Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry)

Murchadh Moireasdan (Murchadh Harry)

Rugadh Murchadh Moireasdan, Murchadh Harry, Murchadh Aonghas Mhurdsaidh, ann an Tolastadh bho Thuath air 26 Cèitean, 1930.

B' i Anna Aonghas 'an Shaighdeir bu mhàthair dha agus b' ann à Tolastadh bho Thuath a bha a dhithis phàrantan. Bha còignear anns an teaghlach, dithis nighean agus triùir bhalach.

Chaidh Murchadh do Sgoil Tholastaidh agus an dèidh na sgoile fhàgail, aig aois còig bliadhna deug, chaidh e a dh'obair do Gharaids Mitchell ann a' Steòrnabhagh airson greis. Chaidh e gu muir nuair a bha e mu ochd bliadhna deug, a' seòladh còmhla ri companaidhean leithid a' New Zealand Shipping Company.

Phòs Murchadh agus Seonag Ruairidh Sir, à Siadar a' Chladaich, ann an 1958. 'S ann ann a' Steòrnabhagh a choinnich e ri h-athair airson a' chiad uair. Bha Murchadh air tighinn air bàta à Glaschu agus chomharraich iad a' chùis cho math anns a' Lewis Hotel agus gun do dh'fhalbh am bàta as aonais. Rinn e òran mu dheidhinn an dol a-mach seo.

An dèidh pòsadh bha Murchadh agus Seonag a' fuireach an toiseach ann an Tolastadh agus an dèidh sin ann an Àrd Thung. Bha triùir nighean aca, Anna, Peigi agus Kathleen.

Bha Murchadh ag iasgach a-mach à Steòrnabhagh bho phòs e gus an do leig e dheth a dhreuchd agus bha roinn aige anns a' bhàta iasgaich an Comrade.

Tha e coltach gun rachadh am feasgar seachad ann an tiotan na chuideachd oir b' e fear cuirme is cèiliche math a bh' ann. Chuireadh e a mhìneachadh fhèin air gach òran agus dhèanadh e gnìomh-òran de chuid mhath dhuibh.

A bharrachd air a bhith a' seinn òrain chàich, bhiodh Murchadh a' dèanamh òrain cuideachd. Rinn e an t-òran 'Tolastadh bho Thuath' dha phàrantan. Mus do phòs iad, rinn e òran dha bhean Seonag ach, mar a thubhairt e fhèin, "Chùm sinn am fear sinn againn fhìn!"

Rinn e òran cuideachd nuair a chaill iad an nighean, Anna, ann an tubaist rathaid, ann an 1989.

Chuir an teaghlach ri chèile CD fon t-ainm Tolastadh bho Thuath le sia-deug de na h-òrain a bhiodh Murchadh a' seinn, mar chuimhneachan air.

Chaochail Murchadh Harry air 11 Samhain, 1999, aig aois 69.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.