Peigi Bhoidhd

Peigi Bhoidhd

B' ann ann an Earsairidh, ann am Barraigh, a rugadh Peigi Bhoidhd (Peigi Bhochanan, 1904-1992) ach ghluais an teaghlach dhan Àird Mhòir nuair a bha i na nighinn òig. Bha ceòl anns an teaghlach aice agus bha a h-athair, gu sònraichte, math air seinn.

Nuair a bha Peigi òg chaidh i a dh'obair dhan Òban agus bhiodh i a' seinn ann an còisir na h-eaglais anns a' bhaile. Ann an uine ghoirid thàinig i gu aire Còisir Ghàidhlig an Òbain agus as a' sin sgap a cliù mar sheinneadair fad is farsaing.

Bha comas air leth aice air òrain a thogail air a' chiad èisteachd. B' e òrain throm a b' fheàrr leatha a bhith a' seinn agus bha òrain aice nach robh rin cluinntinn bho sheinneadair eile, agus b' e a miann gun togadh feadhainn eile na h-òrain sin bhuaipe.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.