Peinidh Mhoireasdan

Rugadh Peinidh 'Bheag' Mhoireasdan anns an Ìochdar air 27 Giblean, 1906, nighean le Màiri Anna Sheòrais, Màiri Anna Mhòr, a bhuineadh don Chlachan Mhòr. Chuir Peinidh seachad a' chuid mhòr de beatha anns a' Bhuaile Dhubh, goirid do sheann sgoil an Ìochdair.

'S e boireannach àrd a bh' innte, ged a bha i air a h-ainmeachadh mar Peinidh 'Bheag' chionns gu robh Peinidh eile ann a bha càirdeach dhith ach a bha na bu shine.

Bha cuimhne aig Peinidh a bha sònraichte agus bha àireamh mhòr de sheann òrain aice air a teanga. Chaidh mòran dhuibh sin a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba agus leis a' BhBC.

Bhiodh Peinidh fhèin a' dèanamh òrain cuideachd, gu minig mu thachartasan anns an sgìre. 'S e òrain èibhinn bu trice a bhiodh annta, leithid 'Òran Whist a' Chàrnain' a rinn i mu fharpais chairtean theann a bha eadar bailtean an Ìochdair.

Bha e air a ràdh gun robh comas frìth a dhèanamh aice, comas faicinn dè a bha an dàn.

Bhiodh Peinidh 'Bheag', còmhla ri Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) agus Iain MacLeòid (Iain Ruadh Phàdraig), dà sheinneadair ainmeil eile a bha nan nàbaidhean dhith, a' frithealadh chèilidhean na sgìre. Bha iad a-mach agus a-steach à taighean a chèile, a' seinn còmhla gun lasachadh.

Bhiodh Peinidh daonnan a' cuideachadh nan nàbaidhean le obair fearainn air a' mhachaire agus b' fhìor thoigh leatha a dhol dhan oitir còmhla ri caraidean a thogail shrùbain.

Bha i na ball de bhannal-luaidh anns an Ìochdar agus bha i a' seinn ann an Còisir Eaglais Àird Choinnich. Bha meas mòr oirre air feadh na sgìre, agus chaidh sin a dhearbhadh nuair a chaidh a taghadh seach duine sam bith eile airson Talla Coimhearsnachd ùr an Ìochdair fhosgladh ann an 1978.

Chaochail Peinidh air 13 Dùbhlachd, 1990.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.