Mgr. Ailean Dòmhnallach

B' ann do Ghearastan Loch Abar a bhuineadh Mgr. Ailean Dòmhnallach. Rugadh e ann an 1859 agus an dèidh fhoghlam airson na sagartachd ann am Blairs agus ann a' Valladolid, thàinig e mach na shagairt ann an 1882.

An dèidh dà bhliadhna as an Òban, chaidh e gu paraiste Dhalabroig an 1884. Nuair a thàinig briseadh air a shlàinte, ann an 1893, chaidh a ghluasad gu Èirisgeigh, agus chaidh an t-eilean a dhèanamh na pharaiste air leth. B' e bha mar mheadhan air Eaglais Èirisgeigh a thogail.

Nuair a dh'eug e, 's gun e ach 46, sgrìobh Gilleasbaig MacDhòmhnaill Mhic Eòghainn ann an Guth na Bliadhna, Am Foghar, 1905:

""'S ann agamsa a tha 'n sgeula thiamhaidh, bhrònach duibh a-nochd. Shiubhail Mgr. Ailean Èirisgeigh mu aon uair sa mhadainn an-diugh." 'S ann mar seo a labhair pears'-eaglais nan Gàidheal ann am baile Ghlaschu air feasgar Didòmhnaich, air an ochdamh latha dhan mhìos a chaidh seachad.

Air dha seo a ràdh chaidh gaoir mhuladach tron choitheanal oir bha mòran den luchd-èisteachd a bha eòlach air Mgr. Ailean o thùs an òige. Air ball thairg iad suas a' Chonaire-Mhuire, los gun tugadh Dia fois agus tàmh dha anam."

Bha meas mòr aig a h-uile duine air Mgr. Ailean. Neach air bith a thachair air, bha iad ro dhèidheil air. 'S e duine foghlaimte a bh' ann. Bha e na sgoilear Gàidhlig cho math 's a bha san dùthaich. 'S e rogha agus tagha a' bhàird a bha ann.

Sgrìobh e laoidhean a bha fìor bhrèagha agus tha mi am beachd nach eil eaglais eile air Ghàidhealtachd anns am faighear laoidhean Gàidhlig gan seinn mar a sheinneas iad ann an eaglais Èirisgeigh. Bha eòlas mòr aig Mgr Ailean air luibhean na dùthcha agus bha e ainmeil leis an eòlas a bha aige air sgeulachdan agus seann chleachdaidhean an t-sluaigh".

Tuilleadh Fiosrachaidh

Fr Allan McDonald of Eriskay (1859-1905) le Iain Latharna Caimbeul (Oliver and Boyd, Lunnainn, 1954 agus 1956)

Eilean na h-Òige - The Poems of Fr Alan MacDonald deasaichte le Raghnall Mac Ille Dhuibh (Mungo Books, Glaschu, 2002)

Father Allan's Island le Amy Mhoireach (The Moray Press, Dun Èideann agus Lunnainn. 1936)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.