Thàinig Na Lochies gu aire an t-sluaigh an toiseach ann an 1968 nuair a choisinn iad farpais nan còmhlain aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Dun Omhain air a' chiad oidhirp.
Bha an dithis bhràithrean, Seonaidh Beag agus Aonghas Mac a' Mhaoilein agus an caraid Donnie "Gazette" MacAonghais air a bhith nam buill de Chòisir nan Loch agus chuir iad romhpa feuchainn air an fharpais. Thagh iad an t-ainm Na Lochies chionns gu robh iad uile à sgìre nan Loch.
Mar a mhìnich Donnie:
"Rugadh Seonaidh Beag agus a bhràthair Aonghas ann an Leumrabhagh 's bhithinn-sa an còmhnaidh ann air làithean-saora seach gu robh mo phàrantan à ceann a deas nan Loch, m' athair à Leumrabhagh agus mo mhàthar à Grabhair.
Aon dheireadh seachdain bha sinn còmhla ann a' Leumrabhagh, agus dìreach chuir sinn romhainn a dhèanamh. Bha Seonaidh aithnichte mar sheinneadair math Gàidhlig co-dhiù agus bha Aonghas math air a' ghiotàr a chluich.
Seach gu robh sinn air a bhith as a' chòisir smaoinich sinn gu seinneadh sinn aon de na h-òrain a bhiodh a' chòisir a' gabhail, 'Càit' an Caidil an Rìbhinn' agus òran tiamhaidh eile à sgìre na Loch, Isein Bhòidhich. Bha sia no ochd còmhlain eile san fharpais agus thug na britheamhan a' chiad duais dhuinne.
Bhon uair sin rinn Na Lochies seachd clàir - Westerly Gaels, Home to Lewis, Lewis Folk, North by North West, Slàinte Mhath, Lewisbound, agus Tìr Aluinn - agus clàr beag no dhà eile."
Bho choisinn Na Lochies aig a' Mhòd fhuair iad iomadh cuireadh a dhol air prògraman telebhisean leithid 'S e Ur Beatha, agus tha clàraidhean leotha rin cluinntinn tric fhathast air prògraman rèidio.
Cha robh na balaich a-riamh an sàs anns Na Lochies ach pàirt-ùine. Tha Seonaidh na bhreabadair, tha Aonghas na eòlaiche-inntinn agus bha Donnie na fhear-naidheachd aig pàipear Steòrnabhaigh. Ach a dh'aindeoin obraichean làn-ùine, 's iomadh talla air feadh Alba agus ann an Lunnainn as na nochd Na Lochies.
'S iomadh òran sean agus ùr a thug iad gu aire an t-sluaigh, mar eisimpleir òrain le Murdani Ceanadach (Murdani Mast), leithid 'Òran na Beairt' agus 'Òran a' Bhradain'.
Bha iad a-riamh ro dheònach feuchainn air òrain ùra, mar a mhìnich Donnie:
"Thug daoine à iomadh ceàrnaidh de na h-Eileanan Siar agus iomadh àite eile òrain dhuinn, 's bha sinn toilichte an ionnsachadh, an gabhail agus an clàradh, co-dhiù 's e òrain gaoil, òrain thiamhaidh, òrain dhùthchail, òrain molaidh no òrain èibhinn a bh' annta."
An-diugh tha dithis de Na Lochies a' fuireach an Leòdhas, Seonaidh as an Rubha agus Donnie air a' Bhac. Tha dachaigh Aonghais ann an Dùn Phris, ged a bhios e tighinn dhan eilean gu math tric.
Tha sinn an comain Donnie MacAonghais airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.