Nan NicFhionghain

Rugadh Nan NicFhionghain, Nan Eachainn Fhionnlaigh, ann an Ceann Tangabhail am Barraigh air 23 Dùbhlachd, 1902. Bha a h-athair, Eachainn Fhionnlaigh, à Ceann Tangabhail agus bha a màthar à Miughalaigh agus b' i Nan a b' òige den t-seachdnar chloinne a bha aca.

Nuair a bha Nan ceithir bliadhna a dh'aois ghluais an teaghlach chun a' Chaolais ann an Bhatarsaigh far an robh a h-athair air taigh-tughaidh a thogail. Trì bliadhna an dèidh dhaibh gluasad ann, an dèidh strì mhòr, chaidh croitean a dhèanamh air an eilean. Fhuair an teaghlach croit agus ghluais iad a-rithist gu Carragraich.

Nuair a bha i sia chaidh Nan don sgoil ann a' Bhatarsaigh. Thug i greis cuideachd ann an sgoil Bhàgh a' Chaisteil an dèidh do chàirdean dhi gluasad à Miughalaigh gu Bàgh a' Chaisteil.

Nuair a bha i seachd-deug dh'fhàg i an t-eilean agus thug i grunn bhliadhnaichean air mhuinntireas an diofar àiteachan an Earra-Ghàidheal. Bha i cuideachd aig cutadh a' sgadain, ann an Sealtainn agus Yarmouth, mus deach i a Ghlaschu.

Dh'eug a piuthar Flòraidh, gun dùil ris, goirid an dèidh don Dàrna Cogadh tòiseachadh. Cha robh an leanabh a b' òige aice ach dà bhliadhna a dh'aois agus bha an athair, Jonathan MacLeòid, as a' chogadh. Chaidh Nan dhachaigh a choimhead às dèidh ceathrar chloinne a peathar agus chuir i an còrr de beatha seachad air Bhatarsaigh.

Seo mar a dh'innis aon den chlann sin, Catrìona NicÌosaig, mun chuimhne a bha aice air Nan. Bha i a' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air 5/10/93:

"Mo mhàthair, dh'eug i ann an 1939, dìreach nuair a bhrist an cogadh a-mach. Bha m' athair a' falbh dhan chogadh agus fhuair m' athar cola-deug airson an tòrraidh agus thug mo sheanmhar sìos sinn dhan taigh aice fhèin gus na dh'fhalbh m' athar. 'S nuair a dh'fhalbh m' athair, 's e piuthar mo mhàthar, Nan Eachainn, 's i thàinig dhan taigh againn 's a thog sinn.

Bha niste an taigh aig Nan, taigh a màthar, ann an Carragraich, ach bha an taigh againne ann am Baile Bhatarsaigh, agus thàinig Nan a-nuas dhan taigh againne, a bhaile Bhatarsaigh, is 's i choimhead às dèidh sinn fhìn 's an taigh 's an crodh, agus 's i thog an ceathrar againn.

Boireannach beag tapaidh a bh' innte, 's bha i glè mhath dhuinne, 's bha i a' dèanamh a dìcheall airson an taigh 's a h-uile rud a chumail còmhla 's an dachaigh a chumail dha m' athair gus an tilleadh e dhachaigh. Cha robh e furasta idir aig an àm chionns cha robh fireannaich ann a chuidicheadh duine a' dèanamh treabhadh, no a' faighinn gual, no sgath mar sin.

'S chan eil mòine a' Bhatarsaigh ann, agus an gual a bhiodh iad a' faighinn, 's ann à Bàgh a' Chaisteil a bhiodh iad ga fhaighinn.

'S dh'fheumadh tu duine a lìonadh nam pocannan am Bàgh a' Chaisteil 's a bheireadh a dh'ionnsaigh a' chidhe ann a' làraidh iad, 's a chuireadh sa sgothaidh iad 's an uair sin a bheireadh às a' sgothaidh ann a' Bhatarsaigh iad. 'S an uair sin mus faigheadh tu a dh'ionnsaigh an taighe iad, bha dragh gu leòr ann.

Agus cha robh duine, fireannaich, ann airson a dhèanamh. Bha sinn a' reothadh leis an fhuachd iomadach latha nach robh teine idir againn. 'S bhiodh mi fhìn 's mo bhràthair, 's sinn nar cnapaich, a' dol mun cuairt a' chladaich ach am faigheamaid firewood is rud a chumadh an teine a' dol.

Bha Nan math le beathaichean 's cha robh na beathaichean aig m' athair 's mo mhàthar a-riamh cho math 's a bha na beathaichean aig Nan, a chionns bha i cho dòigheil mun cuairt orra. Bha sia beathaichean againn aig aon uair, 's bhathar a' bleoghann a h-uile gin aca, is 's e Nan a bhiodh gam bleoghann.

'S bhiodh i a' dèanamh ìm. Bhiodh i a' cur bainne an tàmh. Bhiodh tòrr mhiasan aice agus a' toirt dhiubh an uachdair, 's a' toirt a' bhainne gort dha na laoigh agus gam beathachadh le linseed 's le bainne gort, 's a' glèidheadh an uachdair. 'S nuair a bhiodh gu leòr ann bhiodh i a' maistreadh. Bhiodh i a' creic rud beag de dh'ìm ri cailleachan an siud 's an seo agus bha i cho tapaidh mar sin."

B' ann bho a màthair, a dh'eug ann an 1949 aig aois 81, a dh'ionnsaich Nan mòr-chuid den còrr air 400 òran a chaidh a chlàradh bhuaipe, gu h-àraidh le Seumas Ros a bha ag obair do Sgoil Eòlais na h-Alba an Dùn Èideann. Chaidh mòran beul-aithris eile, agus àireamh mhòr de sheanfhacail, a chlàradh bhuaipe cuideachd.

Bu toigh leatha a bhith a' seinn, mar a dh'innis Lisa Storey, a thogadh air Bhatarsaigh dlùth don taigh as an robh Nan, air BBC Radio nan Gàidheal air 5/10/93:

"Bhiodh sinn ga cluinntinn gu math tric a' seinn, a-muigh. Chan fheumadh tu a dhol a-staigh airson a cluinntinn a' seinn. Bhiodh i a' seinn nuair a bhiodh i a' crochadh a-mach an aodaich, 's nuair a bhiodh i a' biathadh nan cearc. 'S rud sam bith a bha i a' dèanamh taobh a-muigh an taighe, bha Nan a' seinn.

Agus an dòigh a bhiodh i a' bruidhinn mu dheidhinn nan òran, dh'aithnicheadh tu gu robh fhios aice co mu dheidhinn a bha na h-òrain a bha seo. Chan e dìreach seinn gun dòigh a bh' ann idir. Bha i a' tuigsinn a h-uile càil a bh' as na h-òrain aice."

Bha an Canon Aonghas MacCuidhein cuideachd eòlach air Nan:

"Bha a' fiosrachadh aice cho fìor dhomhainn. Bha a' chuimhne aice cho fìor mhath, agus an dualchas aig Uibhist agus Barraigh aice, agus nach tigeadh stad idir oirre. Ge bith dè chuspair a bha tighinn am bàrr chumadh i dol leth-uair, trì chairteal na h-uarach.

Cha ghabhadh i òran o thoiseach gu deireadh, ach, ann an teis meadhan ceathramh, stadadh i is dh'innseadh i dhut sloinneadh an duine bha i bruidhinn mu dheidhinn. Dh'innseadh i dhut dè an càs èiginn as na thachair an rud a bha tachairt, 's a leithid sin. Agus mar sin bha thu còmhla rithe ann am meadhan an òrain no am meadhan na h-eachdraidh.

Agus bha ise cho domhain as an eachdraidh agus ma bha i ann am bàta gu robh i as a' bhàta am meadhan a h-uile gailleann a bh' ann agus bha thusa còmhla rithe.

Nuair a thigeadh tu mach às an taigh aice bhiodh tu a' coimhead air an t-saoghal mun cuairt ort, 's bhiodh tu ag ràdh, "Well, nach annasach a' rud a thachair dhomh a-nochd!"

Bheireadh i staigh mi dhan t-saoghal aice fhèin agus sin a' saoghal as an robh ise beò. Cha robh for aice dè bha tachairt taobh a-mach Baile Bhatarsaigh. Cha robh i ag iarraidh beartas no rud sam bith a bhuineadh dhan t-saoghal seo. Bha i beò as na linntean a dh'fhalbh."

Dh'eug Nan Eachann Fhionnlaigh anns an t-Ògmhios 1982.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.