Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh)

Rugadh agus thogadh Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh) an 1949 anns a' Phloc, baile a bha agus a tha fhathast gu math làidir a thaobh seinn is ceòl beò. Bha e na chleachdadh aig daoine nuair a bhiodh iad a' cruinneachadh anns na taighean a bhith a' seinn - an dà chuid òrain Ghàidhlig agus òrain Bheurla - Albannach is Èireannach is Ameireaganach, gun luaidh air 'Jerusalem' le Willie Ross!

Bhiodh a h-athair agus a màthar a' seinn, agus chanadh gu leòr den t-seann fheadhainn sa bhaile gu robh Màiri Sìne 's a piuthar, Catherine, glè mhath, ach nach robh iad idir cho math rim màthair. Bhiodh cuideachd seinneadairean gu math ainmeil a' tadhal air an àite, leithid Coinneach MacRath agus Seumas Caimbeul.

Nuair a dh'fhàg i Àrd-sgoil a' Phluic, chaidh Màiri Sìne a dh'Oilthigh Obar Dheathain, far do rinn i ceum le Urram ann an Ceiltis.

Às dèidh sin, chaidh i a dh'fhuireach ann an Lunnainn airson beagan bhliadhnaichean, mus do roghnaich i tilleadh a dh'Alba gus teagaisg a dhèanamh.

Chuir i seachad dà bhliadhna ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh mus deach i gu Fir Chlis, an companaidh theatre Gàidhlig.

Ann an 1979, phòs i Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair à Nis, Leòdhas, agus chaidh i a dh'fhuireach ann an Dail bho Dheas. Tha triùir chloinne aca agus tha e toirt toileachas mòr dhi gu bheil an ceòl air leantainn annta uile.

Ann an 1992, thill i dhan Phloc agus fhuair i obair ann an Sabhal Mòr Ostaig far a bheil i fhathast, a' chuid as motha dhen obair aice a' buntainn ri beul-aithris, seann sgeulachdan is òrain.

Tha ùidh mhòr aice anns na h-òrain a bhuineas dhan sgìre aice fhèin, ach fèir mar a bha muinntir a' bhaile na h-òige, tha i toilichte òran sam bith a sheinn cho fad 's a tha rudeigin ann a tha fìrinneach is tarraingeach. Tha i air a bhith an sàs ann an iomadh seòrsa seinn eadar òrain Ghàidhlig is The Big Field Blues Band is Jazz. Bhuannaich i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd an Òbain ann an 1992, agus rinn i CD mu dheireadh thall bho chionn dà bhliadhna - Thall an Loch Aillse.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.