Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à Taobh a Deas Ghleann Dail agus Iain MacGillEathain, Iain Sheonaidh Aonghais à Taobh a Deas Bhaghasdail.
Cha b' e a cheannach a rinn Màiri air a h-ùidh ann an òrain. Bha a h-athair na bhàrd a dhèanadh òran mu chuspair sam bith, òrain èibhinn agus òrain làn cianalais agus, nuair a bhiodh e aig an taigh air fòrladh, bhiodh e daonnan ri bàrdachd is òrain.
O nach robh mi leat thall ann an Uibhist
Anns a' ghleannan tha lurach 's gach àm,
Far an cluinninn san Ògmhios a' chuthag
'S an uiseag ri luinneag gu trang.
Far an cluinninn gach alltan is sruthan
'S iad nan deann ruith bho mhullach nam beann;
Breac tàrrgheal na fairge sa ghlumaig
'S iad a' leum chun na cuileig le steall.
'S i Màiri bu shine den t-sianar theaghlach a bha aig Charlotte agus Iain, ceathrar nighean is dithis ghillean.
Bha ùidh riamh aice ann an ceòl is òrain. Nuair a bha i mu dheich bliadhna thòisich i a' dol gu Còisir Òg Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Bha i anns a' Chòisir òg gus na ghluais i suas gu còisir nan inbheach nuair a bha i mu shia bliadhna deug. Bha dithis stiùirichean aig a' chòisir a thug buaidh mhòr oirre. B' iadsan Tormod McConochie agus Nan Dhùghlas.
Na deugaire cuideachd ghabh Màiri leasain air a' phiàna agus tha cuimhne aig a bràthair i bhith daonnan a' seinn agus esan na bhalachan òg a' feuchainn ri beagan fois fhaighinn airson ball-coise fhaicinn air an telebhisean.
'S ann còmhla ris a' chòisir a thòisich i dol gu Mòdan an toiseach agus nuair a bha i beagan na bu shine thòisich i dol chun an fhear-ciùil ainmeil, Iain MacRath, airson leasain seinn.
Bhuannaich Màiri am Bonn Òr aig a' Mhòd san Aghaidh Mhòir ann an 1969. Aig an aon Mhòd, choisinn an MacLean Trio, i fhèin, a piuthar Anna agus a bràthair Calum, farpais nan còmhlain.
An dèidh iomadh bliadhna ag obair ann an Oifis nan Cìsean tha Màiri an-diugh air a dreuchd a leigeil dhith. Ach chan eil i na tàmh. A bharrachd air a bhith trang le a ceathrar theaghlach is oghaichean, bidh i na britheamh aig farpaisean is fèisean.
Tha i air a bhith na stiùiriche air Còisir Chomar nan Allt fad fichead bliadhna is còrr agus le a stiùir tha iad air duais Mhairead NicDhonnchaidh a bhuinnig trì tursan. Tha i cuideachd na stiùiriche air Coisir Òg na h-Eaglaise Brice agus 's iomadh duais a tha iadsan air a ghlèidheadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.