Mòrag NicLeòid

Mòrag NicLeòid

Chan eil seinneadair 's iongantach aig a bheil ùidh ann an òrain Ghàidhlig nach eil eòlach air an t-ainm aig Mòrag NicLeòid à Scalpaigh na Hearadh, agus cha bheag an àireamh dhiubh sin a dh'iarr, agus a fhuair, cuideachadh bhuaipe.

Rugadh i air 12 Dàmhair, 1936, agus chaidh i don sgoil ann an Scalpaigh mus deach i do dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Ged a cheumnaich i à Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1963, agus ged a fhuair i teisteanas airson teagasg Gàidhlig agus Bun-sgoil à Colaiste Chnoc Iòrdain, 's e an obair anns an robh i an sàs fad iomadh bliadhna ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, ann an Dùn Èideann, a dh'fhàg i cho fìor fhiosrach mu òrain, mu eachdraidh agus mu dhualchas.

Fhuair i a' chiad obair anns an Sgoil ann an 1962, agus a bharrachd air naoi mìosan ann an 1974-75 a' teagasg an Colaiste Chnoc Iòrdain agus trì bliadhna ag obair aig Pròiseact Coimhearsnachd Van Leer anns na h-Eileanan an Iar (1978-81), sin far an robh i gus na leig i dhith a dreuchd.

Bha i a' teagasg oileanaich aig a h-uile ìre, agus an sàs ann an obair rannsachaidh, a bharrachd air a bhith a' cruinneachadh beul-aithris ann an iomadh ceàrnaidh de dh'Alba. Bha i ag obair còmhla ri luchd-cruinneachaidh beul-aithris agus sgoilearan leithid an t-Urr. Uilleam MacMhathain, Seumas MacEanraig, Dòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach, an t-Oll. Iain MacAonghais, Ailean Bruford, Peter Cook agus Torquil Knudsen.

Am measg nan seinneadairean ainmeil air an robh i eòlach, bha leithid Cairistìona Sheadha às na Hearadh, Alasdair Boidhd às an Ìochdar, Ceit Bochanan, Flòraidh Bhoidhd agus Calum MacIain à Barraigh.

Rinn Mòrag mòran airson fiosrachadh mu òrain agus mu dhualchas a sgaoileadh gu daoine taobh a-muigh an oilthigh, tro bhith a' teagasg aig sgoiltean shamhraidh agus aig deireadh sheachdainean ann an iomadh àite, bho Sabhal Mòr Ostaig gu Colaiste Wansfell an Essex, bho Stockton State College ann an New Jersey gu Colaiste St. Ann's an Ceap Breatainn. 'S iomadh òraid a rinn i aig Mòdan agus Fèisean agus tha artaigilean leatha rin lorg ann an leabhraichean agus irisean. Tha i gu h-àraidh fiosrach mu òrain luaidh, mu thàlaidhean, mu sheinn nan salm agus mu òrain na Hearadh.

Thug i deich bliadhna a' teagasg Gàidhlig aig clasaichean oidhche agus bha i cuideachd na neach-sgrùdaidh aig Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann.

Bhiodh i a' toirt taic don Chomunn Ghàidhealach le bhith a' cuideachadh a' taghadh òrain airson Mòdan agus, fad grunn bhliadhnaichean, 's i bha an urra ri cuairt bhliadhnail nam bàird, a' cur air dòigh oidhcheannan bàrdachd agus ceòl air feadh Alba nuair a thigeadh na h-Èireannaich agus a' dol còmhla ri bàird, seinneadairean agus luchd-ciùil Albannach air chuairt an Èirinn.

'S iomadh òran agus fonn a sgrìobh i sìos airson Tocher, iris na Sgoile air an robh i na neach-deasachaidh, agus 's mòr an obair a rinn i airson an t-sreath chlàir ainmeil agus fheumail Scottish Tradition fhoillseachadh. Cha ghabh inneas a dhèanamh air an iomadh seòrsa taic a thug i do sheinneadairean thairis air iomadh bliadhna, co-dhiù bha iad dìreach airson òrain ionnsachadh, pàirt a ghabhail ann am farpaisean, no clàir a dhèanamh. Bu mhòr am beud nach deach barrachd òrain a chlàradh bhuaipe fhèin oir 's e deagh sheinneadair a th' innte.

Tha, agus bha, Mòrag tric a' gabhail pàirt ann am prògraman Gàidhlig a' BhBC air rèidio agus air telebhisean.

Ged a tha i air a dreuchd san Sgoil a leigeil dhith, chan eil i na tàmh. Tha i air ais a' fuireach ann an Scalpaigh agus gu mòr an lùib coimhearsnachd an eilein.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.