Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a Deas.

Bha seinn a' còrdadh gu mòr rithe bho bha i beag agus ann an 1982 bha i am measg na feadhainn a b' òige a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd an Eilein Sgitheanaich. An ath bhliadhna choisinn i aig an Fhèis Phan-Cheilteach an Èirinn.

On uair sin tha Màiri air a bhith aithnichte mar sheinneadair tàlantach a tha air mòran a dhèanamh air programan rèidio agus telebhisean, air mar eisimpleir Na Daoine Beaga, Songs of Praise, An Teaghlach agus bho chionn ghoirid, Alleluia!

Tha i air seinn leatha fhèin an iomadach àite as an dùthaich seo agus thall thairis agus còmhla ri iomadh neach agus còmhlan eile, eadar Runrig, an còmhlan Mouth Music agus Cor Meibion Llangwm.

'S i cuideachd a sheinn Land of Light, an t-òran leis na choisinn Uilleam Jackson an fharpais a bha aig a' phàipear-naidheachd Herald Ghlaschu, ann an 1999 airson òran ùr airson Alba a lorg airson toiseach linn ùr.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.