Mìcheal Mac a' Phearsain

Mìcheal Mac a' Phearsain

Rugadh Mìcheal Mac a' Phearsain, Mìcheal Ruadh Alasdair Bhig, air Taobh a' Chaolais an Uibhist a Deas air 26 Giblean, 1910. 'S ann à Barraigh a bha athair agus bha a mhàthar à Èirisgeigh.

An dèidh Sgoil Ghearraidh na Mònadh fhàgail, chaidh Mìcheal a dh'iasgach agus an uair sin gu muir aig àm a' chogaidh. Phòs e Màiri Anna NicGillEathain, Màiri Anna Sheonaidh Aonghais, ann an 1935 agus bha triùir chloinne aca - Seonaidh a tha an-diugh a' fuireach ann an Canada, Iain Alasdair a chaidh a bhàthadh aig muir agus Nan nach maireann.

Bha Mìcheal daonnan dèidheil air a bhith ag innse sgeulachdan agus is tric a dh'innis e mar a theab e fhèin a bhith air a bhàthadh nuair a bhuail torpedo anns a' bhàta air an robh e aig àm a' chogaidh.

Nuair a thill e air ais a dh'Uibhist às dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu croitearachd agus iasgaich.

Bhiodh e cuideachd ag obair air rathaidean as an sgìre, agus rud sam bith a bha tachairt san sgìre, bhiodh e a' dèanamh dhàin mu dheidhinn, rudan muladach aig amannan, ach cuideachd òrain aighearach a' tarraing à daoine agus às fhèin cuideachd.

Chithear sin bho na cuspairean a ghluais e gu bàrdachd - coileach a' dol air chall, caraidean a' dol gu ruige "Na Barras" ann an Glaschu airson fàinne gealladh-pòsaidh fhaighinn, e-fhèin agus taigh-sheinnse Pholl a' Charra, call na sgòth, am Màiri Dhonn, 's i tilleadh à Malaig, bàs gille òg ann an tubaist le càr, teaghlach a chailleadh nuair a sgrios teine an dachaigh aca.

Cha b' urrainn do Mhìcheal Gàidhlig a sgrìobhadh, 's le sin bha e an urra ri daoine eile a bhith a' sgrìobhadh nan òrain aige no dhan clàradh.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.