Mnathan Luaidh Liùrboist

Bha cuid de na boireannaich a bha seinn còmhla ri Mnathan Luaidh Liùrboist eòlach gu leòr air a bhith a' luadh chlò. Bha cuimhne aig Ceit NicLeòid a bhith a' nighe còig chlòithtean a-staigh aca fhèin ann an aon latha, 's bha na clòithtean sin an uair sin rin luadh.

Anns na leth-cheudan, ged-thà, 's ann mar chur-seachad a bha na h-òrain luaidh gan gabhail ann an Liùrbost. Bhiodh am bannal a' coinneachadh mar bu trice anns an taigh-sgoile, ach uaireannan ann an taigh Aonghais MhicLeòid, Frics, aig 20 Liùrbost. B' e seo dachaigh Cheit agus Nan NicLeòid, a bhiodh tric an ceann an t-seinn.

Bha "Concert Party" anns an sgìre, agus 's ann airson a bhith mar phàirt dhe a thàinig am buidheann luaidh còmhla. Bhiodh an "Concert Party" seo, le Cailleach an Dèacoin air an ceann, a' seinn ann an àiteachan mar Talla a' Bhaile Steòrnabhaigh agus tallachan eile air feadh Leòdhais. Bha iad aon uair anns na leth-cheudan ann an Talla Naomh Anndrais, ann an Glaschu, agus na mnathan luaidh nan cois.

Chaidh cuid de na h-òrain a tha ann an tasglann a' BhBC an clàradh ann an taigh-sgoile Liùrboist, ann an 1956. Chaidh feadhainn eile a chlàradh a' bhliadhna an dèidh sin.

Cuideachd ann an 1956, fhuair Mnathan Luaidh Liùrboist cuireadh tighinn gu Fèis Dhùn Èideann a sheinn aig a' chuirm-chiùil Pleasures of Scotland anns na h-Assembly Rooms. A' seinn aig an aon chuirm bha Seonag NicChoinnich às an Rubha, Leòdhas, Anna Arnott às an Eilean Sgitheanach, Ceit NicNeacail à Uibhist a Deas, Jeannie Robertson, Còmhlan-ciùil Fhearchair MhicRath à Loch Ailleart, am pìobaire Iain Burgess, agus a' cluich na clàrsaich Mary O' Hara à Èirinn.

Bha leithid a shluagh ag iarraidh tighinn dhan èisteachd 's gun d' thàinig orra a dhèanamh turas a bharrachd air na bha iad an dùil.

Chaidh fiolm a dhèanamh de na mnathan luaidh le buidheann à New Zealand, ach chan eil fios an deach a' fiolm sin fhaicinn a-riamh anns an rìoghachd seo.

Dh'fhalbh Ceit NicLeòid, a bha gu mòr an sàs anns a' bhannal a dh'fhuireach a Shrath Pheofharain aig deireadh na leth-cheudan agus fad bhliadhnaichean an dèidh sin bha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain. Mun àm sin cuideachd, thòisich feadhainn eile a' fàgail na sgìre agus mar sin thàinig gnothaichean gu ceann do Mhnathan Luaidh Liùrboist, ged a chùm an "Concert Party" a' dol airson ùine an dèidh sin.

Bha na boireannaich a leanas am measg an fheadhainn a bhiodh a' seinn gu bitheanta le Mnathan Luaidh Liùrboist:

-- Ceit agus Nan NicLeòid, a bha a' fuireach aig 20 Liùrbost.

-- Catriona NicÌomhair, piuthar Ceit is Nan, agus an dithis nighean aice, Catrìona agus Seonag, bho Creagan Dubh, Liùrbost.

-- Anna Mhoireasdan, bho 5 Liùrbost agus Cairistìona Mhàrtainn, bho 15 Liùrbost.

-- Màiri Bhàn agus Iseabail NicChoinnich, bho Oifig a' Phuist, Crosabost.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.