Rugadh Iain Mac a' Mhaoilein air 10 Cèitean, 1880, ann am Baile na Creige, am Barraigh. An dèidh oideachadh ann an Colaiste Blairs air iomall baile Obar Dheathain, chaidh e gu Issy agus Saint Sulpice.
Chaidh a shuidheachadh mar shagart air 8 Dùbhlachd, 1903, ann an Àrd-eaglais an Òbain agus chuir e seachad ùine sa bhaile sin mus do ghabh e dreuchd mar shagart paraiste Eilean Eige agus na h-Eileanan beaga. Ann an 1908 chaidh e gu ruige Beinn nam Fadhla.
Air 8 Màrt, 1923, dh'fhalbh Maighistir Iain cuide ri faisg air 300 eilthireach à Barraigh is Uibhist air an t-slighe gu Canada air bòrd an t-soithich, am Marloch, dealachadh a fhuair e doirbh. Sgrìobh e:
"Ar leam ged a bha an long ag giùlain mo cholainn air falbh gun robh air fhàgail mo bheatha, co-dhiù a' chuid bu luachmhoir, agus a b' àirde dhìom, anns na h-eileanan àlainn sin a bha cho gaolach leinn. Bha mo phearsantachd air snìomh a-mach à ùir phrìseil m' eilein dhan robh mi cho nàdarra 's nach gabhainn sgaradh bhuaithe a-chaoidh."
Cha do mhair an sgaradh ro fhada. Bha e fad dà bhliadhna na shagart paraiste ann an Red Deer, Alberta, mus do thill e a dh'Alba, a Bhaile a' Chaolais an toiseach, agus, ann an 1929, a Bharraigh. Bha e na shagart paraiste ann an eaglais Chille Bharra sa Bhàgh a Tuath gu 1935 agus às dèidh sin ann an eaglais Naomh Bhrianain ann am baile àraich. Bha e far an robh a mhiann:
Tha m' eilean le fraoch air a chriosadh,
Flùraichean lurach a' chìs,
Sgeirean 'n oir chuain agus a' suaineadh na mara
Gaolach, milis leam fhìn.
Eilean nan òighean 's nam flaithean
Tha faire na Haaf 's an iar,
Far an tric robh mo chridhe ri mireag –
Gaol milis nach ciar.
Bha Mgr. Iain agus an sgrìobhadair ainmeil Compton MacCoinnich, nan deagh charaidean agus b' ann air Mgr. Iain a stèidhich MacCoinnich an caractar Fr. James Macalister a tha a' nochdadh anns na leabhraichean Whisky Galore agus Keep the Home Guard Turning.
Anns an leabhar Air Mo Chuairt (Acair, 1987) tha Ealasaid Chaimbeul ag innse mar a dh'ùraich e na h-òrain luaidh as an eilean:
"Thòisich e air luadh a bhith aige san talla. Gun teagamh cha b' e luadh dòigheil a bhiodh ann ach car de dh'atharrais, ach ged a b' e fhèin, siud a' chùis a chòrd ris na cailleachan. Shaoileadh tu gur ann a bha iad a' dol gu banais leis an ullachadh a bhiodh orra ro-làimh. An dèidh an luaidh, bhiodh dannsa san talla agus dh'fhanadh na cailleachan ag amharc na h-òigridh 's an dol a bh' aca aig an àm.
Nuair a thòisicheadh an luadh bha sinne car an ceò.
'S docha gun aontaicheamaid aig an àm ris an fhear a sgrìobh gu robh muinntir an luaidh caran coltach ri grunnan mhnathan-nighe à baile mòr sònraichte a bh' air a dhol dhiubh fhèin, ach bha an dol 's na h-òrain a' còrdadh air leth math ri Maighstir Iain agus ris na cailleachan."
Bha Mgr. Iain a' fulang le droch shlàinte airson iomadh bliadhna agus sa Ghiblean, 1943, leig e dheth a dhreuchd. Chuir e seachad an còrr de bheatha ann an Athlasdal.
Chaochail e aig aois 72 air 1 Ògmhios, 1951. Chaidh a chur gu fois air là ciùin brèagha ann an cladh Bhuirgh.
Nuair a thàirneas mi 'n ospag mu dheireadh
'S a thilgeas mi 'n craiceann-sa bhuam
A' cnuasach am measg nach eil maireann
Gheibh mi cladach nam buadh."
Sgrìobh Mgr. Iain dàin agus òrain air iomadh cuspair agus tha laoidhean a sgrìobh agus a dh'eadar-theangaich e fhathast measail aig daoine.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.