
Rugadh Màiri NicArtair ann an Ceann Loch Gilp agus tha dithis pheathraichean agus bràthair aice. B' ann à Bhalla, ann an Tiriodh, a bha a màthair, Màiri NicFhionghain, Màiri Theàrlaich Lachainn, agus bhuineadh a h-athar, Iain Leitch, don Chàrn Bhàn.
Choinnich a pàrantan nuair a bha an dithis aca ag obair anns an Ospadal ann an Ceann Loch Gilp. B' ann dhan ospadal sin a chaidh Màiri a dh'obair nuair a dh'fhàg i Àrd-sgoil a' bhaile. B' e Fraingis a ghabh i anns an Àrd-sgoil oir bha a màthair den bheachd gum biodh an cànan sin gu barrachd feum dhith na Gàidhlig. Le sin b' ann an uair a bhiodh i air a saor-làithean ann an Tiriodh a thog i a' Ghàidhlig. Bhiodh i a' seinn ann an còisir na sgoile aig mòdan ionadail ann an Ceann Loch Gilb, Ceann Loch Cille Chiarain agus anns an Òban.
An dèidh pòsadh ghluais Màiri a Ghlaschu agus tha i air a bhith a' fuireach anns a' bhaile bhon uair sin. Chaidh i na ball de Chòisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn ann an 1962 agus tha i còmhla riutha chun an latha an-diugh.
'S ann ann an 1962 cuideachd a dh'fheuch i air farpaisean seinn na h-aonar agus ann an 1965 choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta anns an Leargaidh Ghallda.
Bhon uair sin tha Màiri air a bhith a' seinn air feadh Bhreatainn, ann an tallaichean spaideil nam bailtean mòra cho math ri tallaichean beaga nam bailtean Gàidhealach. Tha i air mòran siubhail a dhèanamh, a' seinn anns na Stàitean Aonaichte, Canada, Latvia, Lithuania, Estonia, Ukraine agus bailtean mòra na Ruis.
An dèidh do Mhàiri seinn aig Co-chruinneachadh nan Cinnidhean ann an Ìle, ann an 1981, fhuair i cuireadh bho Chlann MhicArtair a bhith air aoidheachd aca aig a' chiad Cho-chruinneachadh Eadar-nàiseanta aig na Cinnidhean anns na Stàitean Aonaichte, ann an Georgia.
Fad deich bliadhna fichead bha Màiri cuideachd a' seinn còmhla ri Còmhlan Ciùil Bobaidh Harvey fad seusan samhraidh an luchd-turais anns na bailtean timcheall Linne Chluaidh. Uaireannan, nam biodh iad ann am Baile Bhòid chan fhaigheadh i dhachaigh gu ceithir uairean sa mhadainn agus bhiodh aice ri dhol gu a cosnadh làn-ùine beagan uairean a thìde an dèidh sin.
Bha i na ball den bhuidheann luaidh Bannal ann an Glaschu airson greis agus bidh i fhathast a' seinn aig cuirmean bho àm gu àm. Bidh i uaireannan a' teagasg chloinne aig fèisean agus a' cuideachadh ag ullachadh na cloinne ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson Mòdan.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.