Murdigan Dòmhnallach

Murdigan Dòmhnallach

Rugadh Murdigan Dòmhnallach air 15 Ògmhios, 1955, ann an Cnoc na h-Iolair' ann am Pabail Iarach anns an Rubha an Leòdhas. 'S e as sine den dithis bhalach a tha aig Màiri a' Bhòchan agus Alasdair Dòmhnallach, an Kee-an.

Chaidh Murdigan do Sgoil Phabail, agus bho aois gu math òg bha e a' gabhail pàirt anns na Mòdan Ionadail, bho stiùir Dhonnchaidh 'Major' Moireasdan an toiseach, agus an dèidh sin le taic bho Iain Dòmhnallach, Iain Beag nan Òran. Choisinn e iomadh duais aig Mòdan Leòdhais anns na làithean sin.

Aig aois 15 chaidh Murdigan do Cholaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh a dh'ionnsachadh saorsainneachd, ach lean e air a' seinn agus a' dol chun a' Mhòd.

B' e àm air leth beothail a bha seo a thaobh ceòl am measg òigridh Leòdhais agus bha balaich òga eile mar Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) agus Iain MacÌomhair (Costello) agus Nissan, mac Hoddan, air fèin ionnsachadh ionnsramaidean ciùil agus air còmhlain a stèidheachadh. Bhiodh Murdigan a' cluich giotàr agus a' seinn ann an còmhlain leithid a' Hibernian Dance Band.

Phòs e caileag às an ath bhaile, Marisa nighean Sligo, ann an 1975. Bha iad air a bhith air an aon chlas anns an sgoil, agus tha iad air am beannachadh le triùir a theaghlach, Catrìona, Donal agus Màiri Alice.

Goirid an dèidh dhaibh pòsadh thàinig Tormod Dòmhnallach bhon BhBC dhan a' Rubha a dhèanamh prògram air a' bhàrd Coinneach MacLeòid, no Red mar a chanadh na Rubhaich ris. Bha cuideigin air moladh do Dhòmhnall, an Kee-an, athair Mhurdigan, a chleachadh mar sheinneadair, oir bha esan ainmeil as a' Rubha mar fhear le guth math a bhiodh a' seinn aig bainnsean.

B' e esan a mhol gum bu chòir duine òg mar Murdigan a chleachdadh air a' phrògram agus sin a thachair. Chaidh Red agus Murdigan an clàradh anns an t-seann taigh aig Red ann am Pabail Iarach. An oidhche sin fhèin sgrìobh Red 'Òran an Ola' agus sheinn e fhèin e air a' phrògram agus an dèidh sin thug e dha Murdigan e.

Aon uair agus gun deach am prògram a-mach cha do sguir a' fòn a dhol ann an taigh Mhurdigan, le daoine às gach ceàrnaidh a' toirt cuireadh dha seinn aig na cèilidhean a bha cho pailt anns a h-uile àite an uair sin. Bha làithean agus oidhcheannan trang, ach sona, aige.

Choisinn Murdigan am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Inbhir Nis ann an 1984, agus thug e bliadhnaichean a' seinn ann an Còisir Thung, agus ann an Còisir Lacasdail.

Bidh e a' seinn fhathast ged nach eil uibhir a chothroman ann an-diugh, agus bidh daoine a' cur facail thuige ach an cur e fonn riutha, rud a tha còrdadh gu mòr ris. Tha e dèidheil air na h-òrain aig Ciorstaidh Anna NicLeòid à Pabail, agus Uilleam Caimbeul à Port nan Giùran, agus chan eil teagamh nach ann bhuaidhe a fhuair a nighean, Màiri Alice, a guth seinn.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.