Rugadh Niall Moireasdan, Niall mac Choinnich, ann an Innis na Sìth, faisg air Sgarastadh Bheag as na Hearadh mu 1816. B' e Coinneach mac Nèill a chante ri athair agus Mòr Ni' Thorcaill (NicLeòid) ri mhàthar.
Chante Bàrd Chleite na Dubhchadh ris, oir b' ann san àite seo air taobh siar na Hearadh a bha a dhachaigh airson iomadach bliadhna. Ach chante cuideachd Bàrd Phabaigh ris oir chuir e seachad mu cheithir bliadhna, a bha dìreach dubh dha, air Eilean Phabaigh ann an Caolas na Hearadh.
Ann an 1848 phòs e ban-Sgitheanach, Raonaid NicGillEathain, agus bha seachdnar chloinne aca.
B' ann ri cìobaireachd chaorach a bha Niall fad a bheatha, agus b' ann mu 1870 a chaidh e a Phabaigh na chìobair, ag obair do na Stiùbhartaich aig an robh an t-eilean aig an àm.
Mar a mhìnich Joina NicDhòmhnaill air BBC Radio nan Gàidheal air 29/11/2000:
"Tha e soilleir bho na h-òrain a tha a' buntainn ris an tràth seo dhe bheatha nach do chòrd e ri Niall idir a bhith ann, a dh'aindeoin bòidhchead. Bha e a' miannachadh a bhith air ais air tìr mòr na Hearadh, gu h-àraidh faisg air Beinn Bhlìth-bhal a tha ag èirigh os cionn Sgarastadh far an d' rugadh e. Tha e ag innse cho aonaranach 's cho dubhach 's a tha e fhèin air an 'eilean fhiadhaich' seo far a bheil e a' faireachdainn gu bheil e glaiste mar phrìosanach."
Rinn Niall Moireasdan òrain a' moladh uaislean na Hearadh, òrain gaoil leithid Òran Chairistìona Brus, òran mu ghaiseadh a' bhuntàta an 1846, òrain chloinne, òrain mun bhragsaidh, marbhrainn, òrain mu radan 's mu bhiast-dhubh, agus dàin spioradail mu Iain Gobha na Hearadh, an Crìosdaidh ainmeil, air an robh e eòlach.
'S ann mar thoradh air an obair a rinn Seòras MacEanraig, a rugadh ann an 1866 ann an Cille Taraghlain, a tha leithid de dhàin Bàrd Phabaigh againn an-diugh. Bha MacEanraig air ceumnachadh bho Oilthighean Dhùn Èideann, Vienna, agus Oxford. Chaidh e an uair sin chun na ministrealachd agus thug Clèir Dhùn Èideann cead searmonachaidh dhà ann an 1900.
Bha e bliadhnaichean na mhinistear an Eaglais na h-Alba air taobh siar Chataibh mus do ghabh e dreuchd mar òraidiche ann an Oilthigh Ghlaschu ann an 1906 far an robh e ag obair gus an do chaochail e gu h-aithghearr le tinneas cridhe sa bhliadhna 1912, aig aois 46.
Chaidh MacEanraig dha na Hearadh a chruinneachadh òrain a' bhàird bho a nighean, Mòr, agus bho dhaoine eile a bha eòlach air, gu h-àraidh Dòmhnall Pabach às an Taobh Tuath agus Catrìona NicLeòid às na Buirgh.
Dh'fhoillsich MacEanraig Leabhar nan Gleann ann an 1898, agus am measg nan òran eile a tha anns an leabhar sin, tha fichead òran le Bàrd Phabaigh agus cunntas air an duine.
"The poet was tall, dark-eyed, glas san aghaidh, and one of nature's gentlemen." Agus a-rithist: "The poet was a man of blithe and merry nature – "duine air leth sunndach, toilichte air nach fhacas gruaim riamh" – and he delighted in singing his songs to his children. The continual loneliness, however, was apt, especially in winter, to nurture a feeling of the eerie and to foster a dread of the spirits of the night who are so dangerous to human kind. InÒran an Eagailhe recalls an experience familiar to us all."
Chaochail Niall Moireasdan ann an Cleite na Dubhchadh san Earrach 1882, aig aois 66. Tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Sgarastadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.