Niall MacIllEathain

Niall MacIllEathain

Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-Ghàidheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) àrach. Bha a sheanair agus a sheanmhar à Colla agus Tiriodh.

Ann an Sgoil an Òbain thàinig e fo bhuaidh Iain MhicDhòmhnaill, a bha stiùireadh Còisir Ghàidhlig an Òbain, agus a bha ainmeil airson a bhith cur fuinn air bàrdachd Ghàidhlig. Fiù 's an uair sin, bha guth Nèill a' tarraing aire dhaoine.

Cha robh Niall air crìoch a chuir air fhoghlam nuair a chaidh e dhan Chogadh Mhòir, far an robh e na oifigeach anns an nèibhidh le command air bàta-sguabaidh. Thill e air ais gu foghlam às dèidh a' chogaidh agus cheumnaich e le M.A. B.Sc. à Oilthigh Ghlaschu.

Ann an Glaschu, bha e na bhall de Chòisir Eaglais Chaluim Cille agus bha fèill mhòr air aig gach cuirm is cèilidh a bha a' dol, mar a mhìnich Fred MacAmhlaigh anns a' phrògram a rinn e mu dheidhinn Niall (17/10/85):

"Anns na bliadhnaichean sin bha Gàidheil a' bhaile nan làn ìre agus bha talla a' bhaile agus Talla Naomh Anndrais daonnan làn Ghàidheil o gach comann a bh' ann, ag èisteachd ris na seinneadairean òga, ùra, air an robh iad a' fàs cho eòlach agus cho measail air a' ghramafon. Bha na Mòdan cuideachd aig àird an comais an uair ud agus, aon uair 's gun d' fhuair Niall am Bonn Òr aig Mòd Ghlaschu ann an 1921, cha robh tilleadh tuilleadh na shoirbheas."

Nuair a dh'fhosgail am BBC stèisean ann an Obar Dheathain, 's e Niall a chuireadh ann, agus cha b' fhada gun do stèidhich e prògram beag Gàidhlig, Sgeulachdan agus Òrain.

Tha e coltach gur e duine air leth dreachmhor, pearsanta a bh' ann, le gruag bàn ruadh, "eòlach air e fhèin a ghluasad gu cubhaidh anns gach suidheachadh a thigeadh air."

'S dòcha gur e sin, a thuilleadh air guth eireachdail, bu choireach gu robh e cho tric air aoigheachd an Caisteal Inbhir Aora, far an robh meas mòr aig Diùc Earra-Ghàidheal agus aig Lady Elspeth Caimbeul air an t-seinn aig Niall agus an ceòl a chluicheadh a bhean, Jenny Currie, air a' phiàna.

Aig aon àm na bheatha bha trioblaid aig Niall le deoch làidir ach an uair a dh'fhàg e am BBC ann an 1930, chuir e cùl ris an deoch gu tur. Rinn e fhèin agus Jenny am beòshlaint fad bhliadhnaichean a' seinn air feadh Alba agus a' dèanamh chlàir. Sheinn e cuideachd am Baile Mhorail don Rìgh Seòras agus a bhean, màthair na Ban-righ, agus aig Royal Command Performances ann an Lunnainn.

Na àm, cha robh duine am measg nan seinneadairean Gàidhlig a rinn uibhir a chlàir ri Niall MacIllEathain, còrr agus 300 air fad.

Ach a dh'aindeoin an fhèill a bha air fhèin mar sheinneadair agus air na clàir, 's fheudar nach robh an cosnadh dha rèir. Ann an 1936 chuir e seachad bliadhna ann an Colaiste Chnoc Iòrdain agus an dèidh sin, thoisich e ri teagasg an Dùn Omhain, ged a lean e air a' seinn.

Aig aois 67, goirid an dèidh dha sguir a theagasg, chaochail Niall. Mar a dh'innis Fred MacAmhlaigh:

"'S ann aig cuirm anns an Òban a bh' ann, ann an 1962, agus iad a' cruinneachadh airgid airson Mòd na bliadhna sin anns a' bhaile. Bha Niall ann am fonn math, is sheinn e grunnan òrain air an robh an luchd-èisteachd eòlach is fìor dhèidheil. Ach goirid an dèidh na cuirme, ghabh e grèim-cridhe agus chaochail e an ceann beagan sheachdainean."

Bha sin air 4 Cèitean, 1962.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.