
Rugadh Neilidh Fearghasdan aig Clachan a' Lùib an Uibhist a Tuath air 17 Faoilleach, 1938. Bhuineadh athair, Dòmhnall Alasdair Rob, dha na Fearghasdanaich a bh' aig a' Chlachan, agus bha a mhàthar, Màiri NicIllFhialain, Màiri Alasdair 'ic Nìll no Màiri an Tàilleir, à Beinn na Fadhla.
Ann an 1942, àm a' chogaidh, bha muinntir Bheàrnaraigh feumach air banaltram agus, chionns gur e sin an obair a bha aig màthair Neilidh, ghluais iad dhan eilean. Bha bus aig athair aig a' Chlachan, a' frithealadh taobh a deas agus an iar Uibhist a Tuath, 's bhiodh e dol a Bheàrnaraigh aig an deireadh sheachdain. Sin far an deach Neilidh dhan sgoil an toiseach.
Ann an 1946 thill an teaghlach tarsainn a' Chaolais agus chaidh a mhàthair na banaltram a Chàirinis. Bha triùir chloinne san teaghlach agus 's e Neilidh an t-isean deireadh linn! Chaidh e do Sgoil Chàirinis an uair sin agus, aig aois dusan bliadhna, do Sgoil Cheann a' Bhàigh. A' chiad turas a sheinn e air beulaibh dhaoine riamh, 's ann a' Loch Ailleairt, aig campa Comunn na h-Òigridh.
Dh'fhàg Neilidh an sgoil aig aois 15 agus fhuair e obair air bàtaichean Mhic a' Bhruthainn. Sin far an do ghabh e tlachd ann an òrain an toiseach. B' e Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) a' mate a bha air a' Lochmor:
"Bhiodh oidhche Shathairn againn sa Chaol, agus bha mise nam ghille òg ag obair sa gheilidh, 's nuair a thilleadh iad air bòrd an dèidh bhith cuairt bheag air tìr, bhiodh iad a' gabhail cupa tì agus bhiodh An Eòsag a' gabhail òrain. 'S bhiodh e ag iarraidh air duine mu seach, "Nach fhiach thu fhèin air luinneag bheag a ghabhail." Agus faodaidh mi ràdh gur e sin a thug dhòmhsa a' chiad bhreab ann an òrain. Duine cho gasta sa choinnich rium riamh."
Thug Neilidh dà bhliadhna aig Mac a' Bhruthainn ach ghabh e comhairle nan seòladairean is chaidh e air tìr a dh'ionnsachadh ciùird. Chaidh e an toiseach gu ruige Fìobha a dh'ionnsachadh a bhith na phlumair ann an gàrradh-iarainn ann am Burntisland. Fhad 's a bha e sin bhiodh e a' seinn aig na cèilidhean a bha aig meur a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an Cathair Challdainn. Rinn e an dara leth dhe thrèanadh an sin is an leth eile a' togail thaighean ann an Siorrachd Rinn Friù.
Thill e a dh'Uibhist aig toiseach na 60an agus bha e ag obair mar phlumair air a' cheann fhèin ach, ged a bha obair gu leòr ann, bha eagal air nach biodh e cho seasmhach sin. Fhuair e obair aig an GPO agus thug e còrr air 30 bliadhna a' siubhal on Bhuta Leòdhasach gu Barraigh, gu Tiriodh agus Muile agus ceàrnaidhean de thìr-mòr an ceann a chosnaidh leotha.
Phòs e ban Leòdhasach, Ceit Anna NicÌomhair à Brèascleit, a bha a' teagasg an Uibhist, san Dùbhlachd 1965. A' chiad uair a leig Neilidh dheth a dhreuchd, leig e seachad a bhith "biathadh chaorach air peinsean a' Phost Office!" Leig e seachad a' chroit agus ghluais e fhèin is Ceit Anna a dh'Inbhir Nis far an robh e ag obair pàirt-ùine ann am bùth a bha reic stuthan airson taighean a thogail. Chòrd na seachd bliadhna a bha e an sin air leth math ris, ach, nuair a ràinig e aois 70, chuir e roimhe gu robh e a' dol a stad a dh'obair. Ghluais iad a Leòdhas agus an-diugh tha iad a' fuireach air iomall baile Steòrnabhaigh.
A bharrachd air seinn aig iomadh cèilidh agus consairt eadar Càirinis agus Lunnainn, bha Neilidh a-riamh dèidheil air iasgach agus sealg agus, fo stiùireadh Cheit Anna, air gàirnealaireachd.
Tha meas mòr aige air na h-òrain aig Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna):
"Bha cuimhn' agam air Dòmhnall Ruadh on bha mi nam leanabh gus an deach e dhan chill. Fhad 's a bha mi an Uibhist, 's ainneamh latha a rachadh seachad nach fhaicinn Dòmhnall Ruadh. Bha e a' fuireach dìreach shuas a' rathad bhuainn. B' e sin an cèiliche, duine gasta. Cha dèanadh e fhèin seinn idir, agus ged nach b' e An Eala Bhàn a phòs e, bha e fortanach an tè a phòs e, bha cuimhne mhath, mhath aice. Bha cuimhne mhath aige fhèin, fìor mhath, ach, far am biodh esan a' stad, chuireadh Anna ceart e."
Tha cuimhne mhath aig Neilidh air a' chiad turas a sheinn e 'An Eala Bhàn' ann an Glaschu:
"Bha mi air cèilidh ann a' Lorne Street, far a' Phaisley Road. Cha robh mi ach òg an uair sin. Bha mi mu sheachd-deug, no eadar seachd-deug agus ochd-deug, agus cha robh fhios agam dè a sheinninn ach sheinn mi 'An Eala Bhàn' aig toiseach a' chèilidh. Agus bhiodh iad a' stad agus bhiodh cupa tì aca agus bhiodh feadhainn a' dol a-mach a ghabhail dram, 's a' tilleadh a-staigh. Agus nuair a bhathar a' gabhail na tì thàinig an tè a bha seo a bhruidhinn rium agus thuirt i rium, "Tha mi tuigsinn gur ann à Uibhist a tha thu, nuair a sheinn thu 'An Eala Bhàn'."
"'S ann," arsa mise.
Ars' ise, "An aithnich thu an duine a rinn 'An Eala Bhàn', am bàrd?"
"Aithnichidh glè mhath," arsa mise, "Dòmhnall Ruadh Chorùna. Tha mi gu math math eòlach air. Tha e a' fuireach shuas a' rathad, pìos bhuainn."
"Well," ars' ise, "'s mise An Eala Bhàn."
Theab mi tuiteam às mo sheasamh. 'S ann à Loch an Madadh a bha i, Magaidh Raghnaill Shaighdeir."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.