
Rugadh Murchadh MacGillìosa air 6 Samhain, 1936, aig 47 Siabost a Tuath. B' i Ceitidh Ann Khent (far-ainm a bh' ann an Kent) a mhàthair agus Cailean Gilios athar, agus bha an dithis aca à Siabost.
B' ann bho taobh a mhàthair a thàinig a ghuth seinn agus 's ann bhuaipe a thog e mòran de na h-òrain a bhiodh e a' seinn. Bha a mhàthair aig an iasgach agus bhiodh i a' cluinntinn tòrr òrain a bha ùr dhi as na bailtean puirt. Dh'ionnsaicheadh i iad agus an ceann sreath bhiodh iad aig Murchadh. B' ann bho mhàthair a thog e Cha Mhol Mi Fhèin an t-Saighdearachd.
Bha graimeafòn agus rèidio aca tràth agus thog e grunn òrain bho bhith ag èisteachd ri seinneadairean san dòigh sin cuideachd. Bhiodh a mhàthair a' seinn aig consairtean na h-òige agus bhiodh e fhèin air an àrd-ùrlar bliadhnaichean às dèidh sin. Mu dheireadh, cha robh oidhche Haoine nach biodh e a' seinn aig consairt an àiteigin as an eilean. Cha do dh'fheuch e riamh aig Mòd, thuirt e, air sgàth cion misneachd.
Bhiodh e a' seinn a h-uile seòrsa òran, cuid dhiubh a bhuineadh dhan sgìre aige fhèin, ach cuideachd leithid òrain Ailig Mhàrtainn (Froilig), bhon a' Bhac. Bha seinneadairean gu leòr anns a' sgìre an uair sin leithid Murchadh MacLeòid (Sgiotaran), Amhlaidh Dho'ill Ruaidh agus am fear air an robh Murchadh buileach measail, Coinneach Fionnlasdan no Spaidsear mar a b' fhearr a dh'aithnichear e.
Aig aois 18, rinn Murchadh seusan aig sealg nam mucan-mara ann a' South Georgia. Thill e an uair sin dhachaigh a Shiabost a dh'fhighe air a' bheairt. Bha e cuideachd ùine a' deilbh chlòithtean anns na muilnean ann a' Siabost agus an Càrlabhagh. Tha e pòsta aig Donalda à Bràgar.
Thug dìth na slàinte air Murchadh sguir a sheinn bho chionn còig bliadhna.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.