
'S ann à Càrlabhagh, Leòdhas a tha Norrie 'Tàgo' MacÌomhair. Nuair a bha e 15 chaidh e do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a' Phloc, far na dh'ionnsaich e ceòl a' bhogsa còmhla ri Blair Dùghlas, ceòl giotàr còmhla ri Jack Evans agus seinn còmhla ri Wilma NicUalraig.
Fhad 's a bha e anns a' Phloc thòisich e a' seinn agus a' cluich còmhla ris a' chòmhlan Bodega a choisinn farpais BBC Radio 2 Young Folk Awards agus a choisinn an duais airson còmhlan na bliadhna an Alba ann an 2009. Cheumnaich Norrie à Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba (RSAMD) cuideachd.
Bidh e a' seinn leis fhèin, còmhla ri Bodega agus anns a' chòmhlan Na Seòid, fo stiùireadh Mhàiri Anna NicUalraig. Tha e air cluich aig Celtic Connections agus Fèis Cheilteach Innse Gall agus fèisean eile air feadh Bhreatainn, an Roinn Eòrpa agus an Amaireaga a Tuath. Tha e air cluich cuideachd air clàir le leithid Skipinnish, Julie Fowlis, Raonaid Walker agus Dàimh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.