Màiri NicLeòid (Màiri Nighean Alasdair Ruaidh)

Ged a tha Màiri NicLeòid, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh na bana-bhàrd ainmeil 's e glè bheag de dh'fhiosrachadh a tha ri fhaighinn mu beatha. Ann am prògram a rinn e mu deidhinn air BBC Radio nan Gàidheal, mhìnich am bàrd agus an sgoilear, an t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais, carson a tha i cho sònraichte:

"Bha bàrdachd molaidh ga dèanamh le bàird aig an robh dreuchd shònraichte ann an teaghlaichean nan ceann-cinnidh. Bha na bàird sin a' toirt bhliadhnachan ag ionnsachadh an ceaìrd ann an sgoiltean bàrdachd agus bha cànan sònraichte aca, agus dh'fheumadh iad a bhith eòlach air eachdraidh 's air sgeul. Tha iad a' moladh nan ceann-cinnidh 's an teaghlaichean agus uaireannan a' càineadh an nàimhdean. Bha fearann aca agus iomadach duais eile mu choinneamh na h-obrach seo.

Ach aig aon àm bha bàird eile ann, a bha ag obair anns an t-saoghal eile, a' saoghal aca fhèin agus a' cleachdadh cainnt an t-sluaigh airson òrain a dhèanamh air gaol is bàs is banais is sealg is cath, is ceudan de rudan ris an robh iad a' tachairt.

Tha cas aig Màiri Nighean Alasdair Ruaidh as gach campa.

Ged nach b' e bàrd ionnsaichte a bh' innte as an t-seann dòigh, dh'ionnsaich i na modhan molaidh agus dh'fhuaigh i iad ri ceòl bàrdachd an t-sluaigh. Cha b' e gu robh i na h-aonar ris a' cheàird seo, 's cha b' i a' chiad duine a rinn seo, ach bha fìor shnas air an obair aice agus mhair gu leòr dhith ann an cuimhne dhaoine gu ainm sònraichte a thoirt dhith."

Bha Màiri do theaghlach uasal, Clann Alasdair Ruaidh, meur de Chloinn 'ic Leòid aig an robh Hiort, am measg àiteachan eile. Tha deasbad ann a thaobh càite an d' rugadh i, le cuid a' cumail a-mach gun d' rugadh i ann an Roghadal sna Hearadh timcheall air 1569 agus cuid eile ag ràdh gun d' rugadh i mun bhliadhna 1615, agus gur e ban Sgitheanach a bh' innte.

Tha e coltach gun do chuir i ùine seachad am Beàrnaraigh na Hearadh, aig Tobhta nan Craobh faisg air taigh Shir Tormod, agus gu robh i tric anns an Eilean Sgitheanach. Gabhaidh cinn-latha, eadar 1646 agus 1705, a chuir air a' bhàrdachd a th' againn leatha.

Bha Màiri na banaltram aig dithis de Chloinn Choinnich na Comraich agus do Cloinn 'ic Leòid ri linn còignear chinn-feadhna - Iain Mòr, a mhac Ruaraidh, Iain Breac, a mhac-san Ruaraidh, agus Tormod.

Ach bha spèis shònraichte aice do Shir Tormod Bheàrnaraigh, an treas mac a bha aig Ruaraidh Mòr, a chaochail air 3 Màrt, 1705:

Dh'fhalbh mo shòlas:
Marbh mo Leòdach
Calma cròdha
Meanmach ròghlic;
Dhearbh mo sgeòil-sa
Seanchas eòlais
Gun chearb foghlaim:
Dealbhach ròghlan t-èagasg.

An treas là den Mhàirt
Dh'fhalbh m' aighear gu bràth
B' i siud saighead mo chràidh
Bhith 'g amharc do bhàis
A ghnùis fhlathasach àilt
A dheagh mhic rathail
An àrmuinn euchdaich.

Bha Seumas Mac Ille Mhìcheil MacBhàtair, a dheasaich leabhar de a cuid òrain, den bheachd gun do chuir MacLeòid Dhùn Bheagain An Clàrsair Dall agus Màiri às an eilean a chionn 's gu robh Pàrlamaid Alba an aghaidh nam bàird, a bha, mar a bha iadsan a' meas chùisean, a' cumail beò seann chleachdaidhean agus seann nàimhdeas an aghaidh nan Gall agus an aghaidh luchd-riaghlaidh Alba.

Mar a mhìnich an sgoilear, An t-Ollamh Iain MacAonghais air BBC Radio nan Gàidheal:

"Bha na bàird nan luchd-labhairt, a' cur an cèill eachdraidh nan Gàidheal agus gum bu chòir do na Gàidheil, agus an cinn-cinnidh gu sònraichte, na seann chleachdaidhean a leantainn, an cànan 's an ceòl 's a h-uile càil a bhuineadh do chultur an t-sluaigh.

"Bha Pàrlamaid Alba a' faicinn gur e droch rud a bha sin, ma bha iad a' dol a dh'fheuchainn ri na Gàidheil a mhùchadh mar a bha iad a' feuchainn ri dhèanamh. Ma dh'fhaodte gun d' thuirt MacLeòid ri Màiri i Dùn Bheagain fhàgail chionns gu robh i a' tarraing nàimhdeas, no 's dòcha gu do roghnaich i fhèin falbh greis."

"Is muladach mi o cheann seachdain, is mi an eilean gun fhiar gun fhasgadh..." tha Màiri ag ràdh anns an Tuireadh, agus ann an Luinneag MhicLeòid:

Bha mi uair nach do shaoil mi
Gus an do chaochail air m' aimsir
Gun tiginn an taobh seo
Dh'amhairc Dhiùraidh à Scarbaidh.

A rèir beul-aithris bhiodh seòrsa de ghuailleachan tartan air Màiri agus na làimh bhiodh bata le ceann airgid. Bha e air aithris gu robh i dèidheil air tombaca agus air snaoisean, agus bha am bàrd Uilleam Ros a' cumail a-mach nach diùltadh i drama.

A rèir beul-aithris cuideachd bha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh 105 nuair a dh'eug i, agus bha sgeulachdan co-cheangailte ri sin, mar a dh'innis Iain MacAonghais:

"Nuair a thàinig àm a bàis dh'iarr i air daoine a tìodhlacadh is a beul foidhpe, gus am biodh "beul nam breug" foidhpe, mar gum biodh air a dhùnadh.

"Tha naidheachdan ann air feadh na Crìosdachd mu luchd-sgrìobhaidh agus mu bhàird agus mu iomadach seòrsa duine, nuair a thàinig iad faisg air àm bàis, gu d' thuirt iad riutha fhèin, "Chan eil as na bha mi a' dèanamh ach dìomhanas nan dìomhanas." Tha mi a' smaoineachadh gur e leithid a naidheachd a bha sin."

Rinn fear de Chloinn 'ic Cruimein, pìobairean Chloinn 'ic Leòid ann an Dùn Bheagain, a' phìobaireachd Cumha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, a' comharrachadh a bàis.

Tha i air a tiodhlacadh as na Hearadh agus tha na h-òrain aice leithid 'An Talla bu Ghnàth le MacLeòid', 'Marbhrann do Iain Mac Ghille Chaluim Ratharsaidh', Luinneag MhicLeòid, 'Crònan an Taibh', agus 'Cumha do Shir Tormod MacLeòid' air an seinn fhathast.

A rèir Iain MhicAonghais:

"Tha a' bhàrdachd, an seòrsa a rinn Màiri Nighean Alasdair Ruaidh agus, aig an aon àm, Iain Lom agus, glè fhaisg air an aon àm cuideachd, Eachann Bacach ann am Muile, a' moladh, a' moladh, a' moladh, chan a-mhàin a' chinn-chinnidh ach a' moladh na fine air fad.

"Thug iad do bhàrdachd Ghàidhlig, tha mi smaoineachadh, a snuadh agus a tuar sònraichte air chor 's na faiceadh tu a' bhàrdachd sin air a h-eadar-theangachadh gu teanga sam bith eile, cànan sam bith eile air an t-saoghal, chanadh tu, "O, 's e Gàidhlig Albannach a tha seo. 'S e seo bàrdachd nan Gaidheal Albannach".

Agus tha mi smaoineachadh gun do stèidhich Màiri Nighean Alasdair Ruaidh agus Iain Lom cuideachd, crìochan agus ballachan-crìche na bàrdachd againne agus gun do rinn iad cruinneachadh de chuspairean air a bheil sinn ag obair chun an là an-diugh."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.