Murchadh Iain MacCoinnich

Murchadh Iain MacCoinnich

Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios, 1943. B' e Murchadh a bh' air athair cuideachd agus bha a mhàthar, Mairead NicChoinnich, à Tàbost. Tha aon bhràthair aige, Dòmhnall, a tha a-nise air ais ann an Nis, an dèidh a bheatha a chuir seachad ag obair ann am bancaichean air feadh Alba.

Chaidh Murchadh do Bhun-sgoil Chrois agus do Sgoil Lìonail mus deach e do Sgoil MhicNeacail. Chuir e a-steach a thìde na mheacanaig ann an Garaids Mhitchell ann an Steòrnabhagh an dèidh dha an sgoil fhàgail agus bha e anns an obair sin airson aona bliadhna deug.

Phòs Murchadh agus Murdag NicDhòmhnaill, à Cros, ann an 1971. Dh'fhàg e a' gharaids aig an àm sin agus chaidh e a dhràibheadh bhusaichean, oir bha e a' togail taigh ùr agus bha na h-uairean obrach na bu fhreagarraiche dha. Tha dithis chloinne aca, Derek agus Mairead.

Sguir companaidh Mitchell ann an 1980 agus chaidh Murchadh an uair sin a dh'obair air bhan Leabharlann na Comhairle, obair anns an robh e airson sia bliadhna fichead gus do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006.

Bha ceòl anns an teaghlach agus bha iad gu h-àraidh dèidheil air a' mheileòidian. Bha e fhèin a' cluiche a' mheileòidian bho bha e na bhalach agus tha e a' cluiche an aon fhear 's a bha aig athair roimhe, ged a tha an t-inneal a-nis faisg air ceud bliadhna a dh'aois.

Bha Murchadh cuideachd air fear dhan fheadhainn a thòisich Còmhlan Meileòidian Nis agus tha e gu mòr an sàs anns a' chòmhlan. Nochd iad aig Celtic Connections ann an Glaschu ann an 2009.

Choisinn Murchadh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Steòrnabhagh, ann an 1979, ach chan eil e a' seinn an-diugh idir. Tha e a' cur seachad a shaoghal a' coimhead às dèidh an fhearainn, beagan chaorach, dà chàr, agus tractar.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.