Rugadh Màiri Nic Mhuirich ann an sgìre Lagain far an robh a h-athair, Eòghainn, na mhaighstir-sgoile.
Tha coltas ann gun do chuir i seachad a h-òige mar a chuireadh a co-aoisean aig an àm. Bha i dèidheil air cèol, òrain agus dannsa agus bha iad sin pailt ann am Bàideanach aig an àm.
Tha an t-Urr. Alasdair MacRath a dheasaich agus a dh'fhoillsich cruinneachadh de na laoidhean aig Màiri a' cumail a-mach gun deach a h-iompachadh uaireigin eadar 1765 agus 1785, oir chaidh laoidh leatha fhoillseachadh an Dùn Èideann ann an 1785:
Thig led dhoille, ciont is daorsa
Fàg na aonar air-san 'n leatrom,
Dh'iarraidh teagaisg, riaghlaidh 's saoraidh
Tha iad annsan rin toirt seachad.
Seall le muinghinn an àirde
Chum nam beann da bheil do thaitneachd;
Nuair is trioblaidich a dhual dhut
Amhairc suas ri Triath nam feartan.
Càraich d' eallach air a ghuaillibh
Oir 's ann uaithe thig do neart-sa;
'S ged nach beachdaich thusa ghluasad
Creid gu luath gu bheil e 'm faisg ort
Feith gu foighidneach ri thìm-san
'S imich dìreach rèir a reachda
Ruith do rèis le fair' is dìcheall
'S ann le strì a nì thu streapadh.
B' ann ri linn a cas a bhriseadh a thàinig atharrachadh na beatha, ach cha do shlànaich a cas gu dòigheil agus bha aice ri bata agus croitse a chleachdadh fad a beatha an dèidh seo.
Phòs i òg, fear Clark, aig a robh beagan fearainn an Torra Dhamh an Gleann Truim. Bha an dachaigh mu choinneamh Creag Dhubh, le sealladh brèagha air a' ghleann. Chan eil mòran fios ri lorg mun duine aice ach tha an t-Urr. MacRath ag innse mar a thòisich Màiri an toiseach ri laoidhean a dhèanamh ann am Beurla agus mar a thug a cèile oirre an dèanamh ann an Gàidhlig.
Chan eil sgeul air càil a rinn i sa Bheurla agus chan eil ach seachd laoidhean Gàidhlig leatha air lorg an-diugh.
Tha e coltach gun deach a fàgail na banntrach 's i òg agus ged a bha clann aice cha d' fhuair i mòran taic bhuapa. Ged a bha nàbaidhean math dhith, bha i tric ann an èis:
'S mi mar dhèirceachan falamh,
Gun nì, gun fheudail, gun earras, gun stòr,
'S mi 'n dùil gun èist thu ri m' ghearan
'S do ghnùis le coibhneas gun deàlraich thu orm.
Na leig dhomh tionndadh bho d' leanail
Ach dèan mo stiùireadh 's mi aineolach dorch,
Le d' ghràs ath-nuadhaich-sa m' anam
'S dèan gràdh is fìrinn a bhuileachadh orm.
'S tric a las thu mo choinnleir
'S mi gun solas, gun soillse nam chòir,
Le do Spiorad tha saoibheir
Chum mo sheachran fhoillseachadh dhòmh-s'.
Sgrùdam d' fhocal gach oidhche
Stiùireas m' astar mar ghuide anns an ròd,
'S tionndaidheam dhachaidh bho m' fhaontraidh
Dh'ionnsaidh m' athair tha saoibheir an glòir.
Tha sgeulachd ag innse mar a bha ceistear na sgìre uair a' dol seachad air taigh Mhàiri agus thug e an aire gu robh fuaimean a-staigh. Nuair a dh'fhosgail e an doras, 's gann gum b' urrainn dha a chreidsinn gu robh Màiri a' dannsa am meadhan an làir. Ach mhìnich i dha gur e an t-adhbhar a bha i a' dannsa gu robh i a' faireachdainn cho toilichte gu robh i air a Slànaigheir a lorg.
Tha e coltach gun deach faighneachd do Mhàiri turas cia mheud duine dom b' urrainn dhith aoigheachd a thoirt aig àm òrduighean. Fhreagair i "Tha sabhal agam a chumadh fichead agus cridhe a chumadh ceud".
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.