Màiri NicEalair

Rugadh Màiri Chamshron sa bhliadhna 1836 an Gearastan Loch Abar far an robh a h-athair na fhuineadair. Fhuair i togail còmhla ri seanair, Donnchadh MacDhiarmaid anns a' Choire Bheag, taobh Loch Iall.

Chaochail a h-athair mus robh Màiri na deugaire agus b' fheudar dhith bùth bheag a bh' aige an Gleann Comhann a ghabhail os làimh.

Sin far an do thachair i ri Iain MacEalair, sgiobair air bàta beag, an Glencoe anns am biodh e a' toirt bathar o thìr-mòr gu na h-Eileanan an Iar agus o Lite gu bailtean na Roinn Eòrpa, a' seòladh cho fada tuath ris a' Bhaltaic.

Bhiodh Màiri tric a' dol gu muir còmhla ri Iain agus bha i eòlach gu leòr air gailleann is stoirm as a' Chuan a Tuath agus an cunnart a thig nan cois.

Aig aon àm chaidh am bàta air creag ann an Abhainn Wiser sa Ghearmailt agus is ann air èiginn a theàrnadh i fhèin agus an sgioba.

Dhealaich i fhèin agus Iain MacEalair agus nuair a bha i mu 50 chaidh i a dh'fhuireach an Dùn Èideann far an do chaith i an còrr dhe beatha.

Sgrìobh i iomadh òraid airson Comann Gàidhlig Inbhir Nis agus ann am pàipearan-naidheachd. Rinn i cruinneachadh de ghnàth-fhacail is de dhòighean cainnt airson luchd-turais agus bha fèill air leabhran a sgrìobh i mu Loch Abar is Gleann Comhann.

Ach bha i gu h-àraidh ainmeil seach gur h-i a chaidh a thaghadh airson an leabhar a sgrìobh a' Bhanrigh Victoria mu a cuairt air Ghaidhealtachd, Leaves from the Journal of our Life in the Highlands, eadar-theangachadh gu Gàidhlig.

Chaochail a' Bhanrigh Victoria air an latha seo, 22 Faoilleach, sa bhliadhna 1901. Chaochail Màiri NicEalair an Dùn Èideann sa bhliadhna 1890 ach chaidh a tiodhlacadh an Cladh Chill Mhàillidh far am faicear a carragh-cuimhne fhathast.

Air prògram Gàidhlig a' BhBC air 20 Ògmhios, 1951, thuirt Lachlan MacFhionghuin mu deidhinn:

"Bha i blàth-chridheach, coibhneil, dèidheil air a bhith an co-chomann a luchd-dùthcha. Fileanta, deas-bhriathrach, agus gasda na nàdar, b' i fhèin cridhe na cuideachd cia b' e àite an tachradh dhith a bhith."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.