Ruaraidh Mac a' Ghobhainn

Ruaraidh Mac a' Ghobhainn

Rugadh Ruaraidh Mac a' Ghobhainn, Ruaraidh Aonghais a' Chaiptean, aig 23 Bràgar a Deas, air taobh siar Leòdhais ann an 1894. Bha a phàrantan, Aonghas Mac a' Ghobhainn agus Catrìona NicAoidh, le chèile à Bràgar agus bha ochdnar chloinne aca, sianar bhalach agus dithis nighean.

Cha robh Ruaraidh ach na ghiulan òg nuair a thog e air a Ghlaschu agus, coltach ri iomadh Gàidheal eile roimhe agus às a dhèidh, chaidh e air a' phoilis. Cha do dh'atharraich e a chùrsa a thaobh obair an dèidh seo, agus ràinig e ìre fear-sgrùdaidh anns a' Mharine Division mus do leig e dheth a dhreuchd.

Phòs e Raonaid Mitchell à Siabost a Deas, piuthar de dh'Iain Mitchell aig an robh companaidh bhusaichean ainmeil ann a' Steòrnabhagh. Bha triùir mhac aca, Anndra, Dòmhnall agus Niall. Thog iad an teaghlach ann an Glaschu.

B' e duine carthannach, eirmseach a bh' ann a' Ruaraidh. Cha toireadh e fad sam bith rannan a chuir ri chèile am Beurla, a' tarraing às a cho-obraichean airson rudan a rinn iad, no rudan a thachair. Bha e anabarrach dèidheil air gàirnealaireachd, aig aon àm a' fàs am pailteas glasraich is buntàta air allotment faisg air an dachaigh, a bharrachd air gàrradh eireachdail a chruthachadh timcheall an taighe.

Biodh e a' frithealadh cruinneachaidhean agus cèilidhean Gàidheil a' bhaile agus gu dearbha 's ann an Ghlaschu a chaidh Tom an t-Searraich a sheinn airson a' chiad uair riamh. Bha Ceitidh Anna NicGillEathain (Ceitidh Anna Chailein Aonghais Iain) à 17 Ceann a Deas Bhràgair, a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealach ann an 1938, air mhuinntireas an Glaschu agus, goirid an dèidh do Ruaraidh an t-òran a sgrìobhadh, thug e dhith e agus sheinn i e aig cèilidh ann an aon de thallaichean mòra a' bhaile.

Ann an òran eile a rinn Ruaraidh, 'Smuaintean air Làithean m' Òige' tha Tom an t-Searraich cuideachd air ainmeachadh:

Tha osag na gaoithe air call a h-anail
Tha tonn na mara gun bheuc,
Na luinn air a' bheinn, le sgoinn is cabhaig
Cha chluinn thu na casan a' leum;
Gach uiseag ri seinn, fonn nam broilleach
Le aoibhneas madainn an Cèit',
Ri brosnachadh m' inntinn sealltainn thairis
Air saoibhreas bh' agam an-dè.

Chì mi gu cinnteach Tom an t-Searraich
Am fonn a mhealas mo spèis;
Bu rìoghail mi ann na Prionns' na cathrach
Gun chuing, gun ghearan, gun èis,
Gun eòlas air bròn, gun leòn, gun ghalar
Gun phròis gu falach nam brèid,
'S bu luachmhor nan t-òr an stòras bh' agam
An òige 's fallanachd crè.

Bhàsaich Ruaraidh ann an 1954 an Glaschu agus chaidh a thiodhlacadh ann an Lìonagaigh, am Bràgar, mar a dh'iarr e:

Ach 's e mo mhiann aig crìoch mo latha
Laighe sìos le mo chiad ghràdh
Ann an Lìonagaigh ri tàmh,
Leabaidh bhàn ri sàil na mara.

Tha sinn an comain Anndra Mac a' Ghobhainn, mac a' bhàird, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.