Rugadh Pàdraig Moireasdan, Pàdraig 'ic 'illeasb' 'ic Phàdraig, anns a' Rubha Bhuidhe air taobh an iar Ghriomasaigh, Uibhist a Tuath, air 17 Dàmhair, 1889.
Bha a mhàthair Màiri Chaimbeul à Griomasaigh agus bha athar, Gilleasbuig Phàdraig, à Eilean Steaphain, eadar Griomasaigh agus Uibhist a Tuath. Bha dithis bhràithrean agus dithis pheathraichean aige: Niall, Dòmhnall Iain, Màiri agus Màiri Flòraidh.
Ged a bha Griomasaigh iomallach ann an aon seagh, bha mu 300 duine a' fuireach ann mu thoiseach na ficheadamh linn. Anns an ro-ràdh do leabhar de sgeulachdan agus òrain Phàdraig a dheasaich Dòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach, sgrìobh e:
"Bha aon taigh gu h-àraidh far a bheil cuimhne aig Pàdraig air a bhith ag èisteachd ri sgeulachdan agus òrain agus iomadach seòrsa seanchais. B' e seo taigh Clann Chaluim Big 'ic Mhathain as na Rubhaichean.
'S e fear de na seann taighean fada tughaidh a bh' ann le teine meadhain an ùrlair. Bha dithis bhràithrean agus dithis pheathraichean a' fuireach ann agus iad uileag air tighinn gu deagh aois aig an àm seo. Bha brà fhathast ga h-obrachadh as an taigh sin - mar a bha an iomadach taigh eile aig an àm – agus chunnaic Pàdraig an t-seann lampa eòlain, an cruisgean, laiste ann cuideachd."
Dh'fhàg Pàdraig an sgoil aig aois 14 agus chaidh e a dh'obair còmhla ri athair air a bhàt'-iasgaich aige. Chaidh e gu tìr mòr airson a' chiad uair nuair a bha e 17, a thrèanadh leis na Camshronaich ann an Inbhir Nis.
Ron Chiad Chogadh thug e mu thrì bliadhna an ceann a chosnaidh an Guraig, ag obair air na rathaidean iarainn, mus deach e gu muir domhainn, a' seòladh à Glaschu gu Canada agus na Stàitean Aonaichte. Seo far na thòisich e air òrain a dhèanamh mar a dh'innis e fhèin air prògram Gàidhlig a' BhBC air 8/11/1977:
"Thòisich mi air na h-òrain an toiseach nuair a chaidh mi gu muir a sheòladh, 's gun mi ach glè òg, agus 's ann nuair a bhithinn sa chrann, mar a theireadh iad, air faire.
'S e 'n t-ainm a th' air an t-àite as a' chrann as am biomaid an Crow's Nest, Nead na Feannaig, ag amharc a-mach. Thòisich mar gum biodh cianalas agus 's ann an uair sin a rinn mi a' chiad òran."
Aig aon àm, bha Pàdraig a' beachdachadh air an t-soitheach fhàgail is fuireach ann a' Halifax ann an Alba Nuadh. Gu mì-fhortanach b' fheudar dhan t-soitheach a cùrsa atharrachadh air a' bhòidse sin, agus thill e dhachaigh a Ghriomasaigh ann an 1914 agus cheannaich e bàt'-iasgaich.
Nuair a thòisich a' Chiad Chogadh, dh'fhalbh Pàdraig còmhla ris na Lovat Scouts. Bha e ri aghaidh blàir ann an Gailiopoili, as an Eipheit, ann a' Sailoiniga agus as an Fhraing. B' e na thachair an Gailiopoili a thug air Òran a' Chogaidh a dhèanamh:
"Àm doirbh. 'S ann a' Suvla Bay a chaidh sinne a chuir air tìr, air oidhche. Cha robh sinn fad ann nuair a fhuair sinn gairm, mar a tha air innse ann an aon de na h-earrannan.
Chaidh iarraidh oirnn seasamh, stand to mar a theireadh iad san arm, agus a' bhiodag a chuir air a' ghunna agus còmhstri air tòiseachadh, agus mar a chuala sinn a-rithist gur e an rud a dh'adhbhraich an trìlleach, nuair a chuala rèiseamaid each eile, a bha thall mar a bha sinn fhìn, gu robh na Scouts air a dhol air tìr, chuir iad suas a' phìob agus chluich iad 'Gillean an Fhèillidh'.
Agus shaoil leis an Turcach, a bha mur coinneamh air na h-àirdean, gu robh sinn a' dèanamh orra. Agus theann iad a' smàladh oirnn leis a h-uile nì a bh' aca, on a' ghunna bheag chun a' ghunna mhòr."
Fhearaibh th' aig baile ri cèilidh nan taighean
Ri èisteachd gach naidheachd mar thig as an Fhraing,
Gar garadh gu dòigheil ma theine math mònadh
Gur mise bhiodh deònach bhith còmh' ribh san àm.
Chan ionnann is mise 's an còrr de na gillean
Tha seasamh fo shileadh de dh'uisgeachan trom,
Fo luaidhe nan Turcach is sligeannan muirt-te
Tha dòrtadh mar thuiltean gun sgur ma ar ceann.
'S e làn chorpaileir a bh' ann am Pàdraig nuair a thàinig deireadh a' chogaidh agus cha d' fhuair e mach às an arm agus air ais a Ghriomasaigh gu iasgach is obair croite gu 1919.
Ann an 1923, phòs Pàdraig Flòraidh NicThòrcadail, Flòraidh Lachlainn, à Griomasaigh cuideachd. Bha ceathrar chloinne aca: Lachlainn, Gilleasbuig, Anna agus Mairi Flòraidh.
Aig àm an Darna Cogadh bha Pàdràig a-rithist air ais agus air adhart eadar Glaschu is Griomasaigh. Nuair a bha e air tìr mòr bhiodh e a' feuchainn ri obair air choireigin fhaighinn anns a' bhaile agus an uair sin a' tilleadh dhachaigh airson obair an earraich is an fhoghair.
An dèidh a' chogaidh thug e an teaghlach a dh'fhuireach airson ceithir bliadhna air Eilean Heillsgeir, àite a chord gu mòr ris ged nach robh a' fuireach ann ach iad fhèin. Ged a bha e dòchasach gun tigeadh teaghlaichean eile ann, cha tàinig, agus mu dheireadh thill Pàdraig agus an teaghlach air ais a Ghriomasaigh.
Sgrìobh Dòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach mu dheidhinn:
"'S e duine bh' ann riamh a thionndaidheadh a làmh ri obair sam bith a thigeadh an rathad – eadar croitearachd, obair an iasgaich, obair a' chlò, eadar snìomh is deilbh is obair na beairte is eile. Nuair a bhios e "na thàmh", 's ann a leughadh no sgrìobhadh a bhios e, no ag innse sgeulachd no gabhail duanag do dhuine sam bith aig a bheil tlachd as na seann ghnothaichean."
Mar eisimpleir, an dà bhliadhna mu dheireadh a bha e a' fuireach an Glaschu, bha e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn agus chuir e an t-eòlas a fhuair e an sin gu feum a' teagasg seinn do chlann-sgoile an Griomasaigh.
Bhàsaich Flòraidh a bhean anns a' bhliadhna 1973 agus b' e buille chruaidh a bha seo do Phàdraig, 's iad air a bhith còmhla faisg air leth-cheud bliadhna. Chaochail e fhèin air 7 Iuchar, 1978.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òrain Phàdraig agus cuid de na sgeulachdan a chaidh a chlàradh bhuaidhe le Sgoil Eòlais na h-Alba rim faotainn anns an leabhar Ugam agus Bhuam, deasaichte le Dòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1977. Chaidh an aon leabhar fhoillseachadh a-rithist ann an 2007, an turas seo le CD de na h-òrain na chois.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.