
B' i Peigi Mhoireasdan nighean le Uilleam 'Donn' Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thàinig Uilleam à Srannd, an ceann a deas na Hearadh agus bha a bhean, Mòr, à Miabhaig nam bàgh, air taobh an ear an eilein. Bha na dithis aca nan deagh sheinneadairean.
Bha Peigi agus a piuthar, an seinneadair Cairistìona Sheadha, fiosrach mu eachdraidh, òrain agus dhàin spioradail.
A' sgrìobhadh anns an iris Gairm san t-Earrach 1977, dh'innis Peigi mar a chaidh na daoine fhuadach à baile beag air a' mhachaire Hearach ris an cante Cràgo, a cuideachd fhèin nam measg. Bha na taca aig an àm le fear à Ceann Tàile ris an cante An Stiùbhartach Mor.
"An latha bha seo, 's e latha brèagha samhraidh a bh' ann, agus bha mo shinn-seanmhair agus a' chuibheall shnìomh aice muigh aig an doras agus smùid aice air snìomh an t-snàth airson clò a dhèanamh. Nuair a thog i a sùil dè a chunnaic i ach na saighdearan a' tighinn - 's e na Redcoats a bh' annta – agus bha iad air nochdadh aig àite ris an canar Cleite na Duchadh, agus iad a' dèanamh oirre.
Nuair a chunnaic na daoine bochda seo, chaidh iad nan cabhaig. Cha robh fhios aca dè a dhèanadh iad, no dè an taobh a thionndaidheadh iad. Cha do rinn mo shinn-seanmhair sìan ach leum a-staigh eadar dà fheannaig choirce leis an eagal a bh' aice romhpa.
Feumaidh gur ann aig deireadh an t-samhraidh a bh' ann oir bha 'n coirce àrd aig an àm agus cha robh fada gus am faca i na taighean a' dol suas nan teine an dèidh dha na daoine bochda cead fhaighinn air pàirt dhan na bha nam broinn a thoirt a-mach asda.
Tha e ri ràdh nuair a dh'fhaighnich an Stiùbhartach dha bhean an robh i làn riaraichte a-nis on a chaidh na daoine fhuadach gun d' thuirt i "No, I shall not be happy while there is one wisp of smoke to be seen between here and Rodel."
Bha Peigi pòsta aig Calum Moireasdan, saor agus fear togail eathraichean agus bha iad deugachadh bhliadhnaichean a' fuireach ann a' Loch na Madadh an Uibhist a Tuath mus do thill iad dha na Hearadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.