Rugadh Murchadh MacLeòid (Sgiotaran), Murchadh Beag 'an Choinnich, ann am Fìbhig, ann am Bràgar, ann an 1914. B' e Iain Choinnich an Iarainn a chante ri athair agus Cairistìona Aonghais Fhìbheig, ri mhàthar.
Bha Murchadh uamhasach measail air a sheanair, Coinneach an Iarainn à Bràgar, agus nuair a bha e na bhalach òg bhiodh e air ais agus air adhart eadar an dà thaigh gus an deach e mu dheireadh a dh'fhuireach còmhla ri sheanair. Chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha an dèidh sin ann am Bràgar.
B' ann ri breabadaireachd bu mhotha a bha e, ach thug e cuideachd greis a' dràibheadh bhusaichean do Aonghas Choinnich Rod à Siabost.
'S e duine èibhinn, geur, làn spòrs is dibhearsain a bh' ann agus bhiodh e a' seinn aig a h-uile cèilidh is cuirm a bha dol. Sheinneadh e òran aig àm sam bith den làtha, fiù 's anns an làraidh a' dol a-mach leis a' sgioba-mhònach a' chiad char sa mhadainn.
Thàinig e gu aire a' mhòr-shluagh an toiseach nuair a chur Sgoil Eòlais na h-Alba a-mach an clàr Music from the Western Isles air an robh Murchadh agus Iain Moireach a' seinn Fiollaigean, òran a chòrd gu mòr ri luchd-èisteachd agus ri seinneadairean eile.
Mu mheadhan nan ceithir ficheadan nuair a bha e air fàs suas ann am bliadhnaichean chaidh Murchadh a dh'fhuireach a Dhùn Bheireasaigh, fear de dhachaighean cùram na Comhairle ann a' Steòrnabhagh, agus 's ann an sin a chaochail e.
Tha sinn an comain Chairistìona NicIllEathain à Bràgair airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.