Murchadh Moireasdan (Murchadh a' Bhocs)

Rugadh Murchadh Moireasdan (Murchadh a' Bhocs) ann am Mullach an Tòil, aig 22 Siadar Bharabhais ann an Leòdhas air 12 Màrt, 1884. B' e a b' òige den teaghlach agus bha dithis pheathraichean agus triùir bhràithrean aige. Chaill iad an athair nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois.

Chaidh am fearann air an do rugadh e gu a bhràthair, Daibhidh, ach chan eil duine de dhlùth chàirdean Mhurchaidh ann an Leòdhas an-duigh.

Bhuineadh e do theaghlach glic, gleusta agus rinn iad cinnteach gu robh comas leughaidh aige ann an Gàidhlig. Nuair a bha e ann an sgoil na sgìre, aig aois 13, choisinn e a' chiad duais airson eadar-theangachadh salm Bheurla gu Gàidhlig agus riamh bhon uair sin bha tlachd agus ùidh aige ann a bhith a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig.

Bha e trì bliadhna aig an taigh an dèidh an sgoil fhàgail agus, ann an 1903, chaidh e a Steòrnabhagh a dh'ionnsachadh fuineadaireachd ann am bùth Chaluim MhicDhòmhnaill air Sràid Chromwell. Fad nam bliadhnaichean sin bha e cuideachd anns na Saighdearan Saor-thoileach.

Ann an 1906, thug e Glaschu air. As a' bhaile b' e Bàrd Shiadair a bh' aig daoine air, agus b' ann an Glaschu a rinn e mòran de na h-òrain air an robh fèill cho mòr nan latha.

Thàinig an leabhar aige, Fear Siubhal nan Gleann, le 24 de na h-òrain aige, agus beagan bàrdachd a dh'eadar-theangaich e bho Bheurla, a-mach ann an 1923. Aig toiseach an leabhair tha e ag innse:

"Tha còrr math is dusan bliadhna bho chaidh a' chuid as motha de na h-òrain seo a chuir ri chèile ann am Baile Ghlaschu. Bu tric a ruith mo smuain bho Bhaile nan Smùid a dh'ionnsaidh a' ghlinne san robh mi òg, agus a smaoinich mi air a' chuideachd chòir sin còmhla ris an robh mi aotrom òg.

Bu tric a sheinn sinn luinneag air tulach na h-àirigh an dèidh don chrodh a thighinn bho innis an latha, 's iad ag osnaich air bruaich a' ghlinne, agus ceò an anmoich a' seòladh air aodann nan sliabh, 's an coileach fraoich a' gogail shuas mu bhil nam fèith. Tha a' chuideachd sin a-nis sgapte air feadh gach ceàrnaidh."

Tha e cuideachd a' mìneachadh aon amas a bha aige:

"Rinn mi oidhirp air àite thoirt beò agus a mhaise a chur an cèill air nach do rinn bàrd eile iomradh, 's e sin Gleann Easclaid. Chan eil àite ann is maisiche leamsa na an gleann ud."

Sgrìobh e mu Ghleann Easclaid, chan ann a-mhain ann am bòidhchead an t-samhraidh, ach cuideachd sa gheamhradh:

Nis 's uaigneach thu sa gheamhradh fhuar
Cha chluinnear fuaim nan duan nad choir;
Gach ceileir bhinn tha paisgte suas
'S do shleibhtean gruamach fuar is reòit.

Sna cotain chan eil nuallain laoigh
No 'n crodh a-nuas na tuim nan dròbh;
Cha chluinnear duanag nìonag bhinn
Am beul na h-oidhche mach Tom Mòr.

'S is aonranach na tulaich àrd
A chuireadh smùid gu tràth mud bhruaich;
'S don ìocshlàint fhìor-ghlan 'm bainne blàth,
Far 'n tric a thràigh mi làn na cuaich.

'S gur muladach do phòg an dràst'
Bho shruthan àlainn Crò an Rang
'S bho allt nan caorach ruith tron bhlàr
A nuas bho mhàthair Loch na Faing.

Lean Murchadh air, a' mìneachadh mar a bha e a' faicinn a' cheangal a bha aige mar bhàrd ri Leòdhas:

"Ged dh'fheumas òigridh Leòdhais am bith-beò a chosnadh air cladaichean cèin, agus dh'fhaodadh e bhith air a chaochladh, gidheadh cha ruig bàrd Leòdhasach a leas a dhol am measg beanntan na mòr-thìr no gu coilltean dlùth Ameireagaidh a dh'iarraidh biadh sùla agus inntinn airson òrain, tha maise gu leòr air mòinteach an fhraoich, agus ceòl gu leòr ann an osnaich a' chuain, ma chì agus ma chluinn sinn iad, a lìonadh iomadh leabhar."

Cha tèid mi dhèanamh tàire air àit' bho na neòil
Is toigh leam tìr nan Gàidheal, a cànain 's a ceòl.
Ach don àit' san deach m' àrach mo ghràdh-sa bidh buan
San eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Rinn Murchadh an imrich a dh'Ameireagaidh ann an 1911 agus rinn e a dhachaigh ann an Niagara Falls, ann an Stàit New York. Bha e thall thairis airson an còrr de bheatha.

Chaochail e ann an 1965 ach tha òrain a rinn e leithid Leòdhas mo Ghràidh, 'O Thugainn a Rùin', 'Slàn le Leòdhas nam Beann Fuar', 'Duanag an t-Saighdeir' agus Nuair Dh'iathas Ceò an Fheasgair Dlùth air an seinn fhathast.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.