Rugadh Murchadh ann an 1914, an dàrna mac aig a' Ghladston. Lean e athair a bha na ghobha, 's bha e ag obair as a' cheàrdaich eadhon tro bhliadhnaichean a' chogaidh. Bhiodh e a' dèanamh gach seòrsa inneal a bha feumail airson obair fearainn is mònach. Thug e cuideachd greis ag obair air sgeamaichean an uisge, air feadh Leòdhais.
Bha e pòsta aig Anna Chaimbeul agus bha ceathrar a theaghlach aca, dithis bhalach agus dithis nighean.
Thòisich Murchadh air rainn bheaga a dhèanamh is e glè òg. 'S ann mu dhaoine is mu thachartasan as a' sgìre a tha gu leòr de na òrain a rinn e, mar eisimpleir 'Amhran nam Bobanan', 'Amhran an Tobair' agus na h-amhrain a rinn e mun t-seann bhothan a bha air lot Màiri Sìne, agus am "bothan geal ùr" a thàinig na àite.
Bhiodh daoine tric a' dol thuige ach an dèanadh e teileagram dhaibh nuair a bha a' leithid cumanta aig bainnsean.
Bha e na èildear san eaglais agus, as na bliadhnaichean mu dheireadh, b' e dàin spioradail bu mhotha a bha e a' dèanamh.
Ann an Òran a' Chàbhaill tha Murchadh a' tarraing à triùir nàbaidhean, glè dhlùth dha, a rinn taigh-thàbhaidh airson a dhol a dh'iasgach chudaigean.
Tha sinn an comain Dhòmhnaill Uilleam Moireasdan airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.