Piuthar Iain Gairbh

Ged a tha e air a ràdh ann an Còisir a' Mhòid gur e a' bhana-bhàrd Màiri NicLeòid (Màiri Nighean Alasdair Ruaidh) a rinn Cumha Iain Gairbh, chan eil dearbhadh idir air sin.

Anns an leabhar Gaelic Songs of Mary MacLeod (Scottish Gaelic Texts Society, 1965) tha am fear-deasachaidh J. MacIlleMhìcheil MacBhàtair a sgrìobhadh, "Raasay tradition, as I am told by Mr Alexander Nicholson and others, unhesitatingly ascribes it to Iain Garbh's sister and this fact, along with the style of the song itself makes it, I think, certain that Mary was not the author."

Anns an leabhar lorgar am 'Marbhrann do Iain Garbh' a rinn Màiri Nighean Alasdair Ruaidh. Tha e a' tòiseachadh:

Mo bheud is mo chràdh
Mar a dh'èirich dà
An fhear ghleusta ghràidh
Bha treun san spàirn
Is nach faicear gu bràth an Ratharsaidh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.