Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig)

Rugadh agus thogadh Murchadh MacLeòid, Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig, aig 5 Siabost a Deas ann an 1877, agus tha atach an taighe ri fhaicinn an sin fhathast. A rèir coltais b' e a b' òige a bh' anns an teaghlach.

Bha e pòsta aig Ciorstaidh Màiri NicLeòid, nighean Rob 'ain Deirg à Bràgar a Deas. Bha e air a ràdh gur ann dhan t-sabhal a chaidh e a dh'fhuireach nuair a phòs e, chionns gur e a b' òige dhan teaghlach agus nach robh fearann ann dha. Chaochail Ciorstaidh òg agus chaidh an aon nighean a bh' aca, Catrìona Bheag, a thogail le piuthar a màthar ann am Bràgar. Phòs Catrìona fear a mhuinntir Bheàrnaraigh, Aonghas MacÌomhair, a bha fuireach aig 1 Tòbsan, agus air an robh a' far-ainm Miodarach.

Tha lorg air mu ochd òrain a rinn Murchadh, agus tha a' mhòr-chuid aca measail aig seinneadairean Leòdhasach gu h-àraidh. Cluinnear 'S e Siabost Is Boidhche, Feasgar Agus Ceò Ann, 'Nuair A Chì Thu Caileag Bhòidheach, Oidhche Dhomh 's mi Suirghe agus 'Amhran an Nèibhidh', gu tric fhathast. Tha dhà eile ann, 'Gleann an t-Iogan' agus 'Am Breacan agus a' Fèileadh' a chaidh a lorg bho chionn ghoirid.

Chan eil mòran fiosrachadh ri fhaighinn mu bheatha Mhurchaidh. A rèir nan òrain faodaidh gu robh e greis anns an arm. Sin a chuala an fheadhainn a bhuineas dha, ged nach eil fios le cinnt cuin, no fiù 's an robh:

Cha mhol mi fhìn an t-saighdearachd
Cha d' fhuair mi coibhneil i
'S gu dearbh cha dèanainn soighnigeadh
Ged gheibhinn oighreachd rìgh.

Tha òran eile ag innse mu bheatha chruaidh anns an Nèibhidh:

Saoilidh balaich bhios ri cèilidh
'G èisteachd ris na chluinn iad
Nach eil ceàird as fheàrr na 'n Nèibhidh
Gus an tèid iad innte.

Innsidh mise lagh an Nèibhidh,
'G èirigh feadh na h-oidhche,
Mur a freagair thu chiad èighe,
Ceusaidh iad fo chuing thu.

Bha e air a ràdh am measg a chàirdean gun deach Murchadh a dhroch losgadh leis a' ghrèin nuair a bha e san arm no san Nèibhidh agus gu robh buaidh mhaireannach aig seo air a shlàinte.

Cha robh e ach mu dhà fhichead 's a seachd nuair a chaochail e ann an 1924.

Ach feumaidh cuideachd gu robh bàrdachd as na daoine, oir b' e Murchadh Iain, mac Thormoid, bràthair Mhurchaidh, a rinn òrain èibhinn mar 'Pàdraig Ceann-baile' mu Peter Townsend a bha aig aon àm a' dol a phòsadh a' Bhana-phrionnsa Mairead agus 'Barbara na Mòintich' mu Barbara Moore a bha ainmeil airson na h-astair fhada a bhiodh i a' coiseachd. Rinn e cuideachd 'Tha Màis air mo Mhiann' agus 'Gruagach a' Bhroillich Ghil' a chluinnear gan seinn fhathast, gu h-àraidh ann a' Leòdhas.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.