Muriel Urchardan

Rugadh Muriel NicFhionghain ann a' Steòrnabhagh air 5 Samhain, 1972, nighean le Iain Frògaidh agus le Anna Spàigean. Tha aon phiuthar aice, Erica, agus aon bhràthair, Iain, a chithear air BBC ALBA a' lìbhrigeadh a' phrògram telebhisean, Alleluia!.

Bha a h-athair a' teagasg ann an Sgoil MhicNeacail agus bha an teaghlach a' fuireach ann a' Steòrnabhagh gus an robh Muriel trì bliadhna a dh'aois. An uair sin cheannaich a pàrantan lot agus taigh ann an Griais agus ghluais iad às a' bhaile.

Chaidh Muriel do Sgoil a' Bhac agus do Sgoil MhicNeacail mus deach i do dh'Oilthigh Obar Dheathain agus à sin do Cholaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu. A dh'aindeoin trèanadh mar neach-teagasg cha do rinn Muriel mòran teagasg oir thàinig Telebhisean Grampian às a dèidh airson prògram naidheachdan làitheil, Telefios, a lìbhrigeadh dhaibh.

Thug i mu dhà bhliadhna ag obair air Telefios, agus mar a chanas i fhèin, 's iomadh rud mu dheidhinn nach dìochuimhnich i gu sìorraidh.

Anns a' Mhàrt 1998, phòs i an t-Urramach Iain Urchardan às na Hearadh, a bha dìreach air crìoch a chuir air a thrèanadh mar mhinisteir ann an Eaglais na h-Alba. Fhuair Iain coitheanal ann an Chryston, air iomall baile Ghlaschu, agus bha iad an sin mu ochd mìosan deug mus d' fhuair Iain calla gu Cuidhir ann an ceann a tuath Bharraigh.

B' e coitheanal beag a bha ann am Barraigh ach chòrd an t-eilean gu mòr ris an dithis aca. Tha triùir chloinne aca, Mairead Anna a rugadh sa Ghiblein 1999, Eòin a rugadh san t-Samhain 2000, agus Sìleas a rugadh an 2003.

Ann an 2003 ghluais an teaghlach do Shlèite san Eilean Sgitheanach agus Iain do Eaglais na Cille Mòire. Tha iad san Eilean Sgitheanach fhathast agus tha Iain ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh Muriel i fhèin cuideachd a' teagasg sa cholaiste bho àm gu àm.

Bha Muriel a' seinn anns na còisirean coimhearsnachd a bha Rodney MacCoinnich a' stiùireadh bho bha i seachd bliadhna a dh'aois. Bha i ann an Coisir Òg a' Bhac agus an uair sin ann an Còisir a' Loch a Tuath.

Aon turas tha e coltach gu tug Rodney oirre seinn leatha fhèin ann am farpais aig Mod 's theab an t-eagal cur às dhith. Cha do rinn i e ach an aon uair ach 's toigh leatha fhathast a bhith seinn còmhla ri daoine eile.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.