Rugadh Màiri NicDhùghaill ann an Àrd Tunna, dlùth air Buneasan san Ros Mhuileach, ann an 1789, an nighean aig Donnchadh Dùghallach agus a bhean, Anna Mhoireasdan.
Tha e coltach gu robh i eòlach air Niall Dòmhnallach bho bha i na nighinn bhig. Bha a' chiad dachaigh a bh' aca mar chàraid phòsta aig Cnoc nan Gobhar ann an Siaba far an robh beagan fearainn aca air an robh iad a' cumail beagan sprèidh.
Ach cha robh iad cho buileach fada an sin mar a dh'innis Donnchadh MacGuaire air prògram Gàidhlig a' BhBC:
"Bha am fearann ann a' Siaba a dhìth air an oighreachd agus thòisich an t-strì agus an allaban air an robh Màiri Dhòmhnallach cho eòlach mun d' thàinig deireadh a làithean. Dh'fhàg i fhèin agus Niall Cnoc nan Gobhar agus ghabh iad còmhnaidh ann an Àrdalanais. Bha am fearann beartach an seo gun teagamh ach cha robh am fearann math acasan. B' ann an seo a sheinn i mòran de na laoidhean agus na cumhachan a bha air an sgeadachadh cho loinneil, dùrachdach."
Chan eil teagamh nach i an laoidh as ainmeile a rinn Màiri, Leanabh an Àigh, a tha air a seinn an iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal an-diugh:
Teagasg a Rìgh dhuinn slighe na sìthe
Nad cheumaibh dìreach cùm sinn dlùth;
Thusa bha dìleas dhuinne bho shìorraidheachd
Urras ro-chinnteach air ar cùl.
Neartaich ar dòchas, meudaich ar n-eòlas
Cùm sinn nad ròidean dìreach, dlùth;
Le oladh nar lòchrain mar ris na h-òighibh
A' seinn ann an glòir an òrain ùir.
A rèir MhicGuaire:
"Bha i gu math àrd, cruaidh, dorcha. Bha i ceart agus dìreach na nàdar, air a giùlain le spiorad naomh agus gun eagal aice bho uachdarain no geur-leanmhainn."
Ged a thachair mòran doilgheas ri Màiri na beatha, b' ann a neartaich sin an creideamh aice. Nuair a b' fheudar do bean a mic falbh a Ghlaschu feuch am faigheadh i leigheas airson tinneas, thuirt Màiri:
Chaidh thu tùs an dùdlachd
Le sunnd agus cridhealas
Do Ghlaschu nam bùthan
An dùil a bhith na b' fheàrr;
B' e sin an geamhradh tùrsach
A dhùblaich mo thrioblaid
'S a leòn ann am chridhe mi
Mo mhì-fhortan cho tràth.
'S e bàs nach eil na thàmh
Anns gach àite sa chruinne seo
Tha dhaithean ann an sàs
An sliochd Àdhamh neo-ghann.
Gun gheàrr e meanglan cùbhraidh
A bha ùr air a shuidheachadh
A fhlùran dhuibh cho lurach
'S a b' urrainn a bhith ann.
Bruadaras na h-oidhche
A' smaointinn air do thrioblaid
Ar leam gun fhaic mi d' aogas
'S do loinn am measg chàich;
Air mosgail dhomh le cùram
Gad ionndrainn a bhitheas mi
Thig saighdean ann am chridhe-sa
Nach innis mi do chàch.
An uair a chaidh an eaglais Bhaisteach a thogail aig Glac a' Bhodaich ann an Ardachadh, rinn Màiri agus a bràthair Donnchadh mòran airson na h-eaglais. Ged a bha a comhairle sìmplidh agus dìreach:
Dèan faire gu mòr
Gu beò, gu duineil, gu treun
Bi iriosal, stòlda, còmhnard,
Faiceallach, sèimh.
Bha i iriosal:
Cridhe seacharan làn lùb
Tha mi a' giùlan gach là,
Nach tig daonnan dhuit dlùth
An dèidh do chliù air ar sgàth.
B' urrainn dhith dealbh a chur air beulaibh dhaoine ann am beagan fhacal.
Faicibh na tàirnean le òrd
Dol na fheòil ann an sàs
Faic an t-sleagh dol na thaobh
Is fhuil a' taomadh gu làr.
Mar a mhìnich Donnchadh MacGuaire:
"Cha robh eòlas aice air cànain sam bith eile ach a' chainnt a chuala i aig leac an teintean agus mar sin sheinn i mar a bha a cridhe ag gairm ann am briathran sìtheil gun ùpraid mhòr sam bith."
Uaireigin ro 1854, nuair a dh'fhàg na daoine mu dheireadh Àrdalanais, chaidh Màiri agus Niall a dh'fhuireach a dh'Àrd Tunna. Bha mòran dhaoine a' falbh a-null thairis aig an àm seo, às an Ros Mhuileach mar a bha iad à àiteachan eile. Thàinig fios gun deach soitheach, an Canada, air an robh daoine air an robh Màiri eòlach às an rathad.
Guidheam àrd Rìgh nan Dùl
Bhith ga stiùireadh gu cala
'S iomadh tè bha fo leòn
Cloinn òg a chur san talamh
Ach 's e dì-chuimhne is mò
Gan cur fo chòmhdach na mara.
Chan eil ach glè bheag de dhàin Mhàiri air lorg an-diugh ged a chuir Leanabh an Àigh a h-ainm fad agus farsaing.
Chuir Màiri is Niall na bliadhnaichean mu dheireadh seachad ann an taigh ann am Folainn. Chaochail i sa Chèitean, 1872, agus Niall sia bliadhna às a dèidh. Chaidh a tiodhlacadh ann an Cill MhicEoghain anns an Ros. Na facail fhèin:
Tha an t-àm bhith teicheadh chum an t-slèibh
'S na carraige trèine làidir,
A chumas fasgadh agus dìon
Air dilleachdain na slàinte.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.