Rugadh Murchadh Caimbeul air 18 Dùbhlachd, 1928, ann an Eilean Scalpaigh na Hearadh, an ceathramh mac bu shine den t-sianar mhac a bha aig Coinneach Caimbeul agus Raonaid NicLeòid. Chaidh e don sgoil ann an Scalpaigh, air an Tairbeart agus am Port Rìgh agus, an dèidh greis anns an Nèibhidh, chuir e crìoch air fhoghlam ann an Oilthigh Obar Dheathain.
Thòisich e a' teagasg ann an 1952 anns na h-Uibhistean, an Sgoil Phaibil sa cheann a tuath an toiseach, agus an uair sin aig deas, ann an Dalabrog.
Ghluais e gu tìr-mòr agus thug e greisean ann an àrd-sgoiltean anns a' Ghearastan agus an Gleann Urchardain, mus do ghluais e a-rithist gu bhith na cheannard air Sgoil Chrothaidh.
Phòs e Norma ann an 1958 agus bha triùir chloinne aca, Stiùbhart, Sonas, agus Alexandra.
An dèidh mu dheich bliadhna an Crothaidh, ghluais Murchadh gu bhith na cheannard air Sgoil Merkinch ann an Inbhir Nis far an robh e gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1990.
Bha ùidh aig Murchadh ann an iomadh cuspair - eachdraidh, sloinntireachd, dràma, Gàidhlig, litreachas, ceòl agus iomain nam measg.
Bha e na rùnaire air Comunn Camanachd Sgoiltean an h-Alba fad fichead bliadhna, agus bha e an sàs ann am buidhnean leithid Comann Camanachd na h-Alba agus Comunn Camanachd Ceann a Tuath na h-Alba, agus thug e seachd bliadhna na rùnaire air Buidheann Camanachd Ghlinn Urchadain.
Rinn e obair mhòr às leth luchd-teagasg a' frithealadh chomataidhean an E.I.S.. Rinn e obair mhòr cuideachd às leth na Còmhdhail Cheilteach agus thug e bliadhnaichean, le caochladh dhreuchdan aig àrd ìre, an lùib Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Chuir e taic ri obair A' Chomuinn Ghàidhealaich ann an iomadh dòigh.
Bha fèill air mar fhear an taighe aig iomadh cèilidh agus cruinneachadh oir bha stòras de sgeulachdan èibhinn aige agus bha e math air an innse. Ghabhadh e òrain cuideachd agus chuir e gu mòr ri iomadh prògram a rinn am BBC.
Bha e còrr air 30 bliadhna na èildear ann an Eaglais na h-Alba, a' frithealadh gu h-àraidh air dachaigh cùram Ach an Eas, agus an sàs ann an obair Christian Aid.
'S iomadh duine a bha ga ionndrainn nuair a chaochail e gu h-obann air 1 Ògmhios, 2002.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.