Murchadh Dòmhnallach (Wasp)

Murchadh Dòmhnallach (Wasp)

Rugadh Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Dhol no "Wasp" air an dara latha den Lunastal, 1947, ann an Siadar air taobh siar Leòdhais. Bha aona bhràthair aige, Aonghas, agus aona phiuthar, Peigi Màiri.

Chaidh e do sgoiltean Airidh an Tuim agus Lìonal agus an uair sin thug e a-mach a chiùird mar shaor. Bho chionn timcheall air còig bliadhna deug tha e air a bhith ag obair aig Taighean Innse Gall, ann a' Steòrnabhagh.

Phòs e fhèin agus Cathy, tè de mhuinntir Bharabhais, ann an 1970, agus tha triùir chloinne aca.

Bhiodh athair agus màthar Mhurchaidh a' seinn aig an taigh agus aig cèilidhean. B' ann ann a' Lunnainn a phòs iad agus bhiodh iad a' seinn am measg Gàidheil a' bhaile sin cuideachd. Bhiodh athair agus uncail dha Murchadh a' cluich a' mheileòidian agus thòisich Murchadh e fhèin a' cluich nuair a bha e mu sheachd bliadhna a dh'aois. Fhuair e meileòidian bho phàrantan aig aois 14.

Thòisich e a' seinn san sgoil agus aig an taigh, ag ionnsachadh òrain bho phàrantan agus bho mhuinntir a' bhaile a bhiodh a' tighinn a chèilidh. Bhiodh e a' seinn am measg dhaoine aig àm na Bliadhn' Ùire, aig pàrtaidhean, air an t-slighe dhachaigh bho dhannsan agus, mean air mhean, thòisich daoine a' cluinntinn mun ghille seo aig an robh guth cho fìor mhath agus dòigh air leth air seinn.

Ann an 1985 dh'iarr Còisir Lacasdail air tighinn a sheinn còmhla riutha. An dèidh sin thòisich e cuideachd a' seinn leis fhèin aig consairtean agus cèilidhean, tric aig cuirmean a bha airson airgead a thogail do bhuidheann no adhbhar air choireigin.

Ann an 1989 chaidh e chun a' Mhòd Nàiseanta ann a' Steòrnabhagh agus choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs. An dèidh sin bha cuireadh aige seinn an iomadh àite eadar Lunnainn agus Èirinn, agus air feadh Alba.

Rinn e dà chèiseag de dh'òrain, a' chiad tè Mod Traditional Medallist ann an 1989, air a clàradh san taigh aige cha mhòr fhad 's a bha e a' gabhail pàirt sa Mhòd, agus an tèile, Òrain bho Muir agus Tìr ann an 1991. Air a' chiad chèiseag chlàr e òran a chaidh a sgrìobhadh le bràthair a mhàthar, Òran a' Phort Hardy le Ailig Màrtainn, no Froilig, mar is fheàrr a dh'aithnichear e.

Chan eil Murchadh a' seinn mòran an-diugh ach tha e a' cluich a' mheileòidian ann an còmhlan-ciùil còmhla ri Donaidh, a mhac. Tha e a' cuideachadh Eilidh, an t-ogha aige, le seinn agus òrain Ghàidhlig.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.