
Cha bhiodh càil a dh'fhios aig abair bith cò bhiodh a' leigeil dheth a dhreuchd, no a dreuchd, gum biodh càil a' dol.
'S bhiodh sinn a' tighinn a-steach air fàth dhan a' sgoil 's bhiodh sinn a' toirt uair a thìde, gu math tric aig tìde diathad, 's dòcha airson trì seachdainean no mar sin ro làimh, a' dèanamh cinnteach gum biodh a h-uile facal againn ceart."
Seo eisimpleir den t-seòrsa òran luaidh a sgrìobhadh Seasaidh, an turas seo agus maighstir-sgoile a' fàgail na sgoile:
Him bò, hogaidh ò
Hiùraibh ò, hòro gheallaidh
Him bò, hogaidh ò.
Buailibh, luaidhibh an clò
'Son còta mòr dhan a' mh's-sgoile.
Chan eil am m's-sgoile ga iarraidh
Bha clò mòr a-riamh ga thachais.
Bhoill, mur dèan esan feum dheth
Nì e fèileadh dhan an ath fhear.
Nam biodh beagan dheth air fhàgail
Bheireadh tè na Pàirc' e dhachaidh.
Nì e cuiseanan is cuibhrig
Air droch oidhch' do mhuinntir Ghrabhair.
Feuch a fàg sibh slat no dhà
Bheir Bilidh dhan a' Spàinn an ath-bhliadhn'.
'S i bhios snog sa Chosta Brava
'N deise-shnàmh de shnàth nam boban.
Ged a bha Seasaidh làn spors, bha i ciùin, socair na dòigh, foighidneach le sean agus òg. 'S beag an t-iongnadh gur e Sweet a' far-ainm a bh' oirre.
"Tha cuimhn agam, bha a' chlann bheaga anns a' sgoil ann a' Steòrnabhagh, agus a h-uile Dihaoine bhiodh i a' dèanamh an-aìrde an register. 'S bhiodh i ag ràdh ris a' chlann, "Now, what must we have today?"
'S chanadh a' chlann, "A little bit of hush!"
Bha i cho math dhan a' chlann agus cho bàidheil riutha."
Bhiodh Seasaidh a' sgrìobhadh bàrdachd is rannan a ghabhadh a' chlann aig a' Mhòd, air cuspairean a bha freagarrach dhan aois a bha iad. Seo, mar eisimpleir, an dealbh a rinn i air bùth agus oifis puist a bha aig fear Langley ann an Ceann a' Bhàigh, an Steòrnabhagh:
Tha bùth aig mo sheanair-sa
A-muigh an Ceann a' Bhàigh,
'S tha bucas dearg nan litrichean
Mu coinneamh air an t-sràid;
Gheibh thu innte stampaichean
Is peinseanan na Stàit,'
Ach 's e na rudan eile a th' innt'
Tha còrdadh riums' nas fheàrr.
Tha copanan is truinnsearan
Air sgeilpichean gu h-àrd,
Poitean tì is asaidean
Soithichean ìm is càis;
Tha aran-cridh' is briosgaidean
Siùcar dubh man teàrr,
Bidh cnothan oidhche Shamhna innt'
Agus uighean milis càis.
Bu chaomh leam bhith ag obair
Am post oifis Cheann a' Bhàigh!
'S iomadh duine air an tug an t-seinn aig Seasaidh buaidh mhaireannach. Nam measg, bha Isa Nic'ilip à Uibhist a Tuath, i fhèin na seinneadair 's na neach-teagaisg. Choinnich i ri Seasaidh an toiseach aig co-labhairt luchd-teagasg. Nuair a bhiodh òraidean an latha seachad, bhiodh an cèilidh a' tòiseachadh:
"Boireannach ciùin, sèimh, socair, modhail a bh' ann a' Seasaidh. Ri bruidhinn rithe shaoileadh tu 's dòcha nach robh eòlas sam bith aice air seinn no dad sam bith dhen t-seòrsa sin. Ach aon uair 's gun tòisicheadh i a' seinn, bha do bheachd ag atharrachadh. Nam bheachd-sa, 's e fìor chorra sheinneadair a bha na b' fheàrr na i. Bha i air leth math, agus bha dòigh aice air seinn a bha àraid. Dìreach ghlac i m' aire gu mòr agus chòrd i rium fìor mhath. Chanainn-s' nach robh mòran ann na b' fheàrr na i air seinn as an dòigh as am biodh ise a' seinn."
Bha Mòrag NicLeòid, a bha iomadh bliadhna a' rannsachadh òrain aig Sgoil Eòlais na h-Alba ag aontachadh. Bhiodh i a' cluich òrain le Seasaidh nuair a bhiodh i a' teagaisg oileanaich, glè tric aig nach robh Gàidhlig:
"Bhithinn uair sam bith moiteil an guth aig Seasaidh NicChoinnich a bhith aca, a chionns tha mi a' smaoineachadh gun còrdadh e ri duine sam bith. 'S e rudeigin a th' as a' ghuth aice, guth brèagha, agus chan eil e gu diofar dè sheinneadh Seasaidh, sheinneadh i gu math e, air sgàth a' rud a bha seo a bh' as a' ghuth aice, gibht a fhuair i."
Bha mòran òrain aig Seasaidh air a cuimhne agus nam measg bha òrain nach robh aige duine eile.
Fhuair i tomhas mhath dhiubh sin bho Dhòmhnall MacAmhlaigh, Dòmhnall 'an Mholaich a bha a' fuireach aig 13 Seisiadar. Bha Dòmhnall air a bhith as a' Mhailisidh agus as an Nèibhidh. Bha e air a bhith aig an iasgach air a' chost an ear, agus ann a' Sealtainn 's am Barraigh, anns an eilean Mhanainneach agus mu thimcheall Èirinn. Bha e air òrain a thogail an iomadh àite agus bho iomadh duine ris na choinnich e.
Bhiodh Seasaidh cuideachd a' cruinneachadh òrain agus, cho luath 's a ghabhadh innealan clàraidh faighinn, bhiodh i falbh a' bhaile a' clàradh òrain.
Bha an t-eòlas aice air leth feumail nuair a mhiannaich Comunn Gàidhealach Leòdhais an leabhar òran Eilean Fraoich a leudachadh agus a dheasachadh às ùr. Dh'obraich i còmhla ri Donnchadh "Major" Moireasdan, Sìne NicLeòid agus Màiri NicLeòid agus nochd an leabhar ùr ann an 1982.
Cha do phòs Seasaidh a-riamh. Bha an taigh anns an robh i a' fuireach còmhla ri a piuthar, Nancy, làn ceòl is aighear. Chluicheadh i am piàna agus bha fear aice a-staigh. Bha an dithis aca trang a' teagasg, a' stiùireadh chòisirean sgoile, agus a' dèanamh òrain agus rannan do sgoilearan òga.
Bha i air a h-ionndrainn gu mòr nuair a chaochail i air 4 Cèitean, 1992. Mar a thuirt a' bana-charaid Nora:
"Chan fhairicheadh tu an tìde na cois a' dol seachad. Bha rudeigin an còmhnaidh aice airson toirt gàire ort. Tha mi toilichte a' smaoineachadh oirre ach duilich cuideachd airson nach eil i ann."
Tha sinn an comain Màiri NicLeòid aig 15A Seisiadar, nighean Mhurchaidh, bràthair Sheasaidh, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.