Nic Còiseam

Thòisich Cogadh na Cailliche Caime, mar a chante ris am beul-aithris, nuair a chuir Dòmhnall Gorm Mòr, ceann-cinnidh nan Dòmhnallach, bhuaidhe Mairead, piuthar do Ruaraidh Mòr, ceann-cinnidh nan Leòdach an Dun Bheagain.

Bha Mairead air a fradharc a chall agus chaidh a sgiùrsadh le Dòmhnall Gorm à Dùn Thuilm air druim eich a bha air leth-shùil. Còmhla rithe chuir e gille aig nach robh ach aon shùil agus cù a bha air leth-shùil. Agus mar nach robh seo a' dèanamh tàire gu leòr oirre fhèin agus air a cuideachd, nuair a fhuair e sgaradh-pòsaidh, phòs e piuthar de Mhac Coinnich Cheann Tàile, dearg nàmhaid Ruaraidh Mhòir.

Dh'adhbhraich seo cogadh fuilteach a mhair dà bhliadhna eadar an dà chinneadh. Rinn Ruaraidh sgrios ann an Tròndairnis agus thug na Dòmhnallaich ionnsaigh bhrùideil air fearann nan Leòdach as na Hearadh. Thill iad dhan Eilean Sgitheanach far an cuala iad gu robh Ruaraidh Mòr air togail air a thoirt ionnsaigh air fearann nan Dòmhnallach an Uibhist a Tuath.

Chaidh muinntir Uibhist a shireadh comraich an Eaglais na Trianaid an Càirinis, ach cha do chuir sin bacadh air na Leòdaich, le fear air an robh Dòmhnall Glas, à Ròdal na Hearadh, air an ceann. An dèidh làmh-an-uachdar fhaighinn air na Dòmhnallaich agus an cuid, chuir Dòmhnall Glas 's a chuideachd romhpa beagan fois a ghabhail an Cairinis mus tilleadh iad dha na Hearadh.

Ràinig an naidheachd Dòmhnall Mac Iain Ic Sheumais, aig an robh Èirisgeigh aig an àm seo, a' bhliadhna 1601. Bha esan de Chloinn Dòmhnaill agus ainmeil mar churaidh. Bha e air a ràdh gu robh "a neart mar dharag na coille, a chumadh cho dìreach ri giuthas na beinne, 's a chorp cho subailte ri cuilc nan lòn" agus gu robh claidheamh aige air an robh An Lainnire Riabhach.

Rinn e air Uibhist a Tuath le dà dhuine dheug de chuideachd. Thog iad triùir eile air an t-slighe tuath, agus le sin, bha sia duine deug sa chuideachd aig Dòmhnall nuair a ràinig iad Càirinis.

Rinn iad sgrios air na Leòdaich aig Blàr na Fèithe no Blàr Chàirinis, ach chaidh Dòmhnall a leòn le saighead anns a' chath. Chaidh Dòmhnall Glas a mharbhadh air a' chladach sa Bhaile Shear aig àite ris an cante Oitir Mhic Dhòmhnaill Ghlais. Cha do shàbhail ach dithis Leòdach.

Bha a mhuime, Nic Còiseam, air Dòmhnall a leantainn à Èirisgeigh agus a rèir an aithris bha i fhèin agus banal bhoireannaich air cladach a tuath Ghriomasaigh a ruighinn mun àm a bha am blàr a' crìochnachadh. Rinn i glaodh mhòr uabhasach agus chaidh sgoth a chuir gan iarraidh. Bha e air a ràdh gun do sheinn iad Mhic Iain 'ic Sheumais fhad 's a bha Nic Còiseam a' toirt an t-saighead à sliasaid Dhòmhnaill.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.