Rugadh Raymond Bremner ann an Dùn Èideann air 1 Giblean, 1966. 'S ann à Inbhir Ùige a tha athair agus buinidh a mhàthar do Phenicuik, faisg air Dùn Èideann. Tha dithis pheathraichean aige a tha fuireach anns an aon bhaile ris fhèin, Thrumster, ceithir mìle deas air Inbhir Ùige.
Tha a mhàthair agus a pheathraichean math air seinn ged nach bi iad a' seinn mu choinneamh sluaigh. Bha a sheanair, air taobh a mhàthar, math air iomadh ionnsramaid a chluich agus bhiodh e a' dèanamh mandolins, gu sònraichte, mar chur-seachad.
Chaidh Raymond dhan sgoil ann an Inbhir Ùige an toiseach ach ghluais an teaghlach gu Baile Dhùn Lèibhe ann an 1973, nuair a bha e seachd bliadhna a dh'aois. 'S ann am Bun-sgoil Knightsridge, anns a' bhaile, a thòisich e air ceòl. Dh'ionnsaich e ciamar a chluicheadh e an cornet agus tenor horn còmhla ris a' Salvation Army agus Còmhlan Òigridh Bhaile Whitburn. Fhuair e alt air an fhidhill còmhla ri orcastra sgoiltean Lodainn an Iar. Thòisich e a' suidhe deuchainnean ciùil air an fhidhill agus air a' phiàna nuair a bha e sia bliadhna a dh'aois agus nuair a bha e dà bhliadhna dheug thòisich e air a' ghiotàr. Chun an latha an-diugh 's e am piàna agus an giotàr an dà ionnstramaid as tric a chluicheas e.
Chaidh e do dh'Àrd-sgoil Coimhearsnachd Deans ann an 1978, agus thuirt Tòmas MacDhonnchaidh, ceannard roinn ciùil na sgoile, ri phàrantan gun robh comas ciùil air leth aige. Mar sin, lean e ris a' cheòl ach thòisich e air dràma cuideachd. Bha e ann an còmhlan na sgoile agus nochd e ann an cluichean-ciùil an latha, lethid Joseph and the Amazing Technicolor Dreamcoat. Nuair a bha Raymond sia bliadhna deug chaidh an teaghlach air ais a dh'Inbhir Ùige, far an robh e a' cluich an duiseil agus tenor saxophone ann an còmhlan na sgoile. Choisinn e deuchainn àrd-ìre airson guth air a' chòigeamh bliadhna agus chòrd sin cho math ris 's gun deach e tron deuchainn a-rithist air an t-siathamh bliadhna.
Ann an 1984 chaidh e do Cholaiste Stevenson ann an Dùn Èideann, a dh'ionnsachadh teicneòlas piàna. Air a' chiad bliadhna dhan chùrsa bha e ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba, an RSAMD, ann an Glaschu agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann air an treas bliadhna. Bha e a' rèiteach ciùil do chòmhlan na colaiste fad 's a bha e ag ionnsachadh.
Nuair a thill e air ais a dh'Inbhir Ùige ann an 1987, chaidh e na bhall de Chomunn Còisir Inbhir Ùige agus bha e a' cluiche an òrgain ann an eaglaisean a' bhaile. Ged a bu mhath leis a bhith air cosnadh a dhèanamh ann an ceòl, ghabh e obair aig Companaidh Ghlainne Ghallaibh. Sin far an do choinnich e ri Murchadh MacRisnidh, Dodo Bachals, à Liùrbost agus 's ann mar thoradh air sin a ghabh e ùidh ann an gnothaichean Gàidhlig. Ann an ùine thàinig e gu bhith na Mhanaidsear aig Companaidh Ghlainne Ghallaibh agus, ann an 2004, ghluais e gu Companaidh Uinneagan Geddes, far am bheil e na Àrd-stiùiriche an-diugh. Tha e cuideachd na Stiùiriche air Comunn Luchd-malairt Ghallaibh.
Ann an 1996 bha e an làthair air Fèis nan Còisir ann an Steòrnabhagh agus an dèidh coinneachadh ri Còisir Lacasdail fhuair e cuireadh a dhol air an àrd-ùrlar còmhla riutha. Chuir e seachad an latha ag ionnsachadh am pàirt a bh' aige anns an t-seinn agus, feasgar, chaidh e còmhla riutha air àrd-ùrlar le facail nan òran sgrìobhte air pàipear air cùlaibh an fhir a bha air a bheulaibh. An ath bhliadhna thàinig e air ais chun na fèise le Còisir Ghàidhlig Ghallaibh, agus nochd iad airson a' chiad uair aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis a' bhliadhna sin cuideachd.
'S e Mòd Ionadail Ghallaibh agus Chataibh a' chiad Mhòd anns do ghabh Raymond pàirt, ann an 1996. Choisinn e an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis ann an 1997 agus Cuach NicUalraig Fhriseil agus Co-fharpais nan Òran Mara. Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd a' Ghearastain, ann an 1999. 'S e Uilleam Dòmhnallach, nach maireann, a bhuineadh do Bharraigh, agus a bha a' fuireach ceithir mìle bho Thrumster, bu mhotha a thug buaidh air an t-seinn aig Raymond ann an Gàidhlig.
Ghabh e thairis Còisir Ghàidhlig Mhealabhaich ann an 2001 agus Atomaig Piseag, còisir mhnathan à Earra-Ghàidheal, ann an 2003. Tha Còisir Mhealabhaich air farpais nam puirt-à-beul a bhuannachadh dà uair bho ghabh e thairis an stiùir, ann an 2002 agus ann an 2008, a' bhliadhna a choisinn iad Sgiath Latharna cuideachd. Anns na seachd bliadhna a tha Atomaig Piseag air a bhith còmhla, tha iad air Cuach Esme Smythe a ghlèidheadh dà uair. 'S e Hamish Mèinnearach, bho Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, as motha a tha air a bhith na bhrosnachadh agus na mhisneachadh dha Raymond a thaobh obair nan còisirean.
Tha e a' faighinn an tlachd as motha an-diugh à bhith a' cuideachadh agus a' teagaisg fharpaisich airson Mòdan, daoine leithid Alasdair MacIlleBhàin, a fhuair am Bonn Òr ann an 2006, agus Philip Todd a fhuair an t-Aigeallan Airgid ann an 2009. Tha e a' toirt toileachas dhà cuideachd a bhith an sàs an lùib Atomaig Piseag, ag obair air ceòl chòisir a tha air ùr rèiteach ann an dòigh mhisneachail, tharraingeach.
Tha Raymond na Iar Cheann-suidhe air Comunn nan Còisirean Gàidhlig, am buidheann a tha a' riochdachadh nan còisirean a tha a' gabhail pàirt anns a' Mhòd Nàiseanta. Tha e na Cheann-suidhe air Roinn a' Chinn a Tuath den Chomunn Ghàidhealach agus air Meur Ghallaibh den Chomunn. Bha e cuideachd air ceann a' bhuidhinn a rinn oidhirp, ann an 2007, am Mòd Nàiseanta a thoirt gu Gallaibh agus bha e na Fhear-gairm air Comataidh Ionadail Mòd Ghallaibh ann an 2010. Thug e tlachd mhòr dha gun robh mòran, de gach aois, às a' choimhearsnachd a' gabhail pàirt anns na bha a' dol fad seachdain a' Mhòid.
Bu mhath leis uaireigin ùine a bhith aige airson faobhar a chuir air a chomasan ann an Gàidhlig oir cha robh e riamh ach aig sia clasaichean-oidhche airson Gàidhlig, air ais ann an 1989. Thog e an còrr den chànan dìreach tro chòmhradh ri fileantaich, a' mhòr-chuid ann an Leòdhas, a tha air a bhith mar dàrna dachaigh dhà bho chionn iomadach bliadhna.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.