Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh Beag)

B' ann à Tàbost ann a' sgìre Nis, Leòdhas a bha Murchadh Beag MacIlleMhoire, aon den dithis chloinne a bha aig Anna Choinnich Bhàin bhon a' chiad phòsadh. Rugadh e sa bhliadhna 1898 agus b' e athair mac le Eachainn à Eòradal. Bha aon phiuthar aig Murchadh, Ceit Bheag.

Bha màthair Mhurchaidh pòsta airson an darna uair aig Fionnlagh Dho'll 'ic Alasdair ach cha robh teaghlach aca.

Bha Murchadh aig muir bho bha e aois cosnaidh, a' falbh 's a' tighinn bhon taigh aig 25 Tàbost. Mar a sgrìobh e anns an t-òran 'Soraidh Leis a' Chaileig Mhaisich':

Nuair a bhios tu na do chadal
Anns an leabaidh fad na h-oidhch'
'S ann bhios mise 'm bàrr nan crannaibh
Cumail faire thar nan tonn.

Ri dol tron a' Bhay of Biscay
Fairge ri briseadh àrd
B' fheàrr an uair sin bhith lem leannan
Muigh air monadh nam beann àrd.

Chaochail Murchadh òg, ann an 1932, 's gun e ach 34.

Nuair a chuir Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd), a bha a' teagaisg ann an Sgoil Lìonail an Nis agus a bhiodh a' cruinneachadh òrain, na facail aig Òran a' Chiaòra chun an iris Gairm (Àireamh 59, Samhradh, 1967) sgrìobh e:

"Tha aon òran de na rinn e ra chluinntinn, chan ann a-mhàin ann an eileanan na Gàidhlig ach ann an iomadh port air feadh an t-saoghail. Mar a bha an t-òran a' dol bho dhuine gu duine bha atharrachadh ga dhèanamh air cuid de a bhriathran, agus seo e, mar a thog mise e a-mach à leabhran beag làimh-sgrìobhte a dh'fhàg e le òrain eile a rinn e aig a phiuthar a tha ann an Tàbost."

Tha na facail gu h-àrd mar a fhuair am Bàrd Bochd iad.

Anns an leabhar Sheòl Mi 'n-Uiridh, deasaichte le Màiri Nic a' Ghobhainn (Clàr, 2009), tha e air innse gun do thogadh am bàta, an Kiaora, ann an 1907.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.