Murdani Ceanadach

Rugadh Murdoch Daniel Ceanadach, Murdani Mast, ann an 1926 ann am Marabhaig an sgìre nan Loch, Leòdhas. Bha a dhithis phàrantan bho na Lochan agus bha deichnear chloinne san teaghlach. Bha athair, tha e coltach, na dhuine caol, àrd, a bha daonnan na sheasamh air deac bàta, agus sin an t-adhbhar a fhuair e am far-ainm Mast, far-ainm a lean as an teaghlach.

Chaidh Murdani do Sgoil Mharabhaig agus, cho luath agus a dh'fhàg e an sgoil, chaidh e a dh'obair na chòcaire air bàt'-iasgaich air an robh Lady Margery. Mar a dh'innis e fhèin air BBC Radio nan Gàidheal, cha robh a' chòcaireachd ach ma làimh:

"Cha robh càil ach gun goilinn an coire. Cha b' aithne dhomh an coire a ghoil ann, an toiseach, nuair a chaidh mi innte. 'S eadar sin 's cur na mara, an coire a' goil 's mi fhìn le cur na mara 's bruich sgadan 's a' ròstadh sgadan, sin uiread a bha thu a' dèanamh an toiseach. Bha rations ann an uair ud, tìd' a' chogaidh 's bha e gu math duilich. Bhithinn a' dol dhan a' Food Office ann a' Steòrnabhagh le ration books a h-uile duine a h-uile Diluain. Bha thu a' faighinn coupons airson feòil. Cha robh thu a' faighinn ach bideagan beaga feòil airson fad na seachdain ach 's e sgadan mar bu tric a bha sinn ag ithe."

B' ann air a' Lady Margery, aig aois 15 bliadhna, a thòisich Murdani a' dèanamh òrain, air a phiobrachadh turas agus sgiobair air a dhol tarsainn a cliathaich:

An uair a thàinig tu air bòrd innt'
'S tu cho gòrach mar a b' àbhaist
Nuair a chaidh thu dh'fhosgladh ròpa
Thug thu plom an Ceann a' Bhàigh.

Ann an 1946, an dèidh ceithir samhraidhean aig an iasgaich, chaidh Murdani a sheòladh, an toiseach air tancair dhan a' Phersian Gulf ach an uair sin a Chanada, dha na Stàitean Aonaichte, agus gu Sealan Nuadh.

Ann an 1955 chaidh e gu sealg na mucan-mara ann a' South Georgia:

Nuair ràinig sinn South Georgia
Bha eòlaich as an àit' ann
'S a h-uile fear le feusag air
Mar fiadh bhiodh anns a' Phàiric.

'S ma nì mi fhìn an geamhradh seo
A chaoidh cha dèan mi dhà ann:
Thig mi air ais as t-samhradh
Gheibh mi laidhseans airson làraidh.

Phòs Murdani Louisa NicLeòid, i fhèin a Marabhaig, ann an 1959. Cha robh iad air a bhith pòsta ach mu mhìos nuair a theab e a bheatha a chall air bàta a bha dol à Fleetwood gu ruige Rotterdam le carago stàilinn. Bha e air faire còmhla ris a' sgiobair agus balach Èireannach nuair a thachair an tubaist:

"Thàinig ceò uabhasach as a' Channel oirnn agus thuirt an sgiobair rium gum bu chòir dhomh a dhol chun a' forecastle head a chumail lookout. Bha mi a' cluinntinn na soithichean, na cross-channel boats agus bha mi gan cluinntinn a' tighinn tarsainn oirnn, 's bha dùil agam gu robh iad a' dol gar bualadh.

'S thàinig aon 's bhuail i sinn. Chunnaic mi i dìreach nuair a bha i mu fhichead slat air falbh 's rinn i dà leth oirnn. Chaill sinn triùir dhan a' chriutha, 's bha mi fhìn as a' mhuir airson uair a thìde 's trì chairteil mus deach mo thogail.

Chuir mi dhìom mo bhrògan. Sin a' chiad rud a rinn mi nuair a chaidh mi dhan a' mhuir ach chaidh mi fodha agus nuair a dh'èirich mi bha gob a' funnel aig a' bhàta a' dol fodha, 's cha robh dùil agam gu robh duine beò ach mi fhìn."

Thug Murdani agus Louisa beagan bhliadhnaichean an Glaschu, far an d' thug e fhèin greis ag obair as an Albion Motor Works, mus do thill iad a Leòdhas. Rinn iad an dachaigh am Marabhaig. Sin nuair a fhuair Murdani, à Ùig, a' bheairt a rinn e cho ainmeil ann an òran:

'S i bheairt a rinn mo shàrachadh;
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh;
Nuair a chuir mi innte spàl
Bhrist ise h-uile snàth a bh' ann.
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.

Ged nach eil mi eòlach oirr',
Tha eagal orm nach còrd i rium;
Tha na h-iomallan innte cho dlùth
Agus chan eil sùil far 'm bu chòir dhi bhith.
'S i bheairt a rinn mo shàrachadh.

Nuair a chaidh obair a' chlò sìos anns na trì ficheadan thug Murdani greisean ag obair dhan Chounty, greis eile air bàta an Grianaig, seachd bliadhna ag iasgach air bàta a bha aig a bhràthair Iain, mus do thill e gu breabadaireachd a-rithist. Ach mus do sguir e a dh'obair, thill e gu iasgach nan clèibh.

'S iomadh duanag is òran a rinn e thairis air na bliadhnaichean a thug gàire, chan ann a-mhàin air muinntir na Loch, ach air iomadh Gàidheal air feadh an t-saoghail. Cò nach cuala mu 'Slimming Club Chromore', 'Òran a' Bhradain', 'Òran an Anchor Bar', agus 'The Girl from Cromore'.

Ach bha taobh eile air, mar a tha an cumha brèagha a rinn e nuair a chaochail a bhràthair Ailig 's gun e ach 49 a' dearbhadh:

O siuthadaibh, dhaoine, gur trom a' bhuille
Gum bu chruaidh a' bhuille a thàinig oirnne;
'S an uair a bha dùil againn riutsa dhachaigh
Gur h-e do bhàs a thug sinne uile còmhla.

'S ann Disathairne a fhuair sinn sgeula
Gur h-ann ìosal is gur beag do dhòchas
Bha sinn ag ùrnaigh is gu deigheadh do chùmhnadh
Ach is beag bha dhùil a' m-s' nach fhaicte beò thu.

Bha Murdani math air seinn agus bha e a' còrdadh ris a bhith seinn, co-dhiù bha sin aig diathad nam pensioners no a' cur a-mach an loidhne san eaglais.

Chaochail Murdani Mast san t-Sultain, 2010, agus aig an tiodhlacadh chuir a theaghlach fhèin urram air:

"He was such a character: a singer, storyteller, wit – the list could go on. But, most of all, he was a great friend. He loved people, loved making them laugh and making them feel special. He appreciated all his friends and they contributed to making his life so extraordinarily full. He bore his final illness with incredible courage, patience and strength and knew at the end all that really mattered was having Christ on your side."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.