Rugadh agus thogadh Murchadh MacLeòid, Murchadh Choinnich an Iarainn ann a' Làbost, aig 14 Bràgar a Deas, Leòdhas, mac de Chairistìona a' Chaiptein.
B' e cuideachd bràthair athar Murchadh MacLeòid (Sgiotaran), a chluinnear tric air clàr a' seinn Fiollaigean.
Bha e anns an RNR aig àm a' Chiad Chogaidh agus chaidh a bhàthadh aig muir. Chaidh a bhràthair Iain a bhàthadh air HMS Seagull ann an 1918.
Rinn e Gruagach Bhàn a' Mhìn-fhuilt do thè air an robh e a' suirghe ann a' Steòrnabhagh agus e na bhalach òg, 's dòcha an ceann a chosnaidh airson a' chiad turas. Bha obair aige ann am Perceval Square as a' bhaile agus bha e a' falbh leis a' ghruagach bhàn. Gu mì-fhortanach chuir i cùl ris.
Rinn Murchadh òrain eile cuideachd, mar eisimpleir 'Nuair Bha Mi nam Chìobair' agus 'Na Bàtaichean Foirmeil' agus fear a chluinnear gu tric fhathast 'Thoir an t-Soraidh, Ceud Soraidh'.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.