Rugadh Pat NicAnndrais ann an Dùn Èideann agus thogadh i ann am Port na Banrighinn. An dèidh ceumnachadh à Oilthigh Chill Rìmhinn agus trèanadh ann am Moray House, thàinig i na neach-teagaisg òg do Sgoil Ealaghol san Eilean Sgitheanach san Lùnastal 1975, an sgoil a dh'fhàg i ann an 2010 an dèidh a bhith na ceannard innte bho 1990.
Tha Pat pòsta aig Aonghas MacAnndrais à Breacais. Chaochail an nighean aca, Ceit, cuspair an òrain Òran do Cheit, san Dàmhair 1980 's gun i ach deich mìosan a dh'aois.
An ath-bhliadhna a-rithist, agus e an dòchas gun cuidicheadh e le inntinn Pat a thogail bhon bhuille chruaidh a bhuail an teaghlach, dh'innis Aonghas dhi mar a bha e air sanas fhaicinn sa phàipear agus Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC a' sireadh òrain ùra airson Alba a riochdachadh aig an fharpais Phan-Ceilteach an Èirinn.
Ghreimich seo air inntinn Pat agus thàinig an t-òran an ìre mhath luath aon fheasgar. Chuidich Aonghas leis a' Ghàidhlig.
Choisinn Òran do Cheit an fharpais Albannach an toiseach, agus an uair sin an fharpais eadar-nàiseanta ann an Èirinn.
Tha dithis chloinne eile aig Aonghas agus Pat. Tha Alasdair an ceann a chosnaidh ann an Sardinia, agus tha Sarah a' teagasg ann an Roinn na Gàidhlig an Àrd-sgoil Thobair Mhoire ann am Muile.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.