
'S ann à Port Mholair, am baile as fhaide a-muigh as a' Rubha, Leòdhas, a bha Murchadh MacCoinnich Fearghasdan, Murchadh Bhob. Rugadh e air 11 Sultain, 1923.
B' e maraiche a bha na athair, Iain Fearghasdan, Iain Chaluim Alasdair 'ic Uilleim, agus rugadh a mhàthar, Mairead NicChoinnich an 1902, aig Àireamh 5, Port Mholair. Bha ceathrar chloinne san teaghlach - Murchadh, Calum, Nan agus Iain.
Chaidh Murchadh, mar a chomhaoisean, do Sgoil na h-Àird. Thàinig e do Ghlaschu ann an 1940, air latha nach deach às a' chuimhne fad a bheatha, mar a dh'innis e fhèin air BBC Radio nan Gàidheal air 29/11/1984:
"A' latha a thuit a' chiad bhom air Scotstoun! Bha mi ag ionnsachadh navigation san sgoil 's bha mi a' dèanamh glè mhath leis a' navigation an uair sin. Ach bha m' athair, bha e as an RNVR, 's thuirt mo mhàthair, bhon a bha an cogadh air tòiseachadh, nach leigeadh i leamsa dhol gu muir cuideachd. Agus thàinig mi sìos a Ghlaschu airson a dhol ri ceàird draughtsman mar a chanas iad sa Bheurla."
Thug e a-mach a cheàird mar fhear-tarraing aig gàrradh-iarainn Barkley Curle air Cluaidh. Bha e ag obair aig companaidhean einnseanaireachd ann an Alba agus cuideachd an Èirinn a Tuath.
B' e duine innleachdach, cruthachail, luaisgeanach a bh' ann am Murchadh agus chan eil e na iongnadh gun do stèidhich e companaidh dha fhèin, Tiumpan Developments, a' cleachdadh na sgilean a bha aige mar fhear-tarraing agus an t-eòlas a bha aige air einnseanaireachd airson seòmraichean a dheilbh ann an leithid taighean-òsta agus clubaichean. Bhiodh iad an uair sin a' togail an àirneis a dheigheadh annta agus ga chuir na àite. Bha a' chompanaidh uaireannan an sàs ann an cùmhnantan mòra agus aig aon àm bha còrr air fichead saor ag obair aige.
"Bha mi air mo shiuc fhèin airson na 25 bliadhna mu dheireadh. Bha mi a' dèanamh sèithrichean 's stùil 's bùird 's rudan dhen t-seòrsa sin, gu h-àraidh gan dèanamh à iarann, na frèamaichean aca, a' seòrsa a chì thu am bàraichean agus 's ann bhon sin a thàinig an engineering."
Phòs Murchadh agus Mòrag Catrìona Bochanan, a thogadh ann a' Sanndabhaig, air iomall baile Steòrnabhaigh, ann an 1956. Laigh a shùil an toiseach oirre nuair a bha i gu math òg, aig cuirm Sgoil Shàbaid. Chunnaic e a-rithist i aig dannsa ann a' Steòrnabhagh agus bhòidich e an oidhche sin gum pòsadh e a "rìbhinn bhòidheach". Bha triùir chloinne aca, Mairead, Alasdair agus Jeanne Bobbaidh a rugadh a' bhliadhna an dèidh dha athair Mhurchaidh bàsachadh, 's a fhuair a h-ainm mar chuimhneachan air.
Ach, ged a bha Murchadh an sàs ann an gnìomhachas an Glaschu, cha robh Port Mholair uair sam bith fada bho inntinn. Mar a mhìnich e fhèin air BBC Radio nan Gàidheal:
"Nuair a smaoinicheas tu an-dràsta air Gàidheal ann am Port Mholair agus gu bheil aige ri dhol a-mach chun a' chreagach mhadainn aig còig no ceithir uairean sa mhadainn, no dhol a-mach le geòla chun a' bhàgh airson cur a-mach lìon airson leòbagan no càil sam bith eile a tha ri fhaighinn ann, chan eil cadal, chan eil e cho feumail dhut. Muinntir a' bhaile mhòir, mur a tèid iad a chadal aig aon uair deug agus èirigh aig seachd no ochd sa mhadainn tha 'd a' fàs fàilligeach."
Chuir e an cèill an spèis a bha aige do àite àraich agus don dòigh beatha ann am bàrdachd:
Gu tràth anns a' mhadainn
Tro uisg agus cabhadh
A sgùilean fon achlais 's an acainn nan dòrn;
Gach iasgair le cabhaig
Dol sìos tro na claisean
An geall bhith air cladach nas aithghearr nan còrr.
'S cho luath 's tha na balaich
Air buannachd a' chladaich
Thèid gualann ri darach is tapachd gu feum;
'S thar ghainmheach is fheamainn
Is stamh a' chinn shleamhainn
Air snàmh gheibh an t-eathar 's gach fear innte leum.
Dh'fhalbhadh iad còmhla
A-mach as na h-òban
Gu dòigheil a' seòladh 's na sròin chun a' chuain;
'S gun fasgadh nam beanntan
Bhiodh 'n earbsa 's gach seann fhear
'S am falmadair teann aig ri steall nan tonn uain'.
Gu trang iad air iolla
An làmhan dha sgioladh
A' spìonadh nan dubhain bho chudthrom an èisg;
'S e dòchas gach sgiobair
A sheòl bhith gun riof ann
Mun tòisich gin tuilleadh cur slighe na dèidh.
Tro Fhaoilleach 's Gearran
Biodh gaoth ann neo gailleann
Bidh na h-eathraichean Arcach nan canabhas donn;
A' siubhal gu margaid
Le 'n gillean glan gasta
Iad drùite gun fhasgadh aig cop geal nan tonn.
Bidh dìosg aig an darach
Is sgread anns a' halliard
Bidh smùidrich na mara ri glanadh 'n cuid bhrèid;
Iad dèanamh air cladach
Làn chaoiteag is adaig
'S na gillean cho salach aig lannan an èisg.
Ged tha seallaidhean prìseil
Rim faicinn san tìr seo
Gum b' fheàrr leam gu cinnteach nam bite dha thairgse,
Bhith gam faicinn gu rìomhach
A' cromadh 's a' dìreadh
Le sgoiltean dha cìreadh 'm bàn cìrean na fairge.
Nuair dhèanas iad cladach
Thèid an t-iasg thoir a-mach asd'
'S bidh 'n uair sin an t-eathar ri tarraing an àrd;
'S le chèil' thèid na gaisgich
Gun smuain ac' air lapadh
'S an tiotadh cuir thairis air tiùrr a' mhuir-làin.
'S nuair thigeas iad dhachaigh
Mun tèid iad a chadal
Gu suidh iad air cathair gu h-acrach ri bòrd;
'S gu sgiobalt' bi mnathan
Cuir ri 'm beulaibh biadh fallainn
Nam maragan àithne 's na glasagan ròsd'.
'S fad tha 'n t-iasgair ri cadal
Bidh theaghlach ri sailleadh
Neo 'g obair air talamh 's cuir dachaigh ri rian;
'S tha duanagan binne
Na gruagaich tha sgileadh
Cuir gluasad air gille tha 'g inbheachd nan lìon.
B' e siud iad na làithean
Bha sòlasach, bàigheil,
Bha earbsa nad nàbaidh 's bha càirdeas aig gach tuath;
A' treabhadh 's ag àiteach
'S a' seòladh na fairge
'S a' chòmhradh sa Ghàidhlig, gun nàire gun ghruaim.
Bha Murchadh measail air beathaichean, air còcaireachd, air peantadh dhealbhan, air DIY agus air rudan innleachdach a chruthachadh. Bha e dìoghrasach mu Alba, mu na Gàidheil, agus mun Ghàidhlig, agus b' e sin bu choireach gun do stèidhich e companaidh eile a thug buaidh mhaireannach air ceòl agus òrain Ghàidhlig, agus air iomadh seinneadair agus neach-ciùil. B' e seo an Caledonian Music Company a bha a' cur a-mach chlàir fon ainm Gaelfonn. Dh'innis e fhèin mar a thachair:
"Bha mi a' fuireach ann an Glaschu agus b' àbhaist dhomh a bhith a' dol a h-uile Disathairne sìos am baile agus bhithinn an còmhnaidh a' tadhal air bùth MhicLabhrainn. Sin bùth bheag a bha a' dèanamh tòrr obair airson a' Ghàidhlig. Bhiodh iad a' clò-bhualadh leabhraichean agus bha an còmhnaidh clàir Ghàidhlig aca ga reic, Eàirdsidh Grannd, 's Ailean MacIllEathain, 's Niall MacIllEathain, 's a h-uile duine bha sin.
Agus chaidh mi a dh'iarraidh clàr àraid an Disathairne seo. Bha mi ag iarraidh fear de dh'Ailean MacIllEathain agus nuair a chaidh mi a-steach thuirt an tè a bha a' riaghladh ann a' sin gu robh na clàir sin nis a-mach à bith, 's nach biodh iad rim faighinn às dèidh seo, na companaidhean mòra ann a' Lunnainn gu robh iad a thighinn chun a' bheachd nach robh prothaid ann a bhith dèanamh clàir Ghàidhlig, agus dè math a bhith gan cur a-mach.
Chuir e às mo chiall mi, nuair a chuala mi gu robh iad a' dèanamh am beaganas a bha sin air a' Ghàidhlig agus thuirt mi rium fhìn, "Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo."
Agus chaidh mi dhachaigh agus chan eil mi cinnteach na rinn mi an latha sin e, no an t-seachdain sin, ach as an ath thrì mìosan fhuair mise mach a h-uile càil a b' urrainn dhomh mu dheidhinn ciamar a dhèanadh tu clàir, 's co dheth a bhathas gan dèanamh, 's a h-uile càil mun deidhinn. Agus bha beagan tuigs' agam dè a bh' agam ri dhèanamh.
Fhuair mi basement beag ann an Glaschu agus chuir mi rud ris an can iad press ann, airson a bhith a' dìogadh a-steach, can, taois, agus nuair a bheireadh tu am press bho chèile gu robh e a' fàgail an dealbh as an taois, dealbh sam bith a bha thu a' cur air.
'S nam biodh tu air dealbh a dhèanamh dhan groove mar a chanadh tu, nam biodh sin air a dhèanamh ceart, nan cuireadh tu snàthad dhan a' ghroove bha e a' cluiche a' rud a bh' air."
B' e Aonghas MacLeòid à Scalpaidh a' chiad sheinneadair a nochd aig Gaelfonn:
"Tha cuimhne agam a dhol a-null a Dhùn Èideann a' latha a bha a' Highland Show, mar a chanas iad, ann. Rinn mi cùmhnant ri Aonghas còir gun coinnichinn ann a' sin e. Sin mar a thachair, 's chaidh sinn cuairt timcheall ann a' sin 's bha am Prionnsa, an duine a tha pòsta aig a' Bhànrigh an-diugh, bha e ann ga fhosgladh.
Ach cha robh an aire againne air càil dhan a' sin a bha a' tachairt. 'S ann a bha ar n' aire air a bhith bruidhinn air amhrain Ghàidhlig agus a' rud a bha sinn a' dol a dhèanamh as a' stiùideo. Agus smaoinich Aonghas MacLeòid air. Bha e uabhasach math air a bhith seinn Tè Bhàn, Tè Bhàn, Tè Bhuidhe Bhàn, agus saoilidh mise nach eil duine eile a sheinneas an t-amhran sin coltach ris.
Thàinig e null an ath Dhisathairne às dèidh sin 's chuir sinn sin air clàr, 's chuir sinn a-mach e cola-deug às dèidh sin, agus fhuair sinn òrdughan às a h-uile àit', a h-uile baile."
Dh'innseadh Murchadh mar a bha iad a' dèanamh mu dhà mhìle clàr gach turas agus mar a bha iad air am misneachadh nuair a chuir MacIver and Dart, bùth ann a' Steòrnabhagh, a dh'iarraidh 250 leth-bhreac den chiad chlàr.
Lean iad orra agus 's iomadh seinneadair agus neach-ciùil a rinn clàir còmhla ri Gaelfonn. Nam measg bha Evelyn Chaimbeul, Flòraidh NicNèill, Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, Dòmhnall MacLeòid à Ìle, Dòmhnall MacRath, Seonag NicChoinnich, Coinneach Ros, Carol Nic a' Bhreatannaich, "Hoddan" Dòmhnallach, Ina NicDhiarmaid, Còisir Ghàidhlig Ìle, Na Peathraichean Dòmhnallach, Alma Kerr, Tommy Darkie, Pat Sandeman, Mairead NicLeòid agus Alasdair Hunter 's a Chòmhlan.
Ged a bha fealla-dhà gu leòr aca-san a bha an sàs san obair, bha trioblaidean na chois cuideachd, mar a bha cuimhne aig Murchadh:
"Nuair a bhiodh, can, Aonghas MacLeòid a' dèanamh clàr thigeadh, tha mi creidsinn, suas ri fichead duine ga chluinntinn a' dèanamh a' chlàir. Bha stiùideo cho faisg air Cambridge Street agus Sauchiehall Street agus uaireannan bhiodh againn ri sadadh às clàir a bha sinn a' dèanamh air sgàth 's gu robh tramcar a' mèilich a' dol seachad, no a' dèanamh bragail a' dol seachad air na points, rudan dhan t-seòrsa sin.
Bha h-uile càil a' tachairt dhuinn. 'S mathaid cuideigin a bha an dèidh thighinn a-steach còmhla ris an t-seinneadair gum biodh e a' sreathartaich, 's bha sin clàr eile. Bha h-uile clàr a' cosg dà nota dhuinn, agus 's e airgead mòr a bha sin san latha a bh' ann."
Bha a' chiad chlàir a thàinig bho Gaelfonn air an dèanamh le shellac agus bha iad furasta am briseadh.
"Bha sinne a' cur chlàir gu Canada agus Astràilia is cha robh ach an dàrna leth a' faighinn a-null gun a bhith air am briseadh. Sguir sinn dha dhèanamh mu dheireadh. Ach an uair sin thàinig na clàir bheaga a-steach, an fheadhainn vinyl. Nuair a thàinig sin a-steach bha e tòrr na b' fhasa dhuinn.
Ach bha doilgheasan eile againn. Bha 'd glè mhath a' dol a Chanada ach, a' dol a dh'Astràilia, bha iad a' dol a-null air a' loidhne mar a chanadh iad, 's bha an teas gan lùbadh. Agus nuair a ruigeadh iad an t-àite cha robh iad dìreach gu leòr 's cha robh sin math.
'S bho dheireadh 's e rud a bha sinn a' dèanamh, bha sinn a' cur aon a-null, agus bha sinn ga chur air dhòigh 's nach fhaigheadh an teas thuige, agus bha iadsan a' dèanamh nan clàir thall an sin dhuinn."
Dh'fhoillsich Gaelfonn cuideachd Sàth, cùrsa Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air a sgrìobhadh le Calum, bràthair Mhurchaidh, le ceithir clàir agus ceithir leabhrain nan cois.
Bha Murchadh aithnichte mar sheinneadair air an robh fèill am measg luchd-èisteachd rèidio agus luchd-frithealaidh chonsairtean. Dhèanadh e òrain cuideachd, mar eisimpleir, Tha mo Spiorad Cianail:
Tha mo spiorad cianail
Gach latha tha sa bhliadhna
'S e dh'fhàg mi òg ri liathadh
Nach fhaod mi triall do chladaichean.
Cha chluinn mi sàl rim chliathaich
A' tràthadh no ri lìonadh
'S na bàtaichean ri iasgach
Gu rianail mu do chamasan.
Chan fhaic mi stamh no maorach
No 'n duileasg milis craobhach
Ged 's tric a bha mi crùbach
Gam buain far taobh nan carachan.
San fheasgar ceòthar bàghach
Nì an eathar seòladh sàmhach
Cha chluinn mi fuaim nan ràmh aic'
No fuaim an t-sàl mun toiseach aic'.
Cha chluinn mi dìosg nan clèibh aic'
Nuair bhios iad a' toirt an èisg aist'
'S na balaich bheag ag èigheachd
A' ruith 's a' leum 's iad cas-ruisgte.
Ach bha taobh aotrom air Murchadh cuideachd. Fad iomadh bliadhna bha e a' cur dannsan air chois air oidhcheannan Shathairne anns na Kingston Halls an Glaschu. Bhiodh spors gu leòr an sin agus 's ann aig cuirm as a' Woodside Halls a chualas fear eile de dh'òrain Mhurchaidh 'Bha mi 'n Raoir an Coill' nan Craobh' airson a' chiad uair:
"Bha mi fhìn 's mo bhràthair Calum, bha sinn a' dèanamh seòrsa de dhealbh-chluich agus mar a chanas iad sa Bheurla bha 'n accent air cluich. Bha Calum a' dèanamh cutadh air mionach bodach as a' Woodside Halls, agus bha sinn airson gum biodh rud beag ceòl an siud 's an seo agus sgrìobh mise a' rud beag a bha sin gus am biodh e eadar pàirtean dhan operation mar gun canadh sibh. Sin an seòrsa dealbh-chliuch a bh' ann. Às a' sin a thàinig an t-amhran beag a bha sin."
Agus mar a dh'innis e fhèin, chuir e fonn air aon òran ainmeil a bhiodh e tric a' gabhail, Air Sgiathan na h-Oidhche':
"Nuair a chuala mise an toiseach e, cha robh dad a dh'fhios agam gu robh e air a chlò-bhualadh. 'S e Sgucan, bodach as a' bhaile againn a chuala mise, chan ann ga sheinn, ach ga ràdh. Bha e dìreach mar òraid dha aig banais agus chuir e a-mach e cho bòidheach agus gun d' thuirt mi rium fhìn, "Well, lùthaiginn siud a sheinn."
Nise, bliadhna no dhà às dèidh sin, bha mi aig an taigh ann a' Leòdhas 's mi gu bhith a' seinn ann a' Steòrnabhagh. Agus lùthaiginn gum biodh rudeigin ùr, math agam agus smaoinich mi air amhran Sgucan. Sin an t-ainm a bh' agam air 's cha robh dad a dh'fhios agam cò a sgrìobh e.
Agus, mar gun canadh sibh, bhuin beagan fìrinn rium ann an cruth fonn agus sin a' fonn a chuir mi air na facail a bha sin agus sheinn mi e ann a' Steòrnabhagh, agus chaidh e sìos glè mhath dha-rìribh. Chòrd e ri tòrr agus cha robh dad a dh'fhios aig duine ann a' Leòdhas, cho fad 's is aithne dhomh, nach e amhran Leòdhasach a bh' ann.
Ach bun a bha seo, sheinn mi ann an Glaschu e, agus 's ann a thòisich daoine ag innse dhomh, chan e a-mhàin gur e Niall MacLeòid às an Eilean Sgitheanach a sgrìobh e, ach tha e air a' chlò-bhualadh ann an Òrain a' Mhòid le fonn. Well, seach nach cuala mi an t-òran a-riamh ron seo, agus seach nach cuala mi e leis an fhonn a bha air a chlò-bhualadh, bha cho math dhomh cumail an fhonn a bh' agam air."
An dèidh dà fhichead bliadhna an Glaschu thog Murchadh taigh aig ceann a' loch ann am Port Mholair agus e an dùil gun gluaiseadh e fhèin is Morag dhachaigh. Gu duilich, chaochail Morag agus cha deach aige air a rùn a choileanadh.
Rè ùine phòs e Dolina NicArtair, bana-charaid dhan teaghlach, agus bha iad a' fuireach am Port Bholair gun na chaochail Murchadh air 11 Gearran, 2005, aig aois 82.
A' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air an latha a sgaoil naidheachd a bhàis, thuirt Nan NicLeòid a bha eòlach air Murchadh bho h-òige:
"A' chuimhne a th' agam air, bha e blàth, faisg, aighearach, agus a' gluasad gu sunndach, càirdeil am measg muinntir cheann a' loch agus muinntir na sràide far an robh mi fhìn a' fuireach. Agus thigeadh e mu do choinneamh le fàilte agus gàire na shùilean. Chanainn-sa gu robh na sùilean aige uabhasach blàth.
Chuir e sìos a lìon am meadhan baile mòr ach chum e grèim teann air a dhualchas nuair a bha mòran air cùl a chuir rithe.
Chanadh tu aig amannan gur ann mar chrann-tàra a bha e, a' beothachadh an fheadhainn a bha tighinn às a dhèidh gus an obair a bha esan air a thòiseachadh le Gaelfonn a chumail a' dol."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.