
Rugadh Niall MacLeòid am Poll Osgainn ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach ann an 1843. Bha athair, Dòmhnall nan Òran, na bhàrd agus thàinig leabhar den bhàrdachd aige-san a-mach ann an 1811 nuair nach robh e ach fichead bliadhna a dh'aois.
A rèir coltais cha d' fhuair Niall cus foghlam sgoile ach dh'ionnsaich e Beurla dha fhèin le bhith ga sgrìobhadh 's ga leughadh. Chaidh e a Dhùn Èideann mu 1866 a dh'obair còmhla ri a cho-ogha, Ruaraidh MacLeòid ann an gnìomhachas na tì. Chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha an Dùn Èideann ged a bhiodh e a' siubhal na dùthcha a' reic tì.
Tha mòran òrain a rinn Niall MacLeòid air an seinn chun an latha an-diugh, agus nam measg tha 'An Gleann san Robh Mi Òg', An Gaol a Thug Mi Òg, Fàilte don Eilean Sgitheanach, Duanag an t-Seòladair, Mo Dhòmhnallan Fhèin, 'Òran na Seana-mhaighdinn', 'Coille Chaoil' agus 'Far an Robh mi 'n Raoir'.
Nochd na h-òrain aige an clò an toiseach ann an 1883 as an leabhar Clàrsach an Doire, air fhoillseachadh le Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich an Glaschu.
Ach mar a chaidh a ràdh air program Gàidhlig a' BhBC air 9/02/1944:
"An latha Nèill MhicLeòid bha tuath na Gàidhealtachd air dhroch càradh. Dh'fhuiling iad ana-ceartas agus ain-tighearnas, fuadach agus sgaradh, agus bha sin trom air spiorad a' bhàird. Chasaid e na aghaidh, 's cha b' ann aon uair. Ach chan eil a chasaid ach fann, oir cha robh na cheann an teanga nimheil a loisgeas 's a lotas. 'S e th' aige an guth ciùin, sèimh a thàlaidheas. 'S docha leinn an dealbh taitneach a dh'fhàg e againn air sluagh suairce, sona 's a' ghleann ' s an robh e òg, na a' ghearan an aghaidh ana-ceartas."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.