Niall MacIllEathain (Bàrd Bhaile Ghobhainn)

'S ann à Tobar Mhoire am Muile a bha Niall MacIllEathain ged a bha e a' fuireach ann am Baile Ghobhainn an Glaschu, fad iomadh bliadhna. Chante Bàrd Bhaile Ghobhainn ris.

Na dheugaire chaidh e gu chosnadh aig an iasgach, agus aig aois 17 chaidh e gu muir agus chuir e seachad roinn mhath dhe bheatha a' seòladh gu tìrean cèin.

An dèidh fuireach air tìr bha e na mhaighstir caladh aig Princes Dock air Abhainn Chluaidh, ann an seirbheis Urras Chluaidh, fad 35 bliadhna.

Tha mòran de na h-òrain aige mu Mhuile. Air taobh a mhàthair bha dàimh aige ris a' bhàrd Dùghall MacPhàil à Muile a rinn an t-òran An t-Eilean Muileach.

Rugadh athair an Eilean Chanaigh; bhuineadh a sheanmhair do Shlèite san Eilean Sgitheanach. Bha a sheanair greis an Colla far an robh e a' ruith na pacaid; às a' sin chaidh e do Thiriodh agus à sin a dh'Eige.

Bha Niall pòsta aig tè a mhuinntir Bheinn na Fadhla. Tha an ceangal a bha aige ri iomadh ceàrn ri fhaicinn mar eisimpleir anns na h-òrain a sgrìobh e mu Thiriodh, mu Eilean Cholla agus mun t-Eilean Sgitheanach mun d' thuirt e:

Ged 's sgiathach is corrach do chladach mun cuairt
'S e gu tric air a shadadh le tonnan a' chuain
Bidh m' iarrtas gam tarraing cho fad 's bhios mi beò
A dh'ionnsaidh mo dhachaidh an Eilean a' Cheò.

Ged is e Mo Mhàthair 's dòcha an t-òran is tric a chluinnear leis an-diugh, bhiodh e tric a' moladh na Gàidhlig na bhàrdachd agus ag earalachadh nan Gàidheal a bhith dìleas dhi ann am bàrdachd leithid 'Cainnt nam Beanntan'.

A' bruidhinn air Niall, agus mu òrain a rinn e leithid 'Òran mu Gleann Chille Mhàrtainn', air prògram Gàidhlig a' BhBC air 30/01/1947, thuirt an t-Urr. Tòmas MacCalmain:

"Tha comas dha-rìribh aige a bhith a' beachdachadh agus a bhith a' cur am briathran snasmhor na tha a shùil agus a mhac-meanmain a' faicinn air chor is gu faic thusa cuideachd an sealladh a chunnaic esan.

"Chan e a-mhàin nàdar balbh neo-ghluasadach a tha Niall a' faicinn agus a' cur an cèill, ach na neòil a' gluasad os cionn nam beann agus a' tilgeil sgàil air na slèibhtean; na fèidh 's na h-uain 's na h-eòin, dathan nan craobh 's nan lus, faileas na tìre ann an sgàthan ciùin na mara."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.