Niall Mac a' Phearsain (Niall Ceannaiche)

Rugadh Niall Mac a' Phearsain, Niall Ceannaiche, timcheall air 1834. B' e Aonghas Mac a' Phearsain ainm athair agus b' e Anna Stiùbhart a bh' air a mhàthar.

An 1861, tha fhios gu robh e a' fuireach as a' Sgor aig beul Loch Phort Rìgh, ach, aig àm aimhreit an fhearainn as na 80an bha e a' fuireach an Gead an t-Sailleir sa Bhràighe. Bha e pòsta aig Mòr Nic an Tòisich, boireannach comasach, cuideachail a bha a' dleasadh spèis bhon h-uile duine a bha eòlach oirre.

Bha e air a ràdh gu robh beagan eagail aig daoine ro Niall Ceannaiche. Dh'fhaodadh e a bhith èibhinn is eirmseach, ach dh'fhaodadh e bhith gu math guineach cuideachd, mar a chithear ann an rannan a rinn e mu fhear às a' Bhràighe a bha saoilsinn treallaich dhe fhèin agus a bha rudeigin bòsdail mu cho math is a bha e air poidseadh is sealg.

Aon turas chuir Calum a bha seo roimhe an t-sealg a leigeil seachad airson greis agus a dhol gu chosnadh aig muir domhain. Dh'fhàg e a ghunna an cùram Nèill a bha dìreach air a dhòigh is sùil aige ri sitheann gu leòr fad co-dhiù bliadhna. Ach bha am bàrd air a thàmailteachadh nuair a thill Calum, 's gun e air cas a chuir air bàta. Thàinig air Niall an gunna a thilleadh mus deach aige air a losgadh fiù 's aon turas. Chuir e urchair ann an Calum ann an òran:

Tha muir is tìr dha cho mìn 's a chunnaic sibh
Cogadh, sìth, cha robh nì a chumadh ris,
Mun toir gach rìoghachd le cinnt an t-urram dha
Gun geàrr e cruinn-leum air druim a' Ruiseanaich.

On dh'fhàs e calma b' e earbsa h-uile fear
Gu faighte falbh bho chuid armachd uile e,
'N taobh thall na fairge bhiodh marbhadh fuilteach ann
'S mun till e dh'Albainn bi ainm Rìgh Uilleam dheth.

Gum biodh e feumail san Èiphit cuide ris
Na daoine treun a bha feumach cuideachaidh;
Ma nì e èirigh 's na Gàidheil uile leis,
Gum bi cuimhne san linn nach d' rugadh air.

Tha mòran de na h-òran aig Niall mu thachartasan is mu mhuinntir a' bhaile. Thug e, mar eisimpleir, tàthagan do dh'fhir òga a' Bhràighe a bha cho cinnteach asta fhèin mar mharaichean agus nach gabhadh iad comhairle bho na bodaich eòlach a chuir seachad am beatha a' làimhseachadh eathraichean. Chrìochnaich e an t-òran:

Ma thèid thusa sheòladh
Tadhail aig na seòid ud
Dh'innseas dhut gu dòigheil
An dòigh air cur ma sgaoil.

Dh'fhaodadh e bhith feargach, mar a tha e anns an t-òran a rinn e mu fhear a thug fianais na aghaidh ann an cùirt lagh.

Gun do thog thu fianais bhrèige
'Am aghaidh-sa aig Siorram Fraser;
Tilgear fhathast ort sa Bhràighe
'S air do threubh, gun ùmaidh thu.

An uair thig teachdaire on bhàs ort
Dè bhios agad-sa ri ràdha?
Seasaidh tu sa chùirt às aìrde
Sàtan gum bi sùil aig ort.

Tha tuarasdal luchd nam breugan
Anns a' Bhìoball air chuir sìos duinn,
Gum bi Dòmhnall Dubh gam pianadh
Bha iad riamh ag ùmhlachd dha.

Bha taobh caomh air Niall Ceannaiche cuideachd agus chan eil teagamh nach robh e ceangailte ri bhean agus ri theaghlach. Cha robh Ciorstaidh, a nighean a b' òige, ach 15 nuair a thàinig an grèim oirre agus chaochail i.

A rèir Alasdair MacNeacail, a bha eòlach air a' bhàrd, bha a' bhuille seo cho cruaidh air Niall agus nuair a bha e fhèin a' sgrìobhadh sìos òrain Nèill bho aithris a' bhàird, 30 bliadhna an dèidh bàs Chiorstaidh, cha deach aig Niall ach air dà rann dhen chumha aice aithris mus do bhris air. Dh'fheuch iad a-rithist ri thoirt sìos an ceann seachdain ach thachair an aon rud. A' faicinn an àmhghair as an robh am bàrd, cha robh a chridhe aig MacNeacail iarraidh air feuchainn ri aithris tuilleadh. Le sin chan eil ach an dà rann air sgeul:

A Chiorstaidh, a ghaoil, bha faoilt air d' aire
Le gaol 's le carthannas mòr
A' tighinn on bheul a b' fhiach dhomh aithris
Bha ciatach agam de d' dhòigh.
Chan fhaca mi riamh ach nial na glain' ort
Do bhian mar chanach an lòin;
Bu mhath thu gu gnìomh le miar cho snasail
'S a bha riamh air talamh nam beò.

Bu mhòr ort mo ghaol, chan fhaod mi aithris,
Chan fhaod mi chantainn rim bheò,
Gun leiginn air dìochuimhn d' fhiamh às m' aire
'S tu brèagha 's d' fhalt mar an t-òr,
Na chamlagan dlùth os cionn do mhala
Bu chumadail chumadh tu bròg;
Na càirdean gach taobh is dùil dom b' aithn' thu
An dùrachd thu fada bhith beò.

Chaochail bean Nèill mus robh i 50 bliadhna, agus rinn Niall cumha tiamhaidh dhi.

A' caoidh na h-òigh a dhealaich rium
'S e dh'fhàg mo chadal luaineach;
Gur tric mi ort a' smaoineachadh
Gu daonnan air mo chluasaig.

An uair a bhithinn airtneulach
Is m' aigne gun bhith suaimhneach,
Gun cuireadh tus' air dòigh mi
Le cainnt do bheòil cho suairce.

Rinn Niall co-dhiù dà òran a' moladh an Eilein Sgitheanaich, An t-Eilean Grianach Fallain agus 'Òran Molaidh an Eilein' a tha tòiseachadh:

An t-eilean bòidheach Sgitheanach
Is àille tha fon iarmailt;
Na h-uaislean tha ag iathadh ann
O chrìochan na Roinn Eòrpa.

Cha robh Niall Ceannaiche ach beagan is dusan bliadhna na b' òige na Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran). Chunnaic e, mar a chunnaic ise, goirt mhòr a' bhuntàta as an eilean agus air feadh na Gàidhealtachd. Chunnaic e na thachair às dèidh sin, le uachdarain a' gabhail sealbh a-rithist air tacannan a chaidh am briseadh aig toiseach na linn, agus mar thoradh air a' sin, fuadaichean eile. Chunnaic e fìor bhochdainn am measg nan daoine, gu leòr aca an urra ri iasgach a bha mì-chinnteach nuair a b' fheàrr a bha i.

Ged is ann am Beàrnaraigh Leòdhais a bha a' chiad ar-a-mach an aghaidh nan uachdaran, cha b' fhada gus an robh an aimhreit air starsaich Nèill.

Anns a' bhliadhna 1865 chaidh mòran dhaoine fhuadach às Sgoirebreac agus às an Sgor agus chaidh an cuir gu ruige Bràighe Phort Righ, far an robh cus dhaoine a' feuchainn ri tighinn beò. Dh'fhas cùisean na bu mhiosa nuair a chaidh pàirt den mhonadh a thoirt bhuapa airson a thoirt do thuathanach. Cha deach am màl a lughdachadh ged a chaidh am fearann a thoirt bhuapa.

Bha am bàillidh a bh' anns an àite cuideachd gu math cruaidh air an tuath agus 's ann a bhagair na daoine mu dheireadh gun sgiùrsadh iad caoraich an tuathanaich far na Beinn Lì. Bha Niall, mar chàch, an aghaidh a' bhàillidh agus thog e a ghuth air an taobh:

Le eucoir thugadh bhuainn ar còir
Bhith còmhnaidh mu na cluaineagan
Ann am fàsaichean an fheòir
'S ar sprèidh air lòin gam buachailleachd;
A' bheinn a bh' aig ar sinnsir òg
Tha 'n-diugh gun deò 's an fhuar-cheap orr'
Ceudan bliadhna ro Chloinn Dòmhnaill
Bha 'n cuid chròthan suas innte.

Is ma thig maoir oirnn à Port Rìgh
Gun achd an Rìgh nan làimh aca
Seallaidh sinne dhaibh nach sìth
A nì sinn riuth' 's na h-àman sin;
Ach am batal chuir dha-rìribh
'S dìleas bhios ar ceannardan
'S a' chlach as aìrde th' as a' phrìosan
Ìslichear an ceann aice.

Chan eil teagamh nach ann ro Bhlàr a' Chumhaing, as a' Ghiblein 1882, a rinn Niall 'Òran Beinn Lì' agus tha e a' moladh Màiri Mhòr airson an taic a bha i a' toirt do choitearan is chroitearan a' Bhràighe:

Is toilichte mi is mi tha èibhinn
Mun a' sgeul a chuala mi,
Gun robh Màiri Nighean Iain Bhàin
A' gabhail pàirt na tuath againn;
Deasbaireachd ri Aonghas Màrtainn
Am bàillidh, ged a b' uaibhreach e,
Thug i buaidh air leis a' Ghàidhlig
'S dh'fhàg i nàdar truacanta.

Is on a sheas thu air ar ceann
Goirear ban-rìgh an taobh tuatha riut
Oir tha thu tric air taobh nan Gàidheal
Is eudmhòr mu am buannachadh.
Do ghliocas inntinn, 's comhradh bèil
Am measg nan ceud cha d'fhuaireadh e
'S cha tig do leithid ann ad dhèidh
Is romhad fhèin cha chualas i.

Tha e coltach gur e duine làidir, na bhodhaig agus na inntinn, a bha ann an Niall Ceannaiche. Bha sgeul air innse mar a bha e latha, aig aois 84, a' tearradh mullach an taighe aige nuair a shleamhnaich a chas agus thuit e gu làr. Ged a bha e air a phronnadh cha do bhris e cnàimh agus chuir e fhèin an tubaist ann a' suarachas. Bha tè anns an nàbachd a thuirt mu dheidhinn, "Mur b' e an inntinn làidir a bh' aige, bha e air a dhol far cnàimh na h-amhaich!"

Chaochail Niall ann am Port Rìgh air 7 Dàmhair, 1924, aig aois 90.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.